Category Archives: dana

Còig fhaclan Uibhisteach

Thar an deireadh-sheachdain, bha a’ chiad fhèill litreachais sa Ghàidhlig ga cumail ann an Uibhist a Deas, ‘Às an Tobar’. Bha Catrìona NicIlleDhuibh an làthair, a’ bruidhinn mu fhaclan san leabhar ùr aice, Forradh: Sly Cooking – taghadh bho fhaclan is abairtean a chruinnich Mgr Ailein ann an Uibhist agus Èirisgeidh. Feasgar a’ chiad latha… Continue reading

Posted in Cànain, Cànan & Cultar, ceòlas, dana, gaelic uist, Gàidhlig, Scottish Gaelic, Uibhist, uist | Comments Off on Còig fhaclan Uibhisteach

Dacha mo Ghaoil | Tatù Airm an Tùir Spasskaya

Bha Liam thall sa Chremlin bho chionn ghoirid às leth Special Counsel Mueller ’s e a’ sgrùdadh na dlùth-dhàimh eadar an Ceannard agus am Pop Icon as fheàrr leis. Feuch mar a chaidh dha. Do dhaoine a bhuineas do dhùthchannan NATO ’s nach eil air a bhith ann am prìomh-bhaile na Ruis roimhid, ’s dòcha… Continue reading

Posted in dana, Gaelic, Gàidhlig, kremlin, pipe band, red square, russia, siubhal, spasskaya, tattoo | Comments Off on Dacha mo Ghaoil | Tatù Airm an Tùir Spasskaya

Cairt Revolut | a’ siubhal nas glice

GBP gu CZK gu EUR gu HUF agus tòrr sheòrsaichean airgid a bharrachd leis a’ chairt chreideis seo aig a’ chompanaidh ùr, Revolut. ’S gann gu bheil mi air tilleadh às an Roinn Eòrpa, a’ siubhal a-mach ’s a-steach tron Raon Euro agus chan eil ach moladh agam airson na cairt ùir a chleachd sinn… Continue reading

Posted in airgead, Cànan & Cultar, currency, dana, euro, Gàidhlig, revolut, Roinn Eòrpa, siubhal, Teicneòlas | Comments Off on Cairt Revolut | a’ siubhal nas glice

A-null, ’s a-nall… agus a-nunn?

Mar neach-ionnsachaidh na Gàidhlig, a thog i bho chaochladh dhaoine, ann an caochladh sgìrean na h-Alba, tha mi air caochladh dhual-chainntean a chluinntinn thar nam bliadhnaichean (7, ma bhios sinn a’ cunntadh). Agus rud a tha air bualadh orm bho chionn ghoirid ’s mi a’ fuireach an Uibhist, ’s e cleachdadh nan rudan ris an… Continue reading

Posted in argyll, Cànain, Cànan & Cultar, dana, dànamag, Dwelly's, Earra-Ghàidheal | Comments Off on A-null, ’s a-nall… agus a-nunn?

An Tùsanach Trèigte | An Treubh Naragansait; Pàirt I

Sna h-artaigealan seo, bidh Liam Alastair a’ toirt sùil air eachdraidh, cultar an latha an-diugh agus ath-bheothachadh cànain nan Naragansat, treubh tùsanach an Eilein Ròdaich. ‘S fhada on a bha an treubh ionadail againn, an Naragansat (Beurla: Narragansett), a’ còmhnaidh ‘s a’ gabhail sealbh air an fhearann timcheall a’ bhàigh air a bheil ‘Bàgh nan Naragansat’… Continue reading

Posted in Cànan & Cultar, cultar, dana, Eilean Ròdach, indian, Narragansett, native american, Rhode Island, siubhal, tribes | Comments Off on An Tùsanach Trèigte | An Treubh Naragansait; Pàirt I

Sgeulachd ghoirid | Calum cadalach agus na Caoraich

le Liam Alastair Crouse Bha Calum cadalach. Air neo, bha e supposed-to-be cadalach, ach cha robh e idir cadalach. Agus bha i a’ teannadh air deich uairean san oidhche. Bha aige ri èirigh tràth an ath-mhadainn gus a dhol don sgoil. Mar sin, dh’fheumadh e fàs nas cadalach[1] na bha e, an ùine nach robh fada.… Continue reading

Posted in calum cadalach, caora, caoraich, dana, Rosg, Sgrìobhadh Cruthachail | Comments Off on Sgeulachd ghoirid | Calum cadalach agus na Caoraich

Sgeulachd ghoirid | ‘Mallachd a’ Mhaighstir-Chiùil’ (1/3)

Sgeulachd le Axel Koehler, air a roinn ’na trì pàirtean. Tha Ùisdean MacLeòid air droch-naidheachd fhaotainn a tha ga thoirt air ais a Dhùn Èideann air tòir nan daoine a mhurt ’athair ’s a chur a bhràthair san taigh-chuthaich. Ach, air dha tilleadh, tha naidheachd eile a’ cur a’ chùis-rannsachaidh bun os cionn. I. Bha e mu… Continue reading

Posted in axel koehler, cò rinn e, dana, dànamag, lovecraft, murt, Rosg, Sgrìobhadh Cruthachail | Comments Off on Sgeulachd ghoirid | ‘Mallachd a’ Mhaighstir-Chiùil’ (1/3)

Lèirmheas leabhair | Cala Bendita ’s a Bheannachdan

Bho chionn seachdain, bha Duaisean Litreachais Chomann Chrann na h-Alba air an cumail agus an leabhar ùr aig Màrtainn Mac an t-Saoir – Cala Bendita ’s a Bheannachdan – air a’ gheàrr-liosta airson Leabhar na Bliadhna as Fhèarr. Tha Liam Alastair a’ toirt sùil air a’ chruinneachadh seo de sgeulachdan goirid. Cala Bendita ’s a… Continue reading

Posted in Cala Bendita, Cànan & Cultar, Comann Chrann na h-Alba, dana, dànamag, Gàidhlig, litreachas, Saltire Society, Saltire Society Awards | Comments Off on Lèirmheas leabhair | Cala Bendita ’s a Bheannachdan

Lèirmheas leabhair | A Book of Death and Fish

A Book of Death and Fish, le Ian Stephen Ri fhaotainn an còmhdach cruaidh bho Saraband Press £18.99   O ’s daor, ’s daor, ’s daor e Màl na mara ’s daor e; Am muir oirnne ’s daor e. Tha daonnan ga àiteach – ‘Màl na Mara’, le Murchadh MacPhàrlain   Bàs agus iasg. Theagamh… Continue reading

Posted in a book of death and fish, Cànan & Cultar, dana, dànamag, death and fish, Eilean Leòdhais, Gàidhlig, ian stephen, iasgach, lewis, litreachas, steornabhagh, Stornoway | Comments Off on Lèirmheas leabhair | A Book of Death and Fish

Bàrdachd | Àrmainn na Gàidhlig

le Alistair Paul  An Dàmhair Air dà bheinn àrd Air taobh an iar na h-Albainn Air iomall na Gàidhealteachd Àrd os cionn na talmhainn Sheas dà àrmann na Gàidhlig an cinn shuas sna sgòthan Shuas dha na speuran Bu bhrìoghmhor am briathran B’ ann a chrith an talamh fon casan Nuair dh’fhosgail iad am beòil… Continue reading

Posted in bàrdachd, BBC Alba, dana, dànamag, deasbad, deasbad Gàidhlig, Gàidhlig, iutan dearg, iutan dearg; deasbad a' ihutain dheirge; dana; dàna; dànamag; danamag; gàidhlig; bbc alba; mg alba; beurla, MG Alba, Sgrìobhadh Cruthachail | Comments Off on Bàrdachd | Àrmainn na Gàidhlig