Category Archives: dànamag

A’ toirt inbhe do dh’Astùrais | Xuan Porta

Bidh taghadh sgìreil ann an Astùrias air 29 den Chèitean, 2019, agus tha teans gum faigh luchd-taic a’ chànain Astùrais mòr-chuid san riaghaltas sgìreil sin. Ma thachras sin, tha teans gum faigh Astùrais inbhe oifigeil mu dheireadh thall. Tha Xuan Porta, neach-iomairt Astùrais, ag aithris dhuinn. Tha Asturianu, no Astùrais, am measg nan cànanan Eòrpach… Continue reading

Posted in asturian, asturian language, asturias, Cànain, Cànan & Cultar, dànamag, Gaelic, Gàidhlig, Naidheachdan & Poileataigs | Comments Off on A’ toirt inbhe do dh’Astùrais | Xuan Porta

#strick4climate

Bidh clann Sgoil Dhalabroig am measg na h-òigridh a bhios a’ togail fianais air feadh an t-saoghail mu atharrachadh na gnàth-shìde air 15 den Mhàrt. Seo tàladh beag a rinn Liam Alastair Crouse a’ beachdachadh air an uallach a th’ air guailnean a’ ghinealaich òig. #strike4climate o ba bà mo leanabh ba mo leanabh bà o ba… Continue reading

Posted in bàrdachd, climate change, dana, dànamag, Gaelic, Gàidhlig, global warming, Naidheachdan & Poileataigs, Scotland, Sgrìobhadh Cruthachail, south uist, strike4climate, uist | Comments Off on #strick4climate

A-null, ’s a-nall… agus a-nunn?

Mar neach-ionnsachaidh na Gàidhlig, a thog i bho chaochladh dhaoine, ann an caochladh sgìrean na h-Alba, tha mi air caochladh dhual-chainntean a chluinntinn thar nam bliadhnaichean (7, ma bhios sinn a’ cunntadh). Agus rud a tha air bualadh orm bho chionn ghoirid ’s mi a’ fuireach an Uibhist, ’s e cleachdadh nan rudan ris an… Continue reading

Posted in argyll, Cànain, Cànan & Cultar, dana, dànamag, Dwelly's, Earra-Ghàidheal | Comments Off on A-null, ’s a-nall… agus a-nunn?

Sgeulachd ghoirid | ‘Mallachd a’ Mhaighstir-Chiùil’ (1/3)

Sgeulachd le Axel Koehler, air a roinn ’na trì pàirtean. Tha Ùisdean MacLeòid air droch-naidheachd fhaotainn a tha ga thoirt air ais a Dhùn Èideann air tòir nan daoine a mhurt ’athair ’s a chur a bhràthair san taigh-chuthaich. Ach, air dha tilleadh, tha naidheachd eile a’ cur a’ chùis-rannsachaidh bun os cionn. I. Bha e mu… Continue reading

Posted in axel koehler, cò rinn e, dana, dànamag, lovecraft, murt, Rosg, Sgrìobhadh Cruthachail | Comments Off on Sgeulachd ghoirid | ‘Mallachd a’ Mhaighstir-Chiùil’ (1/3)

Lèirmheas leabhair | Cala Bendita ’s a Bheannachdan

Bho chionn seachdain, bha Duaisean Litreachais Chomann Chrann na h-Alba air an cumail agus an leabhar ùr aig Màrtainn Mac an t-Saoir – Cala Bendita ’s a Bheannachdan – air a’ gheàrr-liosta airson Leabhar na Bliadhna as Fhèarr. Tha Liam Alastair a’ toirt sùil air a’ chruinneachadh seo de sgeulachdan goirid. Cala Bendita ’s a… Continue reading

Posted in Cala Bendita, Cànan & Cultar, Comann Chrann na h-Alba, dana, dànamag, Gàidhlig, litreachas, Saltire Society, Saltire Society Awards | Comments Off on Lèirmheas leabhair | Cala Bendita ’s a Bheannachdan

Lèirmheas leabhair | A Book of Death and Fish

A Book of Death and Fish, le Ian Stephen Ri fhaotainn an còmhdach cruaidh bho Saraband Press £18.99   O ’s daor, ’s daor, ’s daor e Màl na mara ’s daor e; Am muir oirnne ’s daor e. Tha daonnan ga àiteach – ‘Màl na Mara’, le Murchadh MacPhàrlain   Bàs agus iasg. Theagamh… Continue reading

Posted in a book of death and fish, Cànan & Cultar, dana, dànamag, death and fish, Eilean Leòdhais, Gàidhlig, ian stephen, iasgach, lewis, litreachas, steornabhagh, Stornoway | Comments Off on Lèirmheas leabhair | A Book of Death and Fish

Bàrdachd | Àrmainn na Gàidhlig

le Alistair Paul  An Dàmhair Air dà bheinn àrd Air taobh an iar na h-Albainn Air iomall na Gàidhealteachd Àrd os cionn na talmhainn Sheas dà àrmann na Gàidhlig an cinn shuas sna sgòthan Shuas dha na speuran Bu bhrìoghmhor am briathran B’ ann a chrith an talamh fon casan Nuair dh’fhosgail iad am beòil… Continue reading

Posted in bàrdachd, BBC Alba, dana, dànamag, deasbad, deasbad Gàidhlig, Gàidhlig, iutan dearg, iutan dearg; deasbad a' ihutain dheirge; dana; dàna; dànamag; danamag; gàidhlig; bbc alba; mg alba; beurla, MG Alba, Sgrìobhadh Cruthachail | Comments Off on Bàrdachd | Àrmainn na Gàidhlig

“Fonn an Rapair” | Natural Lorne Killaz

Dh’fhaoidte nach buin rap – mar as eòl dhuinn e – don t-saoghal Ghàidhlig, theireadh cuid. Ach tha Liam Alastair a’ coimhead air gluasadan san tradaisean bho chionn ghoirid a tha a’ carrachd ris an nòs-seinn seo aig ‘Partaidh an Dlùth-Chomainn’.   Air an dara deireadh-sheachdain às dèidh an Referendum mhòir, thruis luchd-taic an neo-eisimealachd… Continue reading

Posted in Cànan & Cultar, Ceòl, cultar, dana, dànamag, Gàidhlig, griogair labhruidh, griogair lawrie, iain lom, rap | Comments Off on “Fonn an Rapair” | Natural Lorne Killaz

Gàidhlig Mhanainneach ann an 10 faclan

Sheachain an t-Eilean Manainneach, no an t-Eilean Seunta mar a chanadh ris ann an seann duan, a bhith air a tharraing a-staigh do dh’Alba mar a’ chuid eile de dh’Innse Gall anns na Meadhan Aoisean, agus cha robh i riamh mar phàirt de dhùthaich eile, no fiù ’s den Aonadh Eòrpach. Chan eil e na… Continue reading

Posted in Cànain, Cànan & Cultar, dana, dànamag, dualchainnt, gaelg, Gaelic, Gàidhlig, isle of man, Mann, manx, manx gaelic, Scottish Gaelic, y Ghaelg | Comments Off on Gàidhlig Mhanainneach ann an 10 faclan

Adhradh Gàidhlig aig Eaglais nam Manach Liath (Dùn Èideann)

‘S fhada on a tha seirbheis Ghàidhlig air a cumail ann an Dùn Èideann agus tro na bliadhnaichean, ged as iomadh àite anns an deach a cumail, tha cruth na seirbheise cha mhòr gun atharrachadh on 18mh linn. Fa chomhair crìonadh cànain ‘s coimhearsnachd thar nam bliadhnaichean, tha dòchas agus dìorras fhathast a’ stiùireadh na… Continue reading

Posted in adhradh, Alba, aoradh, beatha na lànachd, Cànain, Cànan & Cultar, cultar, dana, dànamag, dùn èideann, eaglais ghàidhealach, eaglais nam manach liath, Gaelic, Gàidhlig, greyfriars | Comments Off on Adhradh Gàidhlig aig Eaglais nam Manach Liath (Dùn Èideann)