Category Archives: Scottish Gaelic

Còig fhaclan Uibhisteach

Thar an deireadh-sheachdain, bha a’ chiad fhèill litreachais sa Ghàidhlig ga cumail ann an Uibhist a Deas, ‘Às an Tobar’. Bha Catrìona NicIlleDhuibh an làthair, a’ bruidhinn mu fhaclan san leabhar ùr aice, Forradh: Sly Cooking – taghadh bho fhaclan is abairtean a chruinnich Mgr Ailein ann an Uibhist agus Èirisgeidh. Feasgar a’ chiad latha… Continue reading

Posted in Cànain, Cànan & Cultar, ceòlas, dana, gaelic uist, Gàidhlig, Scottish Gaelic, Uibhist, uist | Comments Off on Còig fhaclan Uibhisteach

Celtic FC: ‘S Ann Orra a Tháinig an Dà Latha

Brendan Rodgers agus Sgiobair Scott Brown le Cupa Lìg na h-Albann.

Chan eil ach beagan a’ bharrachd air 6 mìosan bhon uair a chur barrachd air deich mìle luchd-leantainn Celtic fàilte air Bredan Rodgers. 
Ged nach eil an latha blàth ud anns an Òg-mhios cho fada ás ar cuimhne, tha cùisean a’ chomann air atharrachadh gu mór. 

Bhon uair a chaidh an naidheachd gu bàrr gum bitheadh Brendan Rodgers na mhanaidsear Celtic, tha am brosnachadh air a bhith gabhaltach. Cha tug stiùireadh Rodgers mealladh-dòchais do na luchd-leantainn idir.

  
Bheir an Cupa Lìg na h-Albann deagh eisimpleirean dhuinn de na h-atharrachaidhean aig Celtic, far an bhuannaich Celtic a’ chiad gheall-dùbhlain na bliadhna, agus a’ chiad fhearr de chùrsa-dreuchdRodgers.
A bharrachd air a’ chuairt dheireannach, far an do chìosnaich iad an dara sgioba as fheàrr anns an dùthaich, cha do leig Celtic fiù ‘s aon tadhal thairis troimhe ‘n cho-fharpais. Bhitheadh seo do-chreidsinneach an-uiridh agus ’s ann air Celtic a tháinig an dà latha.
Tha e fìor gun do rinn feadhainn de na cluicheadairean ùra diubhair mhór, Moussa Dembélé agus Scott Sinclair nar measg, ach ’s e leasachadh nan cluicheadairean a tha iongantach.
Nam fàgadh Scott Brown, Seumas Forrest no Stiùbhairt Armstrong an comann cha bhiodh móran dubh an aghaidh. Bha meall ag aontachadh gun robh làithean as fheàrr Brown seachad, agus nach robh an dithist eile comasach ri cluich aig an ìre as àirde gu cunbhalach.
Tha Brown fhéin air a bhith soilleir dar a thubhairt e gur e Rodgers a rinn a diubhar am bliadhna, agus esan ràdh gu bheil cùisean gu tùr eadar-dhealaichte bhon uiridh. An-déidh sia mìosan le Rodgers aig an stiùir agus tha Brown air a bhith fear de na cluicheadairean as fheàrr aig ìre UEFA Champions League. Tha Forrest a’ cumail a-mach cluicheadair £12m air a’ bheing agus tha Armstrong, a bha a’ strì gu mór an-uiridh, air a bhith cho chofhurtail ‘s a ghabhas ann am meadhan na pàirce.

Dar a fhuair e dreuchd Celtic, gheall Ronny Deila do luchd-leantainn Celtic gum faiceadhiadnòs cluiche luatha, a bhitheadh stéidhichte air fàsadh gu h-àrd. Cha táinig aisling Deila gu buil, ach fo stiùireadh Rodgers, tha iad a’ faicinn dòigh cluiche den leithid a bha a dhìth.

Bha seo follaiseach aig Pàirc Hampden DiDòmhnaich. Dh’fheuch Obar Dheithean ri shuidhe gu domhain. Ged a tha e coltach gun robh am manaidsear MacAonghais ‘n dòchas gum faigheadh iad cothrom no dhà nan dèanadh Celtic mearachd, cha tabhair sin idir.

Thug Obar Dheithean spàs gu leòr do Celtic agus ’s ann anns an t-suidheachadh seo a chìthear toraidhean obair Rodgers. B’ urra do Celtic am ball a ghluasachd gu furasta, a’ brùthadh Obar Dheithean fàd an fheasgair.

An-uiridh, chaidh Celtica chàineadh agus bhathar ag ràdhainn gun robh iad an urrachd ri tadhail Leigh Griffiths gu ìre mór. Am bliadhna, tha Celtic air a bhith a’ sealltainn gun tig tadhail bho chluicheadairean eile, agus bho àiteachan eile air a’ phàirc.

Chan iongantach gun táinig a’ chiad agus an dara thadhal bho taobh a-muigh a’ bhogsa agus Obar Dheidhinn a’ suidhe cho domhain. Sheall Celtic gun robh iad ceart cho cunnartach bho nas fhaide na ochd slatan deug.

Chan ann air a’ phàirc a-mhàin a chìthear leasachaidhean ach troimhe ‘n chomann air fàd. Tha am frithealadh aig geamaichean nas dlùithe ri àireamhan nach fhacaidh sinn bho linntean Gòrdan Strachan agus Màrtainn Ó Niall. A-réir coltais, tha an comann air dlùth ri ticeadan-seusain a chreic.

Gu dearbh tháinig guthan eu-dòchasach nam meadhanan gu barr. A-réir seann chluicheadair Celtic, Andy Walker, cha chuir Brendan Rodgers ach bliadhna na dhà seachad aig Ceann na Pàirce mus till do Prìomh-lìg Shasannaich.
Theagamh gu bheil Walker ceart, aig a’ cheann thall, cha do chuir José Mourinho fhéi’ barrachd air trì bliadhna seachad aig aon chomann. Theagamh, gu bheil seo mar a tha cùisean le manaidsear anns na làithean seo.

A dh’aindheoin seo, ma tha Walker agus a leithid airson ball-coise na h-Albann a bhrosnachadh, bhiodhte a’ smaoineachainn gum biodh e toilichte gu bheil manaidsear den leithid Rodgers ann an Albainn gun a bhith a’ smaoineachainn mu dheidhinn an uair a dh’fhalbhas e.

Dar a chuir Brendan Rodgers fàilte air an t-sluagh a chruinnich aig Ceann na Pàirce DiDòmhnaich, bha e soilleir gu bheil dlùth-cheangal aige ris a’ chomann agus a’ choimhearsnachd anns a bheil e stéidhichte.

Có aige a tha fios cho fad ‘s a bhitheas Brendan Rodgers ag obair ann an Albainn ach feumaidh luchd-leantainn Celtic luach a chur air cho fad ‘s a tha e ann. Tha e fìor nach bi manaidsearan a’ fuireach aig comainn fad ùine mhór gu h-àbhaist. Air an làimh eile, tha e ceart cho fìor nach e manaidsear àbhaisteach a th’ ann an Rodgers agus nach e comann àbhaisteach a th’ ann an Celtic.

Tha mi ‘n dòchas gun còrd a dhreuchd aig Celtic ri Brendan Rodgers. Còrdaidh i riumsa gun teagamh sam bith. Continue reading

Posted in Alba, Celtic, Celtic FC, football, Gàidhlig, Scotland, Scottish Gaelic, Sport | Comments Off on Celtic FC: ‘S Ann Orra a Tháinig an Dà Latha

BBC Alba: 10 Beachdan – Pàirt 4: Filmichean

Có cuireadh guthan Gàidhlig ri Cogadh nan Reultan?

Gum bi an neart leibh a chàirdean! Seo dhuibh mo bhlog as ùire air beachdan air prògraman ùra airson BBC Alba. Theagamh nach bi am beachd seo a’ còrdadh ris a h-uile duine ach chan e ach beachd a th’ ann agus tha mi a’ smaoineachainn gum beireadh e rudeigin eadar-dhealaichte dhuinn.

Dé mu dhéidhinn filmichean? Tha fhios againn gu bheil filmichean uarraidh daor ri chuir air dòigh. Ged a bhiodh filmichean Gàidhealach a’ còrdadh ruinn (chan fhacaidh sinn mòran dhiuch bhon uair a rinn iad Seachd), chan e sin an aon chothrom a tha romhainn.

Dé mu dhéidhinn filmichean bho thall thairis? Nach b’ urra dhuinn Gàidhlig a chuir orra? Tha againn ri fo-thiotalan a leughadh co-dhiù, am bitheadh seo nas miosa?!

Agus dé mu dhéidhinn filmichean na Beurla? Theagamh gum bitheadh e beagan neònach dhuinn aig an toiseach ach bhitheadh e inntinneach co-dhiù. Dé bhur beachdan? Am biodh e tarraingeach dhuibh-se? Dé filmichean am bu mhath leibh fhéin fhaicinn anns a’ Ghàidhlig?

‘S e rud cumanta a th’ ann ann an dùthaichean taobh a-muigh saoghal na Beurla. Chaidh Krieg der Sterne a chuir a-mach anns a’ Ghearmailt agus La Guerre des Etoilles anns an Fhraing. Am bitheadh ùidh agaibh ann an Cogadh nan Reultan? Có bhiodh ann? Tha mi a’ smaoineachadh gum biodh Aonghas Peadar Caimbeul uarraidh math mar Obi-Wan Kenobi!

Aig a’ cheann thall, bhitheadh e inntinneach. Bheirinn-sa sùil air.

Gum bi an neart leibh… daonnant. Continue reading

Posted in BBC Alba, Film, Gaelic, Gàidhlig, Scottish Gaelic, Star Wars | Comments Off on BBC Alba: 10 Beachdan – Pàirt 4: Filmichean

Sgeulachd Bheag mu Dhonnchadh Bàn

Cill Fhinn, Siorramachd Pheairt, far an robhar a’ cumail na féille.

Bha Donnchadh Bàn na stalcair ‘n Gleann Lochaidh, dar a chuir Iain Caimbeul á Achaladair a charaid MacEòghainn ‘na àit’. Ghabh Donnchadh oilbheum bhuaithe, agus rinn e òran; Cumha Coire a’ Ceathaich.

Ghabh Achaladair fhéi’ oilbheum bho òran Dhonnchaidh. Cha do chòrd cas-bhàrdachd shearbh a’ bhàird ris idir, agus bhitheadh an Caimbeulach a’ dèanadh dìoghaltas air Donnchadh.

Latha a bha siud, bha ‘n dithist ac’ aig Féille Chill Fhinn. Thachair Achaladair air Donnchadh Bàn, agus bhuail gu cruaidh e e le a bhata.

“Dèan òran air sin!” Ars’ Achaladair ris a’ bhàrd.

“Glé cheart, Achaladair.” Ars’ Donnchadh.

“Nì mi sin, dìreach ma tha sibh air iarraidh orm.”

B’ e fear beag a bh’ ann an Achaladair. Bha e na fhear caol, tanach, neo-éibhinn, lùbairneach agus car san t-sùil aige.

Sheas Donnchadh an àird agus sheinn e gu sònraichte math.

                                           Bha mi latha ‘siubhal sràid,
                                               ‘S fhuair mi tàmailt ro mhór;
                                               ‘S ann o fhear na h-amhaich caoile –
                                               ‘S e Iain claon an Achaidh-mhóir.


                                               Fear crot-shuileach – haothaill-hothainn
                                               Fear geoc-shuileach – hòthaill eò:
                                               Gur coltach thu – haothaill-hothainn
                                               Ri crochadair – hòthaill ò.
 

Chaidh an sgeulachd seo a chlàradh ann an Clàran Arra-Ghàidheil (d. 339) ‘m Baille Ghrannd, Ìle, 23mh den t-Samhain, 1883 le Catrìona NicPhàrlain á Cill Fhinn.

MacLeòid M.A., B.Sc., F.E.I.S., A, 1952. Òrain Dhonnchaidh Bhàin. Dùn Éideann: Oliver & Boyd airson SGTS.

Continue reading

Posted in argyll, bàrdachd, donnchadh bàn, Killin, Perthsire, Scotland, Scottish Gaelic | Comments Off on Sgeulachd Bheag mu Dhonnchadh Bàn

Aon Nàisean

Aon Nàisean. Có ás a tháinig an abairt ud? Chan eil fios na foraise agam, ach tha fhios agam glan g’ eil mi seach searbh sgìth a chluinntinn. Bho cheann beagan làithean, chual’ sinn a’ chiad bhuidsead nan Toraidhean bho fhichead bliadhn’ is corr. 

Dar a bha ar caraid uasal, Gideon, (mar a chuir a mhàthair fhèin air), a’ dèanadh an leòin, bha dùirn Iain Dhonnchaich ag éirigh gu nèamh. 
Gum bi Dia leinn. Agus gum bi an diadhachd no neart agaibh fhèin leinn. Tha mise coma mu dhéidhinn có ás a thig an taic, bhon ‘s e taic a dhìth oirnn.
Dar a chaidh dùirn an Albannach Bhig Mhaoil ud suas, cha do dh’éirich iad le àrd-mholladh Dhé no diadhachd eile mar ‘s aithne dhuinn. Cha robh iad a’ comharradh mòr-bhuaidh mhuinntir nàisein nas motha.
‘S i mór-bhuaidh a bha iad a’ comharradh ceart gu leòr, ach b’ ann le muinntir an nàisein a bh’ innte, co-dhiù, cha b’ ann leis a’ mhór chuid dhiuch. Chomharraich iad mòr-bhuaidh smaoineasachd. 
‘S i an smaoineasachd seo a bhios iad ag adhragh. ‘S i an smaoineasachd seo a bheir airgead bho na daoinnibh, a bheir a’ mhór chuid do charaidean, a bheir cuid bheag air ais do na daoinnibh, agus a bhios an dùil gum bi sibh taingeil. 

A-réir coltais, seo na tha Aon Nàisean a’ ciallachadh, Paras Phlùtocratach, TINA, There is No Alternative, TTIP.

Nas fheàrr cómhla? Ma ‘s e Aon Nàisean a tha seo, b’ fheàrr leam Nàisean Eile.

Continue reading

Posted in Alba, Gaelic, Gàidhlig, Scotland, Scottish Gaelic | Comments Off on Aon Nàisean

Òraid a rinn mi ann am Penryn aig co-labhairt @CelticStudents – A bheil Twitter feumail do bhuidhnean leasachaidh chànain?

Madainn mhath! Tha mi an dòchas gum faigh sibh an taisbeanadh agam cho inntinneach ris na taisbeanadhean eile gu ruige seo. Mar ro-ràdh: Rinn mi an tràchdas agam air an cuspair seo an-uiridh agus bu toil leam toraidhean an sgrùdaidh… Continue Reading → Continue reading

Posted in ACSIB, Celtic Students Association, Comann Oileanaich Ceiltis, Gàidhlig, Meadhanan Sòisealta, Oilthigh Ghlaschu, rannsachadh, Scottish Gaelic, Social Media Alba, twitter | Comments Off on Òraid a rinn mi ann am Penryn aig co-labhairt @CelticStudents – A bheil Twitter feumail do bhuidhnean leasachaidh chànain?

Coinneamh mun a’ Ghàidhlig agus Coimisean Mhic a’ Ghobhainn

Bha coinneamh agam sa mhadainn leis a’ BhP agam, Tom Harris, mu Gàidhlig agus Coimisean Mhic a’ Ghobhainn. Bha Dòmhnall Caimbeul a neach-rannsachaidh aige is neach-rannsachaidh eile ann cuideachd. Chaidh an coinneamh seachad ceart gu leòr agus tha e ag èisteachd fhathast. Tha an dòras fhathast fosgailte. Thuirt e gu bheil esan a’ bruidhinn “Breatannach” ach […] Continue reading

Posted in Ball-Pàrlamaid, Cairt Eòrpach nam Mion-Chànan. Gàidhlig, Coimisean Mhic a' Ghobhainn, devolution, EDM 2822, Gaelic, Gaelic policy, Gàidhlig, poileasaidh Gàidhlig, poileataigs, politics, Scottish Gaelic, Smith Commission, Tom Harris, Tom Harris BP | Comments Off on Coinneamh mun a’ Ghàidhlig agus Coimisean Mhic a’ Ghobhainn

Gàidhlig Mhanainneach ann an 10 faclan

Sheachain an t-Eilean Manainneach, no an t-Eilean Seunta mar a chanadh ris ann an seann duan, a bhith air a tharraing a-staigh do dh’Alba mar a’ chuid eile de dh’Innse Gall anns na Meadhan Aoisean, agus cha robh i riamh mar phàirt de dhùthaich eile, no fiù ’s den Aonadh Eòrpach. Chan eil e na… Continue reading

Posted in Cànain, Cànan & Cultar, dana, dànamag, dualchainnt, gaelg, Gaelic, Gàidhlig, isle of man, Mann, manx, manx gaelic, Scottish Gaelic, y Ghaelg | Comments Off on Gàidhlig Mhanainneach ann an 10 faclan

Linn ùr don Eadar-lìon: HTML5

Leis na comasan is cleachdaidhean an lùib HTML5, tha linn ùr a’ tighinn air an eadar-lìon. Tha Liam a’ toirt sùil air na h-atharraichean a bhios a’ tachairt ann an saoghal còd HTML. Thèid HTML5 a dhaingneachadh san Iuchar, 2014. Feuch sibh fhèin cuid de na làraichean ùra aig an deireadh. HTML5?! Dè a th’… Continue reading

Posted in dana, dànamag, Gaelic, Gàidhlig, HTML5, iris Ghàidhlig, Saidheans & Teicneòlas, Scottish Gaelic, Teicneòlas, W3C | Comments Off on Linn ùr don Eadar-lìon: HTML5