Category Archives: Comhairle nan Leabhraichean

Liam

Liam Alastair Crouse Halò, ‘s mise Liam; ‘s ann às a’ furthest Hebride a tha mi – an t-àite beag uaine, làn-chearcanach ris an abrar Rhode Island. Tha mi an seo gus greis-gnìomhachais a dhèanamh aig Acair ‘son cola-deug mar phàirt de chùrsa f… Continue reading

Posted in Acair, Comhairle nan Leabhraichean, Foghlam, Oilthigh Shruighlea, Publishing, Stirling University, Stornoway, student, work experience | Comments Off on Liam

Cothrom air chall ach am faic sinn nòs ùr?

Tha an gainnead airgid a-nis a’ toirt greim às a’ Ghàidhlig. Cha iongnadh sin. Tha an tuarastal aig tòrr againn air a bhith reòite fad 2 no 3 bliadhnaichean a-nis agus mura h-eil thu nad bhancair, bhall-pàrlamaid no spuinnedair ‘hedge fund’, tha s… Continue reading

Posted in ceol ur, CLI, Comhairle nan Leabhraichean, Cothrom, na gathan, nòs | Comments Off on Cothrom air chall ach am faic sinn nòs ùr?

Acair aig a’ Mhòd!

Tha sinn fhàthast a’ faighinn seachad air seachdain a’ Mhòd an seo aig Acair HQ, ach abair gun robh seachdain làn spòrs agus fealla-dhà againn shios ann am Pàislig!Catherine, Calum agus Maria sa PhiazzaBha ‘buzz’ ann dha-rireabh nuair a ràinig s… Continue reading

Posted in Acair, Aiteal, Catriona Lexy Caimbeul, Comhairle nan Leabhraichean, Gaelic, Gàidhlig, Mòd Phàislig, Publishing, sgriobhadairean, storlann | Comments Off on Acair aig a’ Mhòd!

Còisir nan Gunna

Is e 1940 a th’ann, agus tha an cogadh ann an Eòrpa a’ dol gu làidir, le airmean Hitler a’ dèanamh ionnsaigh air gach dùthcha agus feum aig Breatainn agus an Fhraing seasamh nan aghaidh. Uill, sin a shaoil Uilleam MacLeòid nuair a chaidh e don arm, co-dhiù. Anns an Fhraing chan eil càil a’ tachairt, agus chan eil ann an cogadh Uilleam ach sàirdseantan fiadhaich, bully beef a-mach a tionaichean, a’ seasamh faire ann an trainnse airson uairean-a-thìde fada – agus sabaid ghoirid gheur bho àm gu àm. Chan e seo na bha e a’ sùileachadh bhon chogadh, ach ’s dòcha gum fàsadh e cleachdte ris; mura biodh airmean a’ Ghearmailt ag ullachadh airson blitzkrieg mhòr ris nach eil an Fhraing neo Breatainn deiseil idir, agus a bheir Uilleam agus a charaidean sios an rathad iargalta a tha a’ stad aig baile beag air oir-thìr na Frainge: Saint Valéry-en-Caux.
Seo agaibh Còisir nan Gunna, a’ chiad leabhar bho Anndra Dunn agus cuideachd a’ chiad leabhar bhon t-sreath ficsean Gàidhlig ùr againn, Aiteal.  Tha sinn air seachdainn an launch a’ ruighinn mu thràth agus a-nisd a’ dèanamh deiseil airson turas a Dhùn Èideann! Tha sinn uile air a bhith trang aig Acair HQ o chionn ghoirid, a’ deasachadh an leabhar agus cuideachd ag obair air an ath leabhar san t-sreath Aiteal, ach tha sinn fìor thoilichte a radh gu bheil Còisir nan Gunna deiseil agus gum bi e a’ nochdadh ann an clò aig Fèis Leabhraichean Eadar-Nàiseanta Dhùn Èideann an t-seachdain-sa. Bidh tachartas againn  còmhla ri Comhairle nan Leabhreaichean airson an leabhar a chur air bhog air Diardaoin 22mh, aig am Party Pavilion, Charlotte Square Gardens, Dhùn Èideann eadar 2-4f.  Leughaidh Anndra earrannan bhon leabhar, bidh glainne fìon ann dhuibh agus bidh cuideachd cothrom an leabhar a cheannachd ann am bùth an Fhèis far am bi Anndra a’ deanamh signings!

Tha sinn an dòchas gun tèid agaibh a bhith ann, mur a bith e comasach dhuibh a bhith ann, seo blasad beag bhon leabhar air a leughadh le Anndra fhèin:

An t-Ùghdar

Rugadh Anndra Dunn ann an 1987 agus tha e air a bheatha a chaitheamh eadar Leòdhas  agus Obar-Dheathain, far an deach e don Oilthigh airson ceum a dhèanamh ann an Gàidhlig agus an uairsin for-cheum ann an sgrìobh  air caochladh de chuspairean agus smaoinich e mu dheireadh thall gun robh cho math dha leabhar a sgrìobhadh. ‘S e Còisir nan Gunna a’ chiad leabhar aige
adh cruthachail. Bidh e a’ dèanamh fada cus leughadh

  “Tha nobhail Anndra Dunn a’ toirt cothrom do luchd-leughaidh ceum a ghabhail gu starsnaich linn eadar-dhealaichte. Air a rannsachadh ann an doimhneachd agus le gibht airson còmhradh beòthail, tha e mar sgàthan air beatha òigridh eileanach tron Darna Cogadh – iongantach air leth a’ tighinn bho pheann fear cho òg.”

D. S. Moireach

Seo bhideo beag eile, bho agallamh a’ rinn Anndra dhuinn mìos sa chaidh nuair a thainig e a’ chèilidh oirnn san oifis…

  

 

Duais Dhòmhnaill Meek/Còisir nan Gunna Book Launch
2-4pm, Thursday 22nd August 2013
The Party Pavilion, Charlotte Square Gardens
Edinburgh

Continue reading

Posted in Acair, Aiteal, Anndra Dunn, Còisir Nan Gunna, Comhairle nan Leabhraichean, Edinburgh International Book Festival, festival, Gaelic, Gàidhlig, Isle of Lewis, Publishing, Stornoway | Comments Off on Còisir nan Gunna

Cothrom ùr do sgriobhadairean!

Tha Acair, le taic bho Chomhairle nan Leabhraichean, a’ leasachadh sreath ùr ficsean Gàidhlig do dh’inbhich. Tha grunn sgrìobhadairean ag obair an-dràsta, cuid a’ sgrìobhadh sgeulachdan goirid agus cuid eile ag obair air nobhail.  Thuir… Continue reading

Posted in Acair, Agnes Rennie, Anndra Dunn, books, Catriona Lexy Caimbeul, Comhairle nan Leabhraichean, Cothrom, Gaelic, Gàidhlig, Publishing, sgriobhadairean | Comments Off on Cothrom ùr do sgriobhadairean!