Category Archives: cultar

Òran Beatha | Rab Noakes

Thadhail an seinneadair Rab Noakes air Eilean Arainn gus consart is bùth obrach air sgrìobhadh òrain a chumail. Thug Alistair sgrìob dhan bhùth obrach. Dè fhuair e aiste?   Ma tha seinneadair Albanach ann a bha thall s’ a chunnaic, is esan Rab Noakes. Bho bha e na chnapach bheag a’ seinn gu clàran country is Albanach… Continue reading

Posted in Ceòl, cultar, Rab Noakes | Comments Off on Òran Beatha | Rab Noakes

Lèirmheas Air Gaelic Gold, Faclair Pòcaid do Luchd-Ionnsachaidh

Tha Alistair a’ toirt sùil air faclair beag a chaidh a chur ri chèile le Steaphan MacRisnidh againn fhèin. A dh’aindeoin a h-uile goireas a tha ri fhaotainn do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig san latha a th’ann, air an eadar-lìon is eile, tha e fhathast feumail dhaibh faclair beag a bhith maille riutha. Tha a leithid… Continue reading

Posted in Cànain, Cànan & Cultar, cultar, faclair Gàidhlig, Foghlam, litreachas | Comments Off on Lèirmheas Air Gaelic Gold, Faclair Pòcaid do Luchd-Ionnsachaidh

Is e cridhe cultair a chànan

Sùil air a’ chruadalachd a dh’adhbhraich crìonadh na Gàidhlig, agus ceist ann mu bhuaidh Brfhàgail oirre san latha an-diugh. ————————————— more—————————————————- San 19mh agus san 20mh linn chaidh Gàidhlig a thrèigsinn mean air mhean le mòr-shluagh na Gàidhealtachd –  a dh’aindeoin orra , dh’fhaodadh tu ràdh – a chionn ´s gun robh a’ Ghàidhealtachd fo chìs Shasainn… Continue reading

Posted in An Cogadh Mor, Brfhàgail, Cànain, còraichean, croitearachd, cultar, Eachdraidh, fuadaichean, Gàidhlig, Naidheachdan & Poileataigs, strì an fhearainn | Comments Off on Is e cridhe cultair a chànan

Gairm do cheòladairean Albannach : tha forfhais mhath oirbh san Iapan

Bho chionn faisg air mìos, chaidh Joy Dunlop agus Rachel Hair air turas-ciùil don Iapan airson a’ chiad uair a-riamh. Chaidh leotha gu math, agus seo agaibh aithris mu dheidhinn. Bha nòisean aig Joy — seinneadair Gàidhlig is dannsair-ceum às an Òban— a-riamh turas a ghabhail don Iapan uair no uaireigin, agus cho luath ´s a… Continue reading

Posted in Cànan & Cultar, Ceòl, ceòladairean, clàrsair, cuirm-chiùil, cultar, dannsa, dannsa-ceum. clàrsach, Joy Dunlop, Rachel Hair, seinneadair | Comments Off on Gairm do cheòladairean Albannach : tha forfhais mhath oirbh san Iapan

Gaoir a’ Ghrioglachain | Màiri Anna NicUalraig

Tha Marcas a’ toirt dhuinn an dara pàirt den aiste lèirmheasach smaoineachail aige le sùil air pròiseactan ùra Màiri Anna NicUalraig. Leugh a’ chiad phàirt an-seo Às dèidh Inbhir Nis a ruigsinn, seachdain roimhid, bha mi an cuideachd na còisir a-rithist le dreuchd shònraichte eile romham, is b’ e sin clàr a dhèanamh airson cruinneachadh… Continue reading

Posted in Cànan & Cultar, Ceòl, cultar | Comments Off on Gaoir a’ Ghrioglachain | Màiri Anna NicUalraig

Murt Air A’ Bheinn

Sgeulachd oillteil inntinneach à Eilean Arainn le Alasdair Paul Air latha samhraidh an 1889 thog dithis fhireannach orra a shreap Gaoda Bheinn, a’ bheinn as àirde ann an Eilean Arainn. Cha do thill ach aonar. Nuair a lorgadh corp fo chloich gu h-àrd air a’ bheinn is e brùite briste le comharraidhean an fhòirneairt air… Continue reading

Posted in Cànan & Cultar, cultar, Eachdraidh | Comments Off on Murt Air A’ Bheinn

Gaoir a’ Ghriogalachain | WH?TE

A’ Chiad Phàirt de aiste lèirmheasach le Marcas Mac an Tuairneir Air a’ Mhegabus eadar Dùn Èideann is Inbhir Nis an latha eile fhuair mi cothrom, mu dheireadh thall, an clàr as ùire aig Alasdair MacIlleBhàin a chluinntinn. A’ dol seachad air dealbh-tìre geamhradail na Gàidhealtachd, cho lom is bàn, le craobhan fhathast ruisgte a’… Continue reading

Posted in Cànan & Cultar, Ceòl, cultar | Comments Off on Gaoir a’ Ghriogalachain | WH?TE

Urras Gàidhlig nan Stàitean Aonaichte | GaelicUSA

Bhruidhinn Alasdair ris na buill aig a’ bhuidheann Ghàidhealach ùr ann an Ameiriga – Urras Gàidhlig nan Stàitean Aonaichte – abair gun d’ fhuair e beachdan sgoinneil agus bàrdachd nan cois cuideachd! ‘Agus ciamar a nìthear An gnìomh seo le cinnt? A’ Ghàidhlig a dh’aiseag Don Chlann tha ga dìth – Le saothair is suairceas… Continue reading

Posted in Cànan & Cultar, cultar | Comments Off on Urras Gàidhlig nan Stàitean Aonaichte | GaelicUSA

Sgeulachdan Nam Marbh

Tha gu leòr aig na mairbh ri innse dhuinn. B’ e seo teachdaireachd an taisbeanaidh air an robh ‘Skeletons; Our Buried Bones’ a nochd o chionn greis aig Taigh-Tasgaidh Mhic an t-Sealgair a tha na phàirt de dh’Oilthigh Ghlaschu. Nuair a thadhail mi air dh’fhairich mi mar gun robh mi a’ dol a-steach gu criopt.… Continue reading

Posted in àrc-eòlas, cnàimhneach, cnàimhnich, cultar, Eachdraidh, Saidheans, Saidheans & Teicneòlas, taigh-tasgaidh, taisbeanadh, Teicneòlas | Comments Off on Sgeulachdan Nam Marbh

Dol Fodha a’ Chaorainn is Èirigh a’ Chiùil Dhuibh

Is aithne dha na Gàidheil cho mòr ’s a bheir dol fodha luing buaidh air coimhearsnachd – seo an sgeul aig an SS Rowan agus an Southern Syncopated Orchestra agus mar a thug iadsan a tharraing beò às an tamailt buaidh air ceòl an t-saoghail. ‘S e eachdraidh air a sgrìobhadh na litrichean mòra a… Continue reading

Posted in Cànan & Cultar, Ceòl, cultar, Eachdraidh | Comments Off on Dol Fodha a’ Chaorainn is Èirigh a’ Chiùil Dhuibh