Category Archives: biadh

Gruth is càise na h-Àisia

Sùil aig Steaphan air biadh suaicheanta na h-Iapain agus taobh an ear na h-Àisia – TÓFU. Ghabh mi cuairt gu taigh-bìdh o chionn ghoirid far a bheil iad a’ sònrachadh ann an còcaireachd TÓFU. Is dòcha gu bheil aithne aig a’ mhòr-chuid againn air an fhacal Iapanach TÓFU ach chan eil fhios agamsa a bheil… Continue reading

Posted in bainne-sòighea, biadh, biadh Iapanach, gruth, slaman, soya, tofu | Comments Off on Gruth is càise na h-Àisia

Ceann-cinnidh nam maragan uile

Mùirneach, cridheil ’s a tha d’ aodann Ceann-cinnidh mòr nam maragan uile, Os an cionn, tha thu nad shuidhe, Maodal, sgamhan, mionach no caolan, ‘S tu tha airidh air an altachadh daonnan Cho fada rim làimh ’s rim ghàirdean. Tàth-chuid 1 mhaodal caora Mionach na caora (ʼs e sin: an t-adha, an cridhe, na sgamhanan)… Continue reading

Posted in bàrdachd, biadh, Burns, Cànan & Cultar, còcaireachd, litreachas, Raibeart Burns, reasabaidh, taigeis | Comments Off on Ceann-cinnidh nam maragan uile

Buain Nam Balgan-Buachair

Cò na ceanglaichean a th’ann eadar dualchas na Gàidhlig agus balgain-buachair? Ma tha iad ann, tha iad gann. Chan fhaca mi fhèin iomradh orra ann an òrain no bàrdachd no eile. Tha an t-ainm fhèin ag innse dhuinn mun ìomhaigh a bh’aig na Gàidheil orra, ’s e sin rudeigin aig an robh buinteanas do shalachar… Continue reading

Posted in balg-buachair, balg-losgainn, balgain-bhuachair, balgan-buachair, balgan-losgainn, biadh, Cànan & Cultar, Foghlam, nadar | Comments Off on Buain Nam Balgan-Buachair

“Ris a’ Bhriuthais” | Uisge-Beatha Tiristeach

Tha an neach-ciùil Tiristeach ainmeil Iain Mac a’ Ghobhainn air a làmh a chur ri gnothach ùr – ath-nuadhachadh gniomhachas an uisge-bheatha ann an “Tir an Eòrna”. Bhruidhinn Dàna ris.   Hallo Iain, saoil am minich dè thug oirbh companaidh uisge-beatha a thòiseachadh ann an Tiriodh? Bha fhios aig mi-fhìn agus Ailean Caimbeul, a tha… Continue reading

Posted in biadh, Cànain, Cànan & Cultar, Gun roinn-seòrsa | Comments Off on “Ris a’ Bhriuthais” | Uisge-Beatha Tiristeach

Bainnsean ann am Miughalaigh

Tiotal a’ Chlàir – Bainnsean ann am Miughalaigh. Gheibheadh a h-uile duine ann am Miughalaigh cuireadh gu banais. Bhiodh fìon, uisge-beatha agus biadh gu leòr ann. Bhiodh an rèiteach agus a’ bhanais ann an dachaigh na tè a bha a’ pòsadh. Dh’fheumadh iad a dhol a Bhàgh a’ Chaisteil airson a’ phòsaidh fhèin, oir cha robh… Read More Bainnsean ann am Miughalaigh Continue reading

Posted in bainnsean, banais, biadh, Gun roinn-seòrsa, Miughalaigh, pòsadh, Seall agus Èist, Tar-sgrìobhaidhean, uisge-beatha | Comments Off on Bainnsean ann am Miughalaigh

Am Beic-Off Mòr Breatannach | Morvyn Mheinnearach

Chaidh a ràdh gun robh Am Beic Off na fìor dheagh eisimpleir de ‘Nuadh’ Bhreatainn. Ach a bheil am prògram seo a’ soillseachadh dhuinn an cèic mòr Breatannach no a’ còmhdachadh nam beàrnan le silidh ’s icing? Am-bliadhna sa cha mhòr nach d’fhuair gach duine à mion-shluagh aite ’sa chlàr – dithis Innseanaich, dithis co-sheòrsaich agus dithis Albannaich. Chruthaich… Continue reading

Posted in biadh, Cànan & Cultar | Comments Off on Am Beic-Off Mòr Breatannach | Morvyn Mheinnearach

Leann nam Biast

Cò idir a chuala mu leann nam biast, air neo leum[1] nam biast? Bidh cuid mhath de na h-Uibhistich os cionn aois dà fhichead eòlach gu leòr air – seòrsa de leann a bhathar a’ grùdadh an Uibhist (agus air Ghàidhealtachd, tha e coltach). Dèan gùgal dheth agus chan fhaigh thu ach aon iomradh a-staigh… Continue reading

Posted in beastie beer, biadh, Cànan & Cultar, ceòlas, leann nam biast, Uibhist | Comments Off on Leann nam Biast

Coffee and Craic | Àite blàth sa gheamhradh fhuar

Bho dh’fhosgail dorsan ‘Coffee and Craic’ an Glaschu san Dàmhair, tha deagh fhèill air a bhith air a’ bhùth am-measg an dà chuid luchd-na-Gàidhlig agus luchd-a’-chofaidh bho Bhaile Fhionnaidh gu Baile Eilidh. Tha fhios a’m; chunnaic mi sibh a’ clàradh a-steach innte air Facebook. Tha 25 lèirmheasan aca; tha sin nas mò na th’ againne! ‘S cinnteach… Continue reading

Posted in biadh, Cànain, Cànan & Cultar, cofaidh 's craic, coffe and craic, Gaelic, Gàidhlig, glaschu | Comments Off on Coffee and Craic | Àite blàth sa gheamhradh fhuar

Feòil, feòil, feòil

Leugh mi ann an iris bìdh gun do dh’ ith na Gearmailtich 20 kg feòil circe gach duine sa bhliadhna 2013. Anns na 1950an b’ àbhaist dhaibh 2 kg ithe gach duine gach bliadhna. Àiteigin eile leugh mi gum biodh … Continue reading Continue reading

Posted in àrainneachd, biadh, comann | Comments Off on Feòil, feòil, feòil

An té nach dèan cur sa Mhàrt…

    Peasraichean aig tòiseach a’ Chéitein —-> agus mìos as-dèidh sin: wow 😀     Cularanan aig tòiseach a’ Chéitein —-> agus mìos as-dèidh sin: beagan slaodach, ach a’ fàs co-dhiù (an fheadhainn beaga bìodach anns na poitean, sin piobaran).     … Continue reading Continue reading

Posted in an samhradh, biadh, lios | Comments Off on An té nach dèan cur sa Mhàrt…