Category Archives: Calanais

iomadh bliadhna …



Ann an cuid de dh’fhaclairean Gàidhlig, canar gur e buadhair a tha ann an iomadh (iomadh bliadhna ‘mòran bhliadhnaichean’), ach ’s e ainmear fireann a th’ ann (SG imbed, imbad a bha neodrach bho thùs agus an uair sin fireann). Mar a thathas a’ sùileachadh ann am mòran bhliadhnaichean, bhite an dùil gum biodh ainmear a thigeadh an dèidh ainmeir eile anns an tuiseal ghinideach; chan e sin e, ge-tà, a rèir choltais, dha iomadh bliadhna, agus leabhraichean gràmair ag ràdh gur e cruth singilte an ainmeir a leanas iomadh.
San t-Sean Ghàidhlig, bhiodh an cruth ginideach iolra aig cuid mhòr de dh’ainmearan co-ionann ris a’ chruth bhunasach shingilte aca, ach chithear an aon seòrsa rud gu h-àraid ann an ainmearan fireann coltach ri fear agus balach fhathast ann an Gàidhlig na h-Alba: am fear beag, (gin.) taighean nam fear beaga; am balach beag, (gin.) leabhraichean nam balach beaga. B’ e sin an cleachdadh bho thùs an dèidh, mar eisimpleirean, nan àireamhan fichead, ceud agus mìle: SG fiche fer ‘fichead fear’, cét fer ‘ceud fear’, míle fer ‘mìle fear’. Is e an cleachdadh sin, air a sgaoileadh chun a h-uile h-ainmear ann an Gàidhlig na h-Alba, a lean gus an latha an-diugh.
’S e nuadhachas a bh’ ann, ge-tà, nuair a thòisicheadh air ainmearan neo-dheimhinnte iolra san tuiseal ghinideach a shèimheachadh ann an Gàidhlig na h-Alba: a’ peantadh dhealbhan; an dèidh mhìosan; mòran bhliadhnaichean. Is dòcha gun do thàrmaich an nuadhachas seo uaireigin san 17mh linn; am bitheantas, cha lorgar e ann an Gàidhlig na h-Èireann no ann an Gàidhlig Mhanainn.
Ach cha do thachair an t-atharrachadh seo le na h-àireamhan fichead, ceud agus mìle a lean leis an t‑sean chleachdadh, .i. cruth ginideach iolra gun sèimheachadh, agus – mar as motha a chaidh ainmearan neo-dheimhinnte ginideach iolra a shèimheachadh – air an robh coltas singilte a-nis.
A rèir choltais, dh’fhuirich an cleachdadh an dèidh iomadh còmhla ris a’ chleachdadh an dèidh nan àireamhan fichead, ceud agus mìle – agus an dèidh nan àireamhan ‘ùra’ trìthead, ceathrad 7c a bhios gan cleachdadh uaireannan an-diugh.

An-dràsta is a-rithist, thigear tarsainn air eisimpleir de dh’ainm-àite far am faighear an sean chleachdadh seo, m.e. Cnoc Chala Muc(ann an Calanais, Leòdhas): nuair a chaidh a’ chiad ainm an seo (nach eil ri lorg na aonar tuilleadh) a chruthachadh, cha robhas a’ sèimheachadh ainmearan neo-dheimhinnte ginideach iolra: *Cala Muc ‘bàgh nam muc’. Continue reading

Posted in ainmear fillte, àireamhan, Calanais, ceathrad, ceud, Cnoc Chala Muc, fichead, ginideach, iolra, iomadh, mìle, mòran, sèimheachadh, trìthead | Comments Off on iomadh bliadhna …

Siubhal sheallaidhean ann an Leodhas

Rinn sinn turas gu:Tursachan Chalanais;Dun Charlabhaigh;Ionad na seann Sgoil, Siabost;Taighean Dubh nan Gearrannan;Ionad Tionnsgain aig Harris Tweed; agusTaigh Dubh Arnoil.Chunnaic sinn an Whalebone Arch ach cha robh uair sam bith a dh’fhaicinn an t-se… Continue reading

Posted in Arnol, Calanais, Carlabhagh, Gearrannan, Harris Tweed, Leòdhas, Siabost | Comments Off on Siubhal sheallaidhean ann an Leodhas