Category Archives: siubhal

Turas dhan Iar

le Marcas Ó Siadhail A’ siubhal tro Xinjiang, Sgìre Fhèin-riaghlaidh Ùigiurach, ann an Sìona 3000km bhon chosta a b’ fhaisge, tha sinn a’ siubhal tro Sgìre Fhèin-riaghlaidh Xinjiang air taobh an iar Shìona. Iomallach a thaobh a suidheachaidh agus air an leth-oir gu poilitigeach, tha ceangal mi-shocair air a bhith aig an sgìre ri àrd-chumhachd… Continue reading

Posted in Han, Sìona, siubhal, Ùigiurach, Ùigiuraich, Xinjiang | Comments Off on Turas dhan Iar

Medhelanon : Meadhan-lann

Màrtainn Mac a’ Bhaillidh a’ toirt iomradh dhuinn air ailitireachd iongantach ann am Milano.   Airson àite le eachdraidh a’ dol cho fada air ais ri na Ceiltich, no a’ Ghall, a bha uair nan tàmh ann agus bhon a fhuair an t-àite a ainm, ’s e àite gu ìre ùr-nodha a th’ ann am… Continue reading

Posted in Cànan & Cultar, cultar, Eachdraidh, siubhal | Comments Off on Medhelanon : Meadhan-lann

Dacha mo Ghaoil | Tatù Airm an Tùir Spasskaya

Bha Liam thall sa Chremlin bho chionn ghoirid às leth Special Counsel Mueller ’s e a’ sgrùdadh na dlùth-dhàimh eadar an Ceannard agus am Pop Icon as fheàrr leis. Feuch mar a chaidh dha. Do dhaoine a bhuineas do dhùthchannan NATO ’s nach eil air a bhith ann am prìomh-bhaile na Ruis roimhid, ’s dòcha… Continue reading

Posted in dana, Gaelic, Gàidhlig, kremlin, pipe band, red square, russia, siubhal, spasskaya, tattoo | Comments Off on Dacha mo Ghaoil | Tatù Airm an Tùir Spasskaya

Dualchas suaicheanta Okinawa

Ghabh Steaphan cuairt do dh’eilean Okinawa fada gu deas air prìomh eileanan na h-Iapain ann am mìos an Iuchair. Fad 450 bliadhna, bha Okinawa agus eileanan eile sa cheàrn sin fo uachdranas Rìoghachd Ryukyu gus an do ghabhadh thairis iad le Ìompaireachd na h-Iapain an 1879. Mar sin, chan fhaighear mòran iomraidh orra ann an leabhraichean… Continue reading

Posted in Cànan & Cultar, cuairt, Iapan, Okinawa, Ryukyu, siubhal, tùras, Zamami | Comments Off on Dualchas suaicheanta Okinawa

Criomagan à Canada

Eòghan air a bhith trang a’ siubhal, ach dearmadach a thaobh sgrìobhaidh! Seo beagan à Acadia! Uill, uill, uill! Tha e fada nas dorra na bha mi an dùil a bhith a’ sgrìobhadh aistean mòra fada air an iPhone 6 agam! Mar sin, chan eil an uimhir de sgrìobhahd air a bhith ga dhèanamh! Nach… Continue reading

Posted in siubhal | Comments Off on Criomagan à Canada

An Cumhachd ’s an Dorchadas | Ag aisling ann an Ameirigea

An treas post le Eòghan à Ameirigea a Tuath Nuair a ràinig mi Port-adhair Bhaile an Fhreastail agus choisich mi chun an taigh-òsta agam, dh’fhairich mar gun robh mi a’ coiseachd tro shaoghal an òrain Sprinsgteen as fhèarr leam “Darkness On The Edge of Town”. Bha an t-àite cho ciar. Cha robh solais na sràide… Continue reading

Posted in siubhal | Comments Off on An Cumhachd ’s an Dorchadas | Ag aisling ann an Ameirigea

Air an t-Slighe Leathainn | Iorc Nuadh

An dara pìos le Eòghan bho Ameirigea a Tuath – sùil air Ceann Iar Dheas Eilean Mhanhattain. ‘S e coiseachd an dòigh as fheàrr a th’ ann airson Manhattan fhaicinn. Chan eil Iorc Nuadh cho “celluloid” sa bha mi an dùil – tha e nas beòthaile is nas tarraingiche buileach. Cha robh cus tlachd nam… Continue reading

Posted in siubhal | Comments Off on Air an t-Slighe Leathainn | Iorc Nuadh

A’ dol gu Ameirigea

Tha Eòghan a’ falbh gu Ameirigea a Tuath airson mios. Bidh sinn a’ foillseachadh criomagan bhuaithe às na Stàitean agus Canada. An t-Adhar Ameirigeanach, mar a bha aig Mac a’ Ghobhainn. Tha sinn uile beò fon iarmailt far am bi an iolaire mhòr air sgèith. Math no dona. Tìr a’ Gheallaidh. Wounded Knee. Beverly Hills.… Continue reading

Posted in siubhal | Comments Off on A’ dol gu Ameirigea

Siubhal | Innis Tìle

Dh’fhalbh Liam Crouse a dh’Innis Tìle air saor-làithean. Faic dè bh’ aige ri ràdh mu thìr teine is deighe, agus dè as urrainn dha na Gàidheil ionnsachadh bhon mhuinntir is dualchas seo. Tha mi nam shuidhe a’ sgrìobhadh seo air turas a Reykjavík, a’ coimhead ‘Hross í oss’ (Air Eich is Daoine), fiolm èibhinn mun… Continue reading

Posted in Cànan & Cultar, Eachdraidh, Gàidhlig, iceland, icelandic, innis tìle, ìsland, reykjavik, siubhal | Comments Off on Siubhal | Innis Tìle

Cairt Revolut | a’ siubhal nas glice

GBP gu CZK gu EUR gu HUF agus tòrr sheòrsaichean airgid a bharrachd leis a’ chairt chreideis seo aig a’ chompanaidh ùr, Revolut. ’S gann gu bheil mi air tilleadh às an Roinn Eòrpa, a’ siubhal a-mach ’s a-steach tron Raon Euro agus chan eil ach moladh agam airson na cairt ùir a chleachd sinn… Continue reading

Posted in airgead, Cànan & Cultar, currency, dana, euro, Gàidhlig, revolut, Roinn Eòrpa, siubhal, Teicneòlas | Comments Off on Cairt Revolut | a’ siubhal nas glice