Category Archives: Spòrs

A’ Phàirc

Tha Camanachd an Eilein a’ comharrachadh 125 bliadhnaichean. Sgrìobh Eòghan seo o chionn bhliadhnaichean mar chnuasachadh air a’ chomann shònraichte sin. ’S ann an-seo a thòisicheas e uile. Preasan teann conaisg a-measg creagan lom na siorraidheachd a shìneas on bhrùthaich-chùil dha na buailtean-samhraidh. Tha an taigh-comainn a’ greimeachadh ri leac an leathaid thall, le pàirc… Continue reading

Posted in Iomain, Rosg, Sgrìobhadh Cruthachail, Spòrs | Comments Off on A’ Phàirc

Dhan Uisge

Sna beagan mìosan a dh’fhalbh tha luchd amhairc BBC Alba air a bhith a’ faighinnn toileachas bho sreath de phrògraman goirid mu shnàmh air a bhlàr a-muigh air a bheil ‘Dhan Uisge’. Do phreasantair a’ phrògraim Calum MacIlleathain bha an dà chuid spòrs is dùbhlain na luib. An seo tha Calum a’ toirt iomradh air… Continue reading

Posted in BBC Alba, Calum MacIlleathain, Cànan & Cultar, Dhan Uisge, snàmh, Spòrs, TBh | Comments Off on Dhan Uisge

Ceann a’ Mhaide | Tanera Camans

Fhuair Eòghan cothrom tadhal air ceàirdlann Tanera Camans faisg air a’ Mhanachainn agus ionnsachadh fhaighinn air mar a nithear caman. A’ coiseachd a’ steach dhan cheàirdlann air croit os cionn Cille Mhòraig, chuir e gaire orm a bhith a’ faicinn fear an aon aois rium-sa a’ bruidhinn ri òigear, a’ feuchainn ri eòlas agus ionnsachadh… Continue reading

Posted in Iomain, Spòrs | Comments Off on Ceann a’ Mhaide | Tanera Camans

Ro-shealladh air Seusan na h-Iomain 2017 – Pàirt a Dhà

Tha Eòghan air ais leis an dara pàirt den ro-shealladh air iomain 2017 – an-diugh na lìogaichean naiseanta agus roinneil – cha bhiodh gnothaichean mar bu dual gun sgioba a’ tarraing a-mach às an Lìog Nàiseanta. Anns an Lìog Nàiseanta, cha bhiodh sinn beò gun sgioba on Cheann a Deas a’ tarraing a-mach aig a’… Continue reading

Posted in Iomain, Spòrs | Comments Off on Ro-shealladh air Seusan na h-Iomain 2017 – Pàirt a Dhà

Ro-shealladh air Seusan na h-Iomain 2017 – Pàirt a h-Aon

Tha iomain nam fear air ais Disathairne – cò bhios a’ togail nan duaisean mòra am-bliadhna-sa le tòrr mì-chinnt far na pàirce? Eòghan a’ toirt sùil air na cothroman aig na sgiobaidhean anns a’ phrìomh lìog. Bliadhna eile de dh’iomain – chan eil e fada tighinn mun chuairt mar a chanas iad. An-dràsta ge-tà tha ùine mhòr… Continue reading

Posted in Iomain, Spòrs | Comments Off on Ro-shealladh air Seusan na h-Iomain 2017 – Pàirt a h-Aon

Eilean Dubh is Gorm a’ Chuain | Camanachd Leòdhais

O chionn deich bliadhna, ghabh buidheann de dh’òigridh ann an Leòdhas ceum mòr airson sgioba iomain do dh’inbhich a stèidheachadh san eilean. Bha Eòghan againn an-sàs ann, agus e a’ coimhead air ais air turas iongantach Camanachd Leòdhais. O chionn deich bliadhna an-diugh, chaidh mi an-sàs ann an gnothach a thug os làimh mo bheatha… Continue reading

Posted in cultar, Iomain, Spòrs | Comments Off on Eilean Dubh is Gorm a’ Chuain | Camanachd Leòdhais

“Tha Tighinn Fodham Èirigh” | Camanachd Bhaile Ùr an t-Slèibh

Tha Baile Ùr an t-Slèibh air ais far bu dual dhaibh ann an Saoghal na Camanachd, ach bha slìghe fhada dhuilich aca a’ tilleadh – an cuir iad ris a’ ghlòir uair eile Disathairne an aghaidh Camanachd an Òbain? Eòghan ag aithris. Bha mi beannaichte a bhith an lathair aig Eilean Bheannachair ann am Baile… Continue reading

Posted in Iomain, Spòrs | Comments Off on “Tha Tighinn Fodham Èirigh” | Camanachd Bhaile Ùr an t-Slèibh

Ultima Warriors | Innis Tìle aig na Euros

Tha farpais mhòr eadar-nàiseanta Ball-coise anns an Fhraing a-rithist. Nach eil fada bhuainn a-nise prìobadh John Collins, tadhal Craig Burley, Sean Connery agus Martyn Bennett a’ gabhail splaoid agus Stan Collymore a’ faighinn droinneadh o Luchd nam Breacan? Tha sinn aig an taigh a-rithist, agus ma bheir sinn sùil air mapa na Roinn Eòrpa chan… Continue reading

Posted in ball-coise, euro2016, iceland, innis tìle, Spòrs | Comments Off on Ultima Warriors | Innis Tìle aig na Euros

Deàrrsadh-grèine air Lìte | Ball-coise

Hibs agus Cupa na h-Alba – Sgeul 114 Bliadhna air tighinn gu crìch – Gòrdan MacCoinnich a’ beachdachadh air deàrrsadh-grèine air Lìte. Uill, tha mi cha mhòr air ais air talamh a-nis as-dèidh deireadh sheachdain iongantach. Mas e nach eil fhios agad dè thachair Disathairne is cinnteach nach eil thu a’ fuireach air an t-Saoghal… Continue reading

Posted in ball-coise, Spòrs | Comments Off on Deàrrsadh-grèine air Lìte | Ball-coise

O Diego!

  Tha na h-Euros ann a dh’aithghearr – cha bhi Alba ann ach cha bhi Mgr Costa ann nas motha – Eòghan a’ toirt sùil air sgeulachd bhrònach Dhiego. Le Carlos Delgado, CC BY-SA 3.0, https://commons.wikimedia.org/w/index.php?curid=28393829 “am fear a chuireas chùl ri chuideachd, cha d’fhiach e” – Bruce Springsteen, Highway Patrolman Le seann ghaoid Uladh… Continue reading

Posted in ball-coise, Spòrs | Comments Off on O Diego!