Category Archives: slàinte

Cha tig às a’ phoit ach an toit a bhios innte.

‘S dòcha gu bheil sinn ullamh gus smaoineachadh uaireannan gur e “obair latha tòiseachadh“; ach às dèidh dhomh a bhith a’ leughadh mun leithid seo de dh’atharrachadh a thug Eilidh Sgaimeal  air a caitheamh-beatha ann am beagan is bliadhna, “’s e an-diugh an latha, agus ’s e seo an t-àm” a tha a’ tighinn a-steach orm an-dràsta.… Continue reading

Posted in coiseachd, fallaineachd, Gnothaichean eile, slàinte, strì | Comments Off on Cha tig às a’ phoit ach an toit a bhios innte.

Litir mu dhéidinn ME le Branwen Alaw Ifans




Dealbh a chaidh a thaghadh le Branwen fhéin.  

Seo dhuibh litir a chaidh a sgrìobhadh le mo charaid Branwen Alaw Ifans. Tha Branwen á Llanelli ann an Siorramachd Gaerfyrddin, anns a’ Chruimrigh agus tha a’ Chuimris aice bho thùs. Chaidh diagnos ME a dhèanadh air Branwen dar a bha i 18 bliadha a dh’aois, ged a tha e a’ strì leis an tinneis bhon a bha i mu 16.

Sgrìobh Branwen gu Ceannard Plaid Cymru, Leanne Wood (Ball Seanadh na Cuimrigh) agus bu mhath leatha mothachadh air ME a dhùisgeadh.
Ma tha ùidh agaibh anns a’ chuspair, no nam bu mhath leibh beachdan a thabhairt do Bhranwen, nach sgrìobh sibh beachdan aig bun na duilleige agus feuchaidh i bhur freagairt.
Seo agaibh na sgrìobh i:


  

         A Leanne chòir,

Tha mi dìreach air alt mu bhur déidhinn a leughadh air làraich-lìn Action for ME. Bha iongantas orm ri chluinntinn mu dhéidhinn bhur ceangal ri ME agus tha comh-dhoilgheas agam airson bhur beud. Mar chuideigin air a bheil fhéin an tinneas seo, bidh mi a’ tuigsinn glan nan duilgheadasan a tha ceangailte ris bho latha gu latha. 
Tha iomadh ainmeannan air an tinneas seo – CFS, ME, SEID agus eile. Ged a tha na h-ainmeannan eadar-dhealaichte, ‘s e na ceart chomharraidhean a th’ aige. Dhomhsa, mar móran de dhaoine eile den leithid – tha an tinneas seo gu math cruaidh. Chan eil agam ri mhìneachadh dhuibh mu dhéidhinn buaidhean an tinneis seo. 
Tha trioblaid mhór leis an tinneas seo, a tha ri fhaicinn ann an iomadh dòighean. Anns a’ chiad dol a-mach, feumaidh beachdan a’ mhór-shluaigh atharrachadh. Cha ghabhas mór-chuid de daoine air a bheil an tinneas seo gu da-rìribh – leis a’ mhór-shluaigh, no luchd-obrach léigheil. 
Tha iomairt mhothachadh nam mór-shluaigh am feum gus stad a chur air seo. Tha mi CFS/ME/SEID cho duilich ri trioblaid slàinte sam bith. ‘S i an fhìrinn, air sàilleibh ganntachd de roghainnean leigheasaidh airson nam fulangaichean – gun abrainn gu bheil e fada nas miosa bho bidh sinn fàgta ri léireadh.  
Tuillidh air seo, tha ìre in-ionmhas rannsachadh CFS/ME/SEID gu math ìosal, chan ann anns a’ Chuimrigh a-mhàin, ach aig ìre na cruinne. Bu chòir do dhùthaichean bheaga de leithid na Cuimrigh a bhith a’ gabhail a’ chothroim agus a bhith a’ stiùireadh rannsachaidh gus aithne a thabhairt air tùs an tinneis agus ìocshlaint, an àite roghainnean leigheasaidh neo-tharbhaich.  
Mu dheireadh thall, tha mi den bheachd gum bu chòir dhuinn taic Seirbheis Nàiseanta na Slàinte (NHS) a leasachadh. Mar a tha cùisean gu làthaireach, bidh e a’ togail ùine mhór mun gheibh daoine diagnosais. Cha deachaidh diagnos a dhèanamh orm fhéi’ leis an NHS, agus aig mo theaghlach ri phàigheadh airson seirbhis prìobhaideach na slàinte.  

Tha fhios agam gum bi an cuspair seo duilich dhuibh, ach tha mi cinnteach gu bheil an neart agus co-fhaireachdainn agaibh a bhith gar cuideachadh ri bhuadhachadh air an tinneas seo.

         Le dùrachdan
         Branwen Alaw Ifans
   


Continue reading

Posted in Alba, CFS, Gàidhlig, ME, SEID, slàinte | Comments Off on Litir mu dhéidinn ME le Branwen Alaw Ifans

SLÀINTE CUIRP

NOTA FIOSRACHAIDH Tha an earrainn seo air a tarraing à leabhar a dh’fhoillsicheadh ann an 1877 le A Sinclair (A Mac na Ceàrda), ’s a bh’ air a sgrìobhadh le D MacGilleDhuibh, a bha na lighiche à Poll Iù, Taobh Siar Rois. ’S e “Eòlas agus Seòladh do Luchd-Euslainte” a b’ ainm don leabhar. THA […] Continue reading

Posted in bodhaig, corp, dotair, eu-slàinte, euslainteach, fallain, Leughadh Fiosrachaidh, ospadal, slàinte | Comments Off on SLÀINTE CUIRP

Na cuibhlichean a’ tionndadh

An ath mhìos, thèid sgeama rothaireachd a chur air bhog ann an Glaschu. Coltach ris na Baidhseagalan Boris a th’ aca ann an Lunnainn, bidh 400 rothair ri fhaighinn air mhàl tron sgeama, aig 31 àiteachan sa bhaile, ‘s a’ mhòr-chuid dhiubh ann am meadhan a’ bhaile agus san Taobh an Iar. Rè ùine Geamaichean… Continue reading

Posted in featured, glaschu, Naidheachdan & Poileataigs, Rothaireachd, slàinte, Spòrs | Comments Off on Na cuibhlichean a’ tionndadh

Onarach…no amaideach?

Dè tha Johann Lamont ris? Tha nàiseantaich aig Holyrood air an dòigh an-diugh às dèidh mar a dh’iarr ceannard Albannach nan Làbarach “deasbad onarach” air cosgais cuid de pholasaidhean an riaghaltais. Gu sònraichte, thog i cuingidhean-leigheis saor an asgaidh, foghlam oilthigh gun… Continue reading

Posted in eaconamaidh, Foghlam, slàinte | Comments Off on Onarach…no amaideach?

Seachdain sa chaidh

Bha seachdain gle thrang! Rinn mi coinneamh comhla ri mo dhotair trath madainn Diluain agud fhuair mi prescriptions airson mo phalsy. As deidh sin, rinn mi lethbhreacain mo thaisbeanadh aig an taigh airson coinneamh bhliadnail aig Meetup Gaidhlig Ghlas… Continue reading

Posted in glasgow's gaelic meetup, Meetup Gaidhlig Ghlaschu, Mo Bheatha, slàinte, Social Media Week Glasgow | Comments Off on Seachdain sa chaidh

O mo chas! Moladh an latha…

Fhuair mi ‘fish pedicure’ sa mhadainn aig Pisces anns a’ Forge Market. Lorg sinn e faisg air Asda. Chleachdadh mi Groupon voucher. Beagan neonach ach ‘s toil leam seo. Tha mi cinnteach gu bheil e gle naturach agus tha mo chasan a’ fearachdainn nas fhea… Continue reading

Posted in fish pedicure, Iasg, moladh an latha, slàinte | Comments Off on O mo chas! Moladh an latha…

Bell’s Palsy

Tha ceann goirt orm agus tha leth mo theanga meilichte. Thuirt an dotair, gu bheil (Alexander Graham) Bell’s ‘Palsy’ orm. Chan eil mi cinnteach, agus tha mi an dochas gu bheil i cearr! Leugh mi mu dheidheinn ‘neck and tongue syndrome’ air loidhne agus … Continue reading

Posted in bells palsy, health, slàinte | Comments Off on Bell’s Palsy

Slàinte, foghlam

Tha foghlam agus slàinte a-measg nam roinnean as motha a tha fo smachd na Pàrlamaid Albannaich. Bu bheag an t-iognadh, mar sin, gum b’ ann air an dà chuspair sin a bha an deasbad aig a’ chiad Cheistean don Phrìomh… Continue reading

Posted in ceistean-a-phriomh-mhinisteir, Foghlam, slàinte | Comments Off on Slàinte, foghlam

Dùbhlan do na Làbaraich air òrdughan-cungaidh

Dearbhaidh Nicola Sturgeon an-diugh gun tèid cur às do chìsean òrdughan-cungaidh. Chan e seo ach coilionadh gealltanas a rinn iad roimhe – tachair e an ath-bhliadhna, mar a bha dùil. Ach tha an SNP air a bhith fo uallach mòr… Continue reading

Posted in buidseat-na-h-alba, slàinte | Comments Off on Dùbhlan do na Làbaraich air òrdughan-cungaidh