Category Archives: eaconamaidh

Turasachd is Taigheadas

Carson a tha sinn fhathast a’ leantainn creideamh eaconomaigeach nua-libearalach ann am Breatainn, dòigh smaoineachaidh a bhrosnaich Thatcher is Regan? Gu dearbha, carson nach eil Alba deònach slighe eadar-dhealaichte a ghabhail? ’S tric a chluinnear mu staing taigheadais, anns an Eilean Sgitheanach gu sònraichte, sna làithean seo agus ràith thurasachd cho trang ’s a bh’… Continue reading

Posted in Alba, eaconamaidh, Gàidhealtachd, Gnothaichean eile, Naidheachdan & Poileataigs, taigheadas, turasachd | Comments Off on Turasachd is Taigheadas

Onarach…no amaideach?

Dè tha Johann Lamont ris? Tha nàiseantaich aig Holyrood air an dòigh an-diugh às dèidh mar a dh’iarr ceannard Albannach nan Làbarach “deasbad onarach” air cosgais cuid de pholasaidhean an riaghaltais. Gu sònraichte, thog i cuingidhean-leigheis saor an asgaidh, foghlam oilthigh gun… Continue reading

Posted in eaconamaidh, Foghlam, slàinte | Comments Off on Onarach…no amaideach?

Droch naidheachd ga cur am falach?

Carson a nochdadh aonta air Bile na h-Alba air Là a’ Bhogsa Dheirg? Bha beachd aig aon bhall Chaibineit na h-Alba ann an loidhne an t-seòmair-bidhe an seo aig Holyrood na bu tràithe: “Gus cur am falach dè cho dona ‘s a tha Bile… Continue reading

Posted in buidseat-bhreatainn, bun-reachd, cisean, eaconamaidh | Comments Off on Droch naidheachd ga cur am falach?

Argamaid Ed

Òraid làn misneachd bho Ed Miliband ann an Dùn Dèagh. B’ e an argamaid aig a cridhe nach eil an eaconamaidh ag obair airson luchd-obrach. Chuir e a’ choire air poileasaidhean “seann-fhasanta” nan Tòraidhean aig Westminster. Ach chàin e an… Continue reading

Posted in bun-reachd, eaconamaidh, neo-eisimeileachd | Comments Off on Argamaid Ed

Dè a’ phrìs air taic Rupert?

Is tric a thèid Rupert Murdoch a chàineadh na làithean seo. As dèidh scaineal farchluais nam fònaichean, a thug air fear dhe na pàipearan-naidheachd aige a dhùnadh, is beag an t-iongnadh. Ach bidh daoine ag èisteachd ris fhathast. ‘S e an Sun… Continue reading

Posted in bun-reachd, eaconamaidh, neo-eisimeileachd | Comments Off on Dè a’ phrìs air taic Rupert?

Tuilleadh air fàire?

Bha fiosrachadh gu leòr ann an Aithisg an Fhoghair a ghabh an Seansalair an-diugh. Cha mhòr nach e buidseat beag a bha innte, an dearbh rud dham b’ àbhaist do Sheòras Osborne a bhith a’ càineadh Ghòrdain Brown. Feumar a sgrùdadh… Continue reading

Posted in eaconamaidh | Comments Off on Tuilleadh air fàire?

Stailcean, fuaim ‘s cèistean

Bha mise ann an ionad craolaidh beag anns an t-seòmar nuair a dh’èirich trod mòr mun stailc a tha air fàire air Là Fèile Anndra. Bha na Làbaraich agus na h-Uainich a’ cleachdadh bhòt air clàr ghnothaichean na pàrlamaid gus… Continue reading

Posted in ceistean-a-phriomh-mhinisteir, eaconamaidh | Comments Off on Stailcean, fuaim ‘s cèistean

Cumail orra leis a’ phlana

B’ fheudar dhuinn feitheamh fad greis airson na h-òraid aig Dàibhidh Camshron an-diugh. Chan eil fios an robh an sgioba aige fhathast ga h-ath-sgrìobhadh as dèidh mar a nochd loidhne air a’ mhadainn ag ràdh, a-rèir coltais, gum bu… Continue reading

Posted in eaconamaidh | Comments Off on Cumail orra leis a’ phlana

Plana Mac B

Grunn smuaintean air buidseat na h-Alba mus tèid mi a-steach don talla airson òraid Nick Clegg a chluinntinn an seo ann am Birmingham. Lean òraid Mhgr Swinney seachdain de naidheachdan duilich mu eaconamaidh Bhreatainn. Agus, lean i aithrisean a-raoir… Continue reading

Posted in buidseat-na-h-alba, eaconamaidh | Comments Off on Plana Mac B

Chan ann furasta ach ceart

Bha teachdaireachd shìmplidh aig cridhe na h-òraid a thug Nick Clegg seachad aig co-labhairt nan Lib Deamach an-diugh. 500 là o chaidh am pàrtaidh a-steach don riaghaltas leis na Tòraidhean, tha an leas-phrìomhaire fhathast a’ mìneachadh a’ cho-dhunaidh sin…. Continue reading

Posted in eaconamaidh | Comments Off on Chan ann furasta ach ceart