Category Archives: ceol ur

Ceòl ùr-nòsach Basgach an Alba



Bha mi a-riamh den bheachd gu bheil ceòl na Gàidhlig san là an-diugh fada ro fhad’ air ais. Mar eisimpleir, chunnacas bho chionn ghoirid farpais ‘Nòs Ùr’ ga shanasachadh. Bhiodh seo math ach tha e coltach gur ann fon sgèith ‘trad’ a bhios e.  Mar sin dheth, ‘s dòcha gum faigh sinn fonn ùr no dhà ach sann san aon cheòl sean-nòsach sa bhios e.


Chan eil cnapan-starra mar sin fainear nam Basgach. Coltach gu bheil taic aca bhon riaghaltas airson ceòl de gach seòrsa a chruthachadh. Thèid seo a thaisbeanadh air prògraman ciùil air telebhisean Bhasgais.  Tha prògraman ann de uair no dhà a dh’fhaid is iad làn de cheòl roc, punk, ska, reggae, pop, indie, rap is eile le gach òran sa Bhasgais. Cha tèid an seann chultar an diochuimhn ge-tà agus chìthear e a’ nochdadh air ùrlar ùr ann cuid de bhideothan aca, mar aig Itziarren Semeak an-seo.

Bidh Itziarren Semeak a’ tadhal air Alba airson a’ chiad turas agus cluichidh iad an Dùn Eideann air Didomhnaich 27 Màirt. Coltach gu bheil an cuirm saor san-asgaidh cuideachd. S math as fhiach e uair no dhà den oidhche agad.



Continue reading

Posted in Basgais, ceol ur, dùn èideann, Euskera, Itziarren Semeak, nòs ùr | Comments Off on Ceòl ùr-nòsach Basgach an Alba

Efa Supertramp agus eile

Chan ann tric a thig gràisg de cheoladairean dhan àrainn agad a tha… inntinneach, beachdail, garbh is ceolmhor. Chan ann tric a b’urrainn dhut gach buadhair sin a chleachdadh airson gach aon de na cleasaichean. Chan ann tric a tha a’ mhor-chuid dhi… Continue reading

Posted in a' Chuimrigh, ceol ur, Cuimris, Cymru, dùn èideann | Comments Off on Efa Supertramp agus eile

Tha sinn air ais

2014 – abair bliadhna a bhios againn. Ged a tha gràin-cinnidh fhathast a’ nochdadh mu’r coinneamh is sgeulachdan eagalach feagalach air an sparradh oirnn le Bitter Together, tha fùil ùr nar cuislean is ar sùilean air saoghal nas fheàrr. Tha an cot… Continue reading

Posted in adhartas, ceol ur, cultar, Gaelic, luchd an Aonaidh, Oi Polloi, Yes Alba, Yes Scotland | Comments Off on Tha sinn air ais

Cothrom air chall ach am faic sinn nòs ùr?

Tha an gainnead airgid a-nis a’ toirt greim às a’ Ghàidhlig. Cha iongnadh sin. Tha an tuarastal aig tòrr againn air a bhith reòite fad 2 no 3 bliadhnaichean a-nis agus mura h-eil thu nad bhancair, bhall-pàrlamaid no spuinnedair ‘hedge fund’, tha s… Continue reading

Posted in ceol ur, CLI, Comhairle nan Leabhraichean, Cothrom, na gathan, nòs | Comments Off on Cothrom air chall ach am faic sinn nòs ùr?

Soitheach fànais

Nach e tha math nuair a tha tachartas inntinneach san amharc san sgìre agad. Agus leis an-sin, chan eil mi a’ ciallachadh àite air beulaibh bogs’ an amadain a’ coimhead air tuilleadh ceòl dùthchail air a chluich air beulaibh bodaich is cailleachan … Continue reading

Posted in Ùr-sgeul, ceol ur, dùn èideann, leabhraichean, Lìte, na gathan, Oi Polloi | Comments Off on Soitheach fànais

Oraidean Shoillse air ais.

Chì mi gu bheil sreath de dh’òraidean a’ toiseachadh as ùr aig Oilthigh Dhùn Eideann an t-seachdainn-sa leis an t-seann sheinneadair bho Mhill a h-Uile Rud agus Na Gathan – Tim Armstrong – a’ tighinn a bhruidhinn air ‘Ionnsachadh Cànain mar Ghnìo… Continue reading

Posted in An Comann Gaidhealach, ceol ur, cultar, na gathan, Soillse | Comments Off on Oraidean Shoillse air ais.

Mar chuimhneachan air Chernobyl

Ged a tha saidheans air an t-uabhas a dhèanamh dhuinn – nach sinn a tha fad-shaoghalta air a sgàth? – tha e ceart is iomchaidh teagamhan a nochdadh an-dràsta sa-rithist.  Gu h-àraid nuair a tha an taobh sanntach no cearbach de mhac an duine a’… Continue reading

Posted in àrainneachd, ceol ur, Chernobyl, dùn èideann, Punk | Comments Off on Mar chuimhneachan air Chernobyl

Ròc na Gàidhlig 2009

Dà bhliadhna air adhart is tha RnG #2 romhainn. Gu mi-fhortanach, chan e turas fad’ a tha seo ach aon oidhche ann an Dùn Eideann. Co-dhiù, chan eil sin na adhbhar ghearain idir. Gu h-àraidh nuair a gheibhear Oi Polloi, Na Gathan agus Atomgewitter a… Continue reading

Posted in ceol ur, na gathan, Oi Polloi | Comments Off on Ròc na Gàidhlig 2009

Leabhar ur is ceol roc na Gàidhlig

Nach math gu bheil UrSgeul a’ dol bho neart gu neart? Nach math cuideachd gu bheil cuid a Ghaidheil dana gu leor rudeigin ùr fheuchainn?Mar sin dheth, ma bhios tu faisg air Obar Dheathainn air 15mh Ceitein, gabh a-steach dhan tachartas seo aig an fhè… Continue reading

Posted in Ùr-sgeul, ceol ur, leabhraichean, na gathan | Comments Off on Leabhar ur is ceol roc na Gàidhlig

Ùr Nòs, Ar Nòs

Air an t-seachdainn-sa, chìthear farpais ùr beòthail – tha sinn an dòchas! – aig Eden Court ann an Inbhir Nis. Se fath ‘Nòs Ùr’ òrain a chur air adhart dha farpais Eòrpach a tha na nàdar de Eurovision airson mion-chànain. Gheibhear farp… Continue reading

Posted in ceol ur, cultar, nòs ùr, Oi Polloi | Comments Off on Ùr Nòs, Ar Nòs