Category Archives: neo-eisimeileachd

Caismeachd ‘son neo-eisimeileachd: cha robh e ‘cudromach’ gu leòr

BBC Naidheachdan Gàidhlig looked away  

Sin sibh fhèin a chàirden! Nach ann aig Gilleasbuig a’ chorrag air a’ bhuille-chuisle! Oir an-diugh tha e dol a chur às a chorp mu rud a’ bh’ ann o chionn cola-deug: caismeachd ‘son neo-eisimeileachd ann an Inbhir Nis.

Chaidh Gilleasbuig agus an cuilean a-null, abair fhèin gu robh e aibhiseach.

Bha e mòr – 

Bha e "posataibh" mar a chanas iad ‘sa Continue reading

Posted in bbc naidheachdan fuadain, Gaelic churnalism, neo-eisimeileachd | Comments Off on Caismeachd ‘son neo-eisimeileachd: cha robh e ‘cudromach’ gu leòr

Diùltadh ann an dàta fuar 

Sgrìobh Marcas Mac an Tuairneir an aiste seo mar a fhreagairt don alt-naidheachd (seall air a’ cheangal seo) a nochd anns an National  o chionn ghoirid. Marcas Mac an Tuairneir Leugh mi le ùidh, an-dè, alt anns An Nàiseantach a thòisich le fianais a chur air shùilean dhomh gu bheil luchd-bhòtaidh ann an Sasainn, is dòcha, a’ fàs coma… Continue reading

Posted in Alba, Gibraltar, Naidheachdan & Poileataigs, neo-eisimeileachd, Sasainn | Comments Off on Diùltadh ann an dàta fuar 

Torcuil: beul gun taobh?


Bho chionn fhad’ an t-saoghail… bho chionn linn crochadh nan con… bha sgrìobhadair, neach-naidheachd fiù à Leòdhas a bha aithnichte airson nam facal a chuir e an clò airson an Herald, an Sunday Herald agus am BBC. Bhruidhinn a ghuth le tomhas math de dh’ughdarras anns a’ Ghàidhlig agus ann am Beurla na Banrìghinn.
An uairsin, ghabh e ri duilleagan an Daily Record. Tha an DR gu mòr air taobh nan Laborach agus gun nàire sam bith na chois. Tha an DR air taobh nan Laborach as bith modh no poileasaidhean a’ phàrtaidh. PFI airson ar ospadalan? Bàs is lèir-sgrios ann an Irag? Rèic nam poileasaidhean aca do bhillionairean mar Bernie Ecclestone et al? Gearan mu dhaoine air sochairean-sòisealta – “something for nothing society?”….
Tha Torcuil a-nis a’ libhreagadh propaganda nan Laborach, gun nàir’ mar bu dual dhan bhoss aige. Tha cuid de na sgeulachdan amaideach. Glè amaideach. ‘Dh’ith Nicola Sturgeon an hamstair agam!”. Cha mhòr nach.
Seo ‘cuis an inneil-chofaidh’… Cha do sheas e fada ge-tà. Chaidh a thoirt sìos as dèidh beagan uairean. Fhuair Crichton e bhon a Daily Mail
recordcoffee
Seo an argamaid mu cò nì an ath riaghaltas…
Agus a-rithist, gun nàire sam bith air rèidio na Beurla a’ cur an-aghaidh Iain Macwhirter…
Co-dhìu, sin e bho bhun gu bàrr. Se Laborach a th’ann an Torcuil. A thoil fhèin.
Dà phuing ge-tà..
  •   Chan e neach-naidheachd a th’ann tuilleadh. Se propagandist a th’ann. Cuiridh e cuid den t-seuntas aige fhèin air na press-releases (no sgeulachdan a’ Daily Mail) a tha siud ach gu ìre-mhòir, tha a h-uile coltas ann gur e ‘copy n paster’ a th’ann an Torcuil.
  •  Mar sin dheth, carson a tha e na ‘neach-naidheachd’ air BBC Radio nan Gaidheal? Ma tha guth gu bhith againn aig a’ BhBC sa Ghàidhlig air cuisean poilitigeach, tha an dleastanas aige gun nochd iad gach taobh. Am faigh sinn sin bho Thorcuil, dhà-rìribh, beachd gun chlaonadh sam bith?

Saoilidh mi gum feum Radio nan Gaidheal neach-naidheachd ùr.

Continue reading

Posted in BBC Alba, neo-eisimeileachd, polataigs | Comments Off on Torcuil: beul gun taobh?