Category Archives: Gaelic

Top Ten Anti-Gaelic Arguments Demolished

Here are the top 10 most common anti-Gaelic language arguments and why they’re daft: 1. Scottish Gaelic is an SNP Nationalist plot! It was the Scottish Secretary in Thatcher’s 1980s Government, George Younger, who began funding Gaelic TV and Radio, with gradual increases supported on a cross party basis from then on. This culminated in […] Continue reading

Posted in Gaelic, Ghetto na Gàidhlig | Comments Off on Top Ten Anti-Gaelic Arguments Demolished

Gaelic Publishing on Bella

We have been writing on gaelic culture and language since 2010 [State of The Art / Staid Na h-Ealain ] and for the past few years in gaelic in our ‘Ghetto na Gàidhlig’ section. You can read all the previous content here. Our intention was to create a space for gaelic speakers to write in […] Continue reading

Posted in Gaelic, Gàidhlig, Ghetto na Gàidhlig | Comments Off on Gaelic Publishing on Bella

Backing Bella

Readers and writers have been responding to Bella’s tenth anniversary and fundraising appeal. Here’s Rona MacDonald … * Donate to support Bella here. Thank you. Continue reading

Posted in #backingbella, Bella10, Gaelic, Gàidhlig, Ghetto na Gàidhlig, GhettoNaGàidhlig | Comments Off on Backing Bella

Dacha mo Ghaoil | Tatù Airm an Tùir Spasskaya

Bha Liam thall sa Chremlin bho chionn ghoirid às leth Special Counsel Mueller ’s e a’ sgrùdadh na dlùth-dhàimh eadar an Ceannard agus am Pop Icon as fheàrr leis. Feuch mar a chaidh dha. Do dhaoine a bhuineas do dhùthchannan NATO ’s nach eil air a bhith ann am prìomh-bhaile na Ruis roimhid, ’s dòcha… Continue reading

Posted in dana, Gaelic, Gàidhlig, kremlin, pipe band, red square, russia, siubhal, spasskaya, tattoo | Comments Off on Dacha mo Ghaoil | Tatù Airm an Tùir Spasskaya

Gaelic learning resources #gàidhlig

In this blog post, Caroline Schofield, out Learning Resources officer tells us a little about the Gaelic educational resources which the Parliament has produced: If you are learning Gaelic, we have a webpage which can help you learn some words about the Parliament. We also have some worksheets which will test your knowledge in a … Leugh an corr de Gaelic learning resources #gàidhlig Continue reading

Posted in Eachdraidh, education resources, Foghlam, Gabhail pàirt, Gaelic, Gàidhlig, History | Comments Off on Gaelic learning resources #gàidhlig

Gainnead de Ghàidhlig aig NMS

Tha MISNEACHD a’ togail fianais an aghaidh Taisbeanadh nan Seumasach, Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba. Bliadhna Theàrlaich, Mac Mhaighstir Alasdair agus sgeulachd nan Seumasach, chan eil mòran san t-saoghal seo nas ceangailte ris a’ Ghàidhlig, a bheil? Carson, an uair sin, nach eil ach àite glè shuarach gu bhith aig a’ Ghàidhlig san taisbeanadh mhòr ùr […] Continue reading

Posted in Gaelic, Gàidhlig, Ghetto na Gàidhlig | Comments Off on Gainnead de Ghàidhlig aig NMS

Fo Sgàil A’ Swastika / Under the Shadow of the Swastika

‘Donald John MacDonald’s account, published bilingually in Gaelic and English, of the grim privation of prisoner of war camps during the Second World War resounds with the spirit, humour and sense of comradeship of men who refused to be cowed by their captors.’ Read it here on ISSUU. Likes(0)Dislikes(0) Continue reading

Posted in anti-fascism, europe, Gaelic, Ghetto na Gàidhlig | Comments Off on Fo Sgàil A’ Swastika / Under the Shadow of the Swastika

Mac Bheatha an lighiche & MacIlleEathain

Àras, Muile far an deachaidh am Peutanach a chéilidh air MacIlleEathainn

Tha Clann Mhic Bheatha, lighiche do Rìghrean Innse Gall agus Rìghrean nan Albannach ainmeil airson sàr-obair léighe thar nam bliadhnaichean. Tha e fìor gu bheil ainmean Mhic Bheatha ri leughadh air clàr nan oileanaich aig feadhainn de na h-oilthighean as motha ann an Roinn Eòrpa anns na Meadhan Aoisean, Salerno, Bologna, Monte Casino agus Montpellier nam measg.

Aig aon àm, ri linn sàr-obair Chlann Mhic Bheatha, bha a’ Ghàidhlig, aon de na trì cànanan eile, Laideann, Greugais agus Arabais a bhiodhte ga h-ùisneachadh airson sgrìobhainnean léighe.

Bhiodh Clann Mhic Bheatha a’ measgachadh sàr ionnsachadh léigh nam Meadhan Aoisean agus seann eòlas Gàidhealach nan luibhean. Ach a-réir coltais, cha chuireadh dòighean-obrach neo-ghnàthach dragh air feadhainn den Chlann, cho fhad ‘s a thoireadh iad toraidhean.

Latha a bha seo, latha a bha siud, bha bodach MacIlleEathain na leabhaidh fo bhuaidh tinneis. Thigheadh càirdean, companaich agus coimhearsnaichean a chéilidh air. 

Roimhe cheann fhada, dh’fhàs e seach searbh sgìth den tinneas agus an uiread de dhaoine a bhitheadh a’ tighinn a-staigh. “Cà’ bheil am Peutanach? Cuir fios air Mac Bheatha agus innis dha gu bheil mi nam leabaidh fo bhuaidh tinneas na galla seo!” Ars’ MacIlleEathain.

Sin na rinn iad. B’ ann á Àras ann am Muile a bha m bodach a bha seo agus le sin, b’ e Seumas Mac Bheatha, an leighiche a tháinig fhaicinn. Dar a chaidh an lighiche don leabaidh thubhairt MacIlleEathain “O Mhic Bheatha, Mhic Bheatha an léighe! Tha pian mhór nam bhrù. Nach leighis sibh mi ma tha sibh comasach ri dhèanadh?”

Ceann tacain, dh’innse Mac Bheatha do MhacIlleEathainn gun robh fhios aige na bha ceàrr air. Bha othras na bhrù. Thubhairt Mac Bheatha gum biodh e comasach a leighis, ach bhitheadh aige ri falbh agus tilleadh ceann beagan làithean.

“O Mhic Bheatha, Mhic Bheatha, leis a’ phian mhór seo nam bhrù agus sluagh aig cois mo leapa, chan faigh mi cadal samhach. Feumaidh gu bheil thu comasach rudeigin a dhèanamh?” Arsa MacIlleEathain.

“Nist.” Arsa Mac Bheatha. “Tha aona rud ann, ach bhitheadh agam ri tilleadh ceann beagan làithean fhathast.” “Ceart” Arsa MacIlleEathain. “Dèanaibh na dh’fheumas sibh” Agus sin na rinn Mac Bheatha.

Sheas Mac Bheatha air beulaibh an teine agus chuir a chùl ris a’ ghealbhan mhór agus rinn e cac. Theas Mac Bheatha an cac anns an teine gus nach robh ann ach pùdar dubh. Chruinnich an lighiche am pùdar agus chuir e ann am measair dubh e agus chroch e e air leabaidh MhicIlleEathain.

“Ceart” Ars’ am Peutanach. “Tillidh mi ceann beagan làithean agus fhad ‘s a chrochas am measair seo air bhur leabaidh, théid bhur leighis, agus fàsaidh sibh nas làidir.” Agus dh’fhàg an lighiche.

An ath latha, mar as àbhaist, tháin’ an sluagh, tháin’ na càirdean, caraidean agus coimhearsnaichean a chéilidh air a’ bhodach bhochd. Dh’iarr fear dhiuch air a’ bhodach “Dé am pùdar dubh anns a’ mheasair dhubh seo a tha a’ crochadh air bhur leabhaidh MhicIlleEathain?”

“O” Arsa MacIlleEathain “Chan e ach leighis a th’ ann. Thug Seumas Mac Bheatha, an lighiche, e dhomh agus thubhairt e gun téid mo leighis agus gum fàs mi nas làidir.” Dh’aithnich am fear an t-ainm Seumas Mac Bheatha, leis cho ainmeil ‘s a bha comas an teaghlaich. Bha annas aige den ‘léigh’ a bha seo cho làidir, ghabh e blasad dheth. 

Mhothaich am bodach na rinn e agus rinn e fìor ghaire mhór ris an duine. Bha e a’ ghàire cho làidir, bhrist am bodach othras na bronn agus dh’fhalbh a’ phian mhór. 

Roimhe cheann tacain, mar a gheall e dha, thill Mac Bheatha. Dar dh’innse am bodach dha na thachair cha tubhairt an lighiche ach “Nach b’ i an fhìrinn a dh’innis mi dhuibh?” agus dh’fhalbh e.


Continue reading

Posted in Alba, argyll, Beaton, Gaelic, Gàidhlig, Highlands, Medicine, Mull, Scotland | Comments Off on Mac Bheatha an lighiche & MacIlleEathain

Gaelic learners: get involved through social media #gàidhlig

As part of the Parliament’s Gaelic Week this week we relaunched our Gaelic blog with a new look. After 5 years it was in need of a bit of a refresh and we hope you will like it. We would be interested to hear your views – if you like you can leave these in the comments section below.   You may … Continue reading Gaelic learners: get involved through social media #gàidhlig Continue reading

Posted in Gaelic, gaelic word of the week, Gàidhlig, luchd-ionnsachaidh, Oifigear Riaghlaigh | Comments Off on Gaelic learners: get involved through social media #gàidhlig

Bhideo Gàidhlig leis an Oifigear Riaghlaidh #gaidhlig

Mar phàirt de Sheachdain Gàidhlig na Pàrlamaid, tha sinn aot bhideo ùr a chlaradh leis an Oifigear Riaghlaidh a’ feuchainn beagan abairtean Gàidhlig. Rinn e fìor mhath! AlasdairAir a chur ann an: Cànan, Gabhail pàirt, Gàidhlig, Oifigear Riaghlaigh, Uncategorized Tagged: alba, Gaelic, Gàidhlig, scottish Continue reading

Posted in Alba, cànan, Gabhail pàirt, Gaelic, Gàidhlig, Oifigear Riaghlaigh, scottish | Comments Off on Bhideo Gàidhlig leis an Oifigear Riaghlaidh #gaidhlig