Category Archives: Sgrìobhadh Cruthachail

A’ Phàirc

Tha Camanachd an Eilein a’ comharrachadh 125 bliadhnaichean. Sgrìobh Eòghan seo o chionn bhliadhnaichean mar chnuasachadh air a’ chomann shònraichte sin. ’S ann an-seo a thòisicheas e uile. Preasan teann conaisg a-measg creagan lom na siorraidheachd a shìneas on bhrùthaich-chùil dha na buailtean-samhraidh. Tha an taigh-comainn a’ greimeachadh ri leac an leathaid thall, le pàirc… Continue reading

Posted in Iomain, Rosg, Sgrìobhadh Cruthachail, Spòrs | Comments Off on A’ Phàirc

Soraidh le Cassini (Òran Gaoil)

Air 15mh Sultain shiubhail an carbad-fànais Cassani gu a bhàs ann an àile Suturn as dèidh dha fichead bliadhna a chur seachad ri mion-sgrùdadh air a’ phlanaid . Dhan fheadhainn a lean a thuras b’ e latha brònach a bh’ ann. Sgrìobh mi an dàn seo às dèidh dhomh agallamh fhaicinn le tè a bha an… Continue reading

Posted in bàrdachd, Cassini, fànas, Satarn, Sgrìobhadh Cruthachail | Comments Off on Soraidh le Cassini (Òran Gaoil)

M’ Fhidhle | Bàrdachd

Sreath de dhàin le Alistair Paul M’Fhidhle I Is tusa as fhaisge orm a laigheas Do chorp sìnte fo mo cheann Is tusa a ghèilleas do mo mhiann Do cheannsa air creathail mo làimhe Is cùbhraidh ar tìde còmhla Greisean ro ghann air an goid Bho triall na beatha làitheil Cniadaichidh mo mheòir do mhuineal… Continue reading

Posted in bàrdachd, Sgrìobhadh Cruthachail | Comments Off on M’ Fhidhle | Bàrdachd

Conasgach | Bàrdachd

Do chloinn Mhanchester le Eòghan “Gràdhaichibh a chèile. Cha d’fhiach rud eile san t-saoghal seo ach gràdh” – Victor Hugo tha an saoghal a’ spreadhadh an-diugh cho biorach ’s cho buidhe ris a’ chonasg air a’ chreig àilleachd is àileadh a’ chnò-chòco an lùib nan gathannan ’s a’ ghuidheachain tha crùn conaisg air ar cruinne… Continue reading

Posted in bàrdachd, Sgrìobhadh Cruthachail | Comments Off on Conasgach | Bàrdachd

An luath-ruith, Tóiceó | Bàrdachd

le Steaphan MacRisnidh An luath-ruith, Tóiceó. air ar dinneadh le taistealaich a bhrùchd don charbad mar dhlùth-chàirdean aig daoine a bu daoine le daoin’ eile. a’ fulang an fhàsgaidh air cruachainn is lurgainn, uileann air sgeilp gualainn, ’s fón-làimh’ air uachdar cinn. gun dìochuimhnichear d’àrdan ged a dh’fhaodadh tu bhith glacte eadar druim fir is… Continue reading

Posted in bàrdachd, Gun roinn-seòrsa, Sgrìobhadh Cruthachail | Comments Off on An luath-ruith, Tóiceó | Bàrdachd

Mairead Bhàn Ailleanach

Chaidh an dàn seo a sgrìobhadh bho chionn ceud bliadhna aig àm a’ Chogaidh Mhòir le saighdear à Arainn. ‘Na chuid bhàrdachd chuir an t-ùghdar an cèill na faireachdainnean aige ma dhachaidh is ma leannan agus mar a bha iad seo ga chumail a’ dol tro oillt a’ chatha. B’ e measgachadh de Bheurla is Gàidhlig a… Continue reading

Posted in An Cogadh Mor, bàrdachd, Gàidhlig Arainn, òran gaoil, Sgrìobhadh Cruthachail | Comments Off on Mairead Bhàn Ailleanach

Bàrdachd a’ Mhàirt | Eòghan

Àth-aoil   Thig ciaradh air mo chuimhne, Blas an aoil air mo theangaidh. A dh’aindeoin gach searbhachd, Air mo ghaol, cha tig seargadh.     Am Màrt   Thig leis a’ Mhàrt làithean soilleir uisgeachan fuara cridheachan faoin briste athraichean gam buain ro ghrad.   – @eoghanuig     Roinn Continue reading

Posted in bàrdachd, Sgrìobhadh Cruthachail | Comments Off on Bàrdachd a’ Mhàirt | Eòghan

’S Nach Goirid ar Sùgradh le Chèile air Eilean a’ Cheò | Marcel Gurillo

Bhuannaich an dàn seo le Marcel Gurillo Duais Bàrdachd a’ Chomuinn Oiseanaich 2016 A-rithist, tha sinn fada an comann a’ Chomuinn Oiseinich a bhith a’ foillseachadh nam buannaichean aca am-bliadhna-sa. ’S Nach Goirid ar Sùgradh le Chèile air Eilean a’ Cheò  Ò ainnir mo ghaoil nach tùrsach tha mise o dh’fhalbh thu bhuam, Cha ghabh… Continue reading

Posted in bàrdachd, Sgrìobhadh Cruthachail | Comments Off on ’S Nach Goirid ar Sùgradh le Chèile air Eilean a’ Cheò | Marcel Gurillo

Às a Dhèidh | Tormod MacLeòid

Choisinn an sgeulachd ghoirid seo Duais Litreachais a’ Chomuinn Oiseanaich 2017 Tha sinn fada an comann a’ Chomuinn airson an cothrom seo fhoillseachadh Rìgh nan speur gar toirt gu tuath. Bha a’ chlann ga mo leantainn air mo chùlaibh ’s iad sgìth às dèidh dhomh an dùsgadh am meadhan na h-oidhche. Dh’fheumadh sinn falbh ge-tà.… Continue reading

Posted in Rosg, Sgrìobhadh Cruthachail | Comments Off on Às a Dhèidh | Tormod MacLeòid

Faoileag Mhòr | Bàrdachd

le Eòghan Stiùbhart B’ àbhaist dhan fhaoileig mhòir na tuinn a riaghladh ’s a’ creachadh stòras nan cuantan ’s i a’ sgiathlaich ’s ged bha i ceart cho làn de chac ’s tha an-diugh innte bha beagan glòir fhaoin ann am meud a sgiathan   A-nist bidh i a’ riaghladh nan sìtigean a’ biathadh a… Continue reading

Posted in bàrdachd, Sgrìobhadh Cruthachail | Comments Off on Faoileag Mhòr | Bàrdachd