Category Archives: glaschu

Dè an sgioba a tha thu a’ leantainn? Turas gu Taigh-tasgaidh nam Busaichean-tràilidh 3 #gàidhlig

Bha deagh latha agam aig Taigh-tasgaidh nam Busaichean-tràilidh air 27 Cèitean 2017, 50 bliadhna bho chaidh siostam nam busaichean-tràilidh ann an Glaschu a dhùnadh. Bha cothrom agam a dhol air bus-tràilidh às a’ bhaile agus gus grunn busaichean-tràilidh eile fhaicinn. … Cum ort a leughadh Continue reading

Posted in Bus-tràilidh, busaichean-tràilidh, glaschu, Glasgow, sandtoft, trolley-buses, trolleybuses | Comments Off on Dè an sgioba a tha thu a’ leantainn? Turas gu Taigh-tasgaidh nam Busaichean-tràilidh 3 #gàidhlig

They’re Nuking Scunthorpe – thank God! #gàidhlig

Nuair a ràinig mi Taigh-tasgaidh nam Busaichean-tràilidh Disathairne, chaidh mi dhan chafé aca airson srùbag agus cò a chunnaic mi ach Eachann nan Cath! Seadh! Eachann nan Cath. Bha postair ann airson Camp Coffee le saighdear Gàidhealach air agus thathar … Cum ort a leughadh Continue reading

Posted in Bus-tràilidh, busaichean-tràilidh, England, Gàidhlig, Ghlaschu, glaschu, sandtoft, Sasainn, taigh-tasgaidh, trolley-buses, trolleybuses | Comments Off on They’re Nuking Scunthorpe – thank God! #gàidhlig

Bliadhna Hendrix – Taigh-tasgaidh nam Busaichean-tràilidh #gàidhlig

B’ e an t-àm a b’ fheàrr a bh’ ann, b’ e an t-àm a bu mhios a bh’ ann, mar a thuirt Charles Dickens. Cuine? 1967. Dh’ainmich na seann Ghàidheil bliadhnaichean a rèir na thachair annta. Mar sin, bha … Cum ort a leughadh Continue reading

Posted in busaichean-tràilidh, busaichean-tràilidh trolleybuses tràilidhean Glaschu, glaschu, Glasgow, sandtoft, trolley-buses, trolleybuses | Comments Off on Bliadhna Hendrix – Taigh-tasgaidh nam Busaichean-tràilidh #gàidhlig

Busaichean-tràilidh Ghlaschu – 50 bliadhna bho dh’fhalbh iad #gàidhlig #trolleybus

B’ e fìor dhroch latha airson na h-àrainneachd agus airson còmhdhail phoblach na h-Alba a bh’ ann an 27 Cèisean 1967. ‘S ann air an latha sin a dhùin siostam nam busaichean-tràilidh (trolleybus) ann an Glaschu. Dè th’ ann am bus-tràilidh? Tha … Cum ort a leughadh Continue reading

Posted in busaichean-tràilidh, Doncaster, glaschu, Glasgow, Glasgow Corporation, sandtoft, trolley-buses, trolleybuses | Comments Off on Busaichean-tràilidh Ghlaschu – 50 bliadhna bho dh’fhalbh iad #gàidhlig #trolleybus

Bhideo den ‘Leabaidh-trèana’ #caledoniansleeper #gaidhlig

Chaidh sinn gu Lunnainn bho chionn goirid air a’ chadalaiche – an Caledonian Sleeper air a’ mhìos sa chaidh agus seo bhideo a rinn mi. Alasdair Continue reading

Posted in Caledonian Sleeper, Gàidhlig, glaschu, Lunnainn, rathaidean-iarainn, Sasainn | Comments Off on Bhideo den ‘Leabaidh-trèana’ #caledoniansleeper #gaidhlig

Là Samhraidh ann an Glaschu


Agus mar bu dual is mar bu nòs bha an t-uisge ann ged a dh’fhalbh e rè ùine. Cuideachd bha rathaidean a’ bhaile cho toinnte – eadhon ann am Pàrtaig – ‘s gun robh e doirbh do cheann-uidhe a lorg ann an dòigh ciallach. Ach rinn sinn a’ chuis. 
Agus dìreach nuair a tha thu air rathad dìreach sìmplidh a lorg, cò tha ann air thoiseach ort, is iad a’ caismeachd, ach an Luchd Buidhe (Orange Order ann an Anglo-Sasannais). An ann an-aghaidh Cailtigich a tha iad no dìreach luchd-cleachdaidh nan rathaidean? Agus, cò tha cur bacadh orra a dhol dhan eaglais? Co-dhiu, sgap iadsan a-steach dhan choille-choncrait as deidh greis.

Chan eil dia sam bith agam ach tha an saorsa aca dol a dh’adhradh dia no ban-dia sam bith ann an eaglais sam bith. Saoilidh mi gu bheil ‘clàr-gnothaich’ no agenda rudeigin mi-chàilear aca.

Searach a th’annam gu cul agus chan eil fios’am fhathast, as-dèidh mòran bhliadhnaichean, dè nì mi de Ghlaschu. Tha an corra thuras ann fìor mhath ach tha cuideachd rudeigin dubhach is tiamhaidh mu dheidhinn. Ged a bha cafaidhean Ceann an Iar lòma-làn hiopstairean – is tha iomadh sàr chafaidh ri lorg – tha bochdainn an àite fhathast am follais faisg ort. Uaireannan, tha blas iargalta no gràineil na chois – mar a chunnaic sinn leis an Luchd-Bhuidhe.

Co-dhiù, tha tòrr ann a tha taitneach dhan t-sùil agus brosnachail dhan inntinn. Taigh-tasgaidh Khelvingrove mar toiseach-toiseachaidh. S math is fhiach e sròn a chur a-steach ann, gu h-àraid ma tha clann nad chois. Aon ghearain, ge-tà, se ‘s nach eil Gàidhlig ri faicinn sna taisbeanaidhean aca. Shaoileam gum biodh. Tha Comhairle Ghlaschu gu math adhartach a thaobh na Gàidhlig ann an roinntean eile agus le iomadh taigh-seinnse Gaidhealach san nabaidheachd is Cnag shuas an rathad beagan tha e na ìongnadh nach robh facal dhith ri fhaicinn.  Bha facal no trì a dhith orm is mi a’ feuchinn ri taisbeanadh nam beathaichean a mhineachadh dhan bhalach…  ‘se pike a tha seo a lorg cuideigin an Loch Laomainn…’

Glaschu. Lorg mi facal dha – dubh-cheist. Tillidh mi a dh’aithghearr ge-tà.

Continue reading

Posted in glaschu, Luchd-Buidhe | Comments Off on Là Samhraidh ann an Glaschu

Iomairt an latha – soidhnichean #Gàidhlig airson Subway Ghlaschu

Tha mi air iomairt bheag a thòiseachadh gus soidhnichean Gàidhlig fhaighinn ann an Subway Ghlaschu. Tha soidhnichean dà-chànanach air an lìonra nàiseanta air feadh na dùthcha ach chan eil iad ann air an t-Subway idir ged a tha bhios barrachd luchd-labhairt … Cum ort a leughadh Continue reading

Posted in Alba, bilingual signs gaelic, Gàidhlig, glaschu, Metrothan, soiidhnichean dà-chànanach, Subway Ghlaschu | Comments Off on Iomairt an latha – soidhnichean #Gàidhlig airson Subway Ghlaschu

Latha Naomh Dhaibhaidh sona dhuibh! #DyddGwylDewiHapus #Gàidhlig

Dydd Gwyl Dewi Hapus! Latha Naomh Dhaibhaidh 2012 Seo an toradh de iomairt a rinn mi ann an 2012 a chur Gàidhlig air adhart air feadh an RA: Bha Roinn na Còmhdhalachd an aghaidh sin – bha e ‘ro chosgail’: Coimisean Mhic a’ Ghobhainn (2014) An-uraidh, bha coinneamh eile le Tom mu dheidhinn Coimisean Mhic a’ Ghobhainn. Chaidh pìos ann […] Continue reading

Posted in Ball-Pàrlamaid, Cairt Eòrpach nam Mion-Chànan, Gàidhlig, glaschu, Latha Naomh Dhaibhaidh, pàrlamaid, poileasaidh Gàidhlig, poileataigs, Tom Harris | Comments Off on Latha Naomh Dhaibhaidh sona dhuibh! #DyddGwylDewiHapus #Gàidhlig

Coffee and Craic | Àite blàth sa gheamhradh fhuar

Bho dh’fhosgail dorsan ‘Coffee and Craic’ an Glaschu san Dàmhair, tha deagh fhèill air a bhith air a’ bhùth am-measg an dà chuid luchd-na-Gàidhlig agus luchd-a’-chofaidh bho Bhaile Fhionnaidh gu Baile Eilidh. Tha fhios a’m; chunnaic mi sibh a’ clàradh a-steach innte air Facebook. Tha 25 lèirmheasan aca; tha sin nas mò na th’ againne! ‘S cinnteach… Continue reading

Posted in biadh, Cànain, Cànan & Cultar, cofaidh 's craic, coffe and craic, Gaelic, Gàidhlig, glaschu | Comments Off on Coffee and Craic | Àite blàth sa gheamhradh fhuar

Freagairt do Comisean Mhic a’ Ghobhainn

Sgrìobh mi greis air ais mun Chomisean Mhic a’ Ghobhainn agus chuir mi freagairt a-steach don a’ Chomisean. Nochdadh alt le Alasdair Caimbeul anns an Albannais Disathairne, 29.11.14, air molaidhean a chaidh a-steach bho bhuidnean mar Bòrd na Gàidhlig, OFCOM agus Yes Alba. Bha mi air ainmeachadh san darna roinn mu dheireadh. Sgrìobh Alasdair: “Bha cuid a dhaoine […] Continue reading

Posted in Alba, Cairt Eòrpach nam Mion-Chànan, Comisean Mhic a' Ghobhainn, EDM 2822, Gaelic, Gaelic policy, Gàidhlig, glaschu, neo-eiseimleachd na h-Alba, pàrlamaid na h-alba, poileasaidh Gàidhlig, poileataigs, Riaghaltas Bhreatainn, riaghaltas na h-alba, Smith Commission, Tom Harris, Tom Harris BP | Comments Off on Freagairt do Comisean Mhic a’ Ghobhainn