Category Archives: ceud

ciad, ceudna …

B’ àbhaist ciad ‘(am) prìomh (rud ann an sreath)’ a sgrìobhadh ceud. ’S ann às an t-Sean Ghàidhlig cét– (a bha na ro-leasachan) a tha e. Gus am facal a dhealachadh ri ceud ‘100’ (SG cét), thòisich daoine ga sgrìobhadh ciad, gu h-àraid san dàrna leth dhen 20mh linn – cleachdadh a chaidh a dhaingneachadh ann am molaidhean GhOC (1981, 2005, 2009). 
Mar bhuadhair, bhiodh cruth an uilt air thoiseach air ciad a rèir gnè agus àireamh an ainmeir às a dhèidh, m.e. an ciad fhear(fir.); a’ chiad bhean (boir.); na ciad làithean (iol.). An-diugh, airson na mòr-chuid, cleachdar a’ an dà chuid ro ainmearan fireann agus boireann san tuiseal bhunasach: a’ chiad fhear; a’ chiad bhean. (Is coltach gu bheil cruthan mar a’ chiad làithean (le alt singilte ro ainmear iolra) an àite na ciad làithean mar thoradh air rèiteachadh cuideachd.)
B’ e cétnae an àireamh òrdail àbhaisteach san t-Sean Ghàidhlig, agus tha sin fhathast againn sa chruth ceudna ‘aon’, m.e. an rud ceudna ‘an aon rud’. Bha am facal na ainmear cuideachd, agus tha an abairt Nua-Ghàidhlig mar an ceudna ‘air an aon dòigh, cuideachd’, mar eisimpleir, cumanta fhathast. Chaidh ceudna na ceunda ann an corra dhualchainnt.

Continue reading

Posted in ainmear, àireamh òrdail, buadhair, cét (SG), cétnae (SG), ceud, ceudna, ceunda, ciad, GOC, rèiteachadh, ro-leasachan | Comments Off on ciad, ceudna …

iomadh bliadhna …

Ann an cuid de dh’fhaclairean Gàidhlig, canar gur e buadhair a tha ann an iomadh (iomadh bliadhna ‘mòran bhliadhnaichean’), ach ’s e ainmear fireann a th’ ann (SG imbed, imbad a bha neodrach bho thùs agus an uair sin fireann). Mar a thathas a’ sùileachadh ann am mòran bhliadhnaichean, bhite an dùil gum biodh ainmear a thigeadh an dèidh ainmeir eile anns an tuiseal ghinideach; chan e sin e, ge-tà, a rèir choltais, dha iomadh bliadhna, agus leabhraichean gràmair ag ràdh gur e cruth singilte an ainmeir a leanas iomadh.
San t-Sean Ghàidhlig, bhiodh an cruth ginideach iolra aig cuid mhòr de dh’ainmearan co-ionann ris a’ chruth bhunasach shingilte aca, ach chithear an aon seòrsa rud gu h-àraid ann an ainmearan fireann coltach ri fear agus balach fhathast ann an Gàidhlig na h-Alba: am fear beag, (gin.) taighean nam fear beaga; am balach beag, (gin.) leabhraichean nam balach beaga. B’ e sin an cleachdadh bho thùs an dèidh, mar eisimpleirean, nan àireamhan fichead, ceud agus mìle: SG fiche fer ‘fichead fear’, cét fer ‘ceud fear’, míle fer ‘mìle fear’. Is e an cleachdadh sin, air a sgaoileadh chun a h-uile h-ainmear ann an Gàidhlig na h-Alba, a lean gus an latha an-diugh.
’S e nuadhachas a bh’ ann, ge-tà, nuair a thòisicheadh air ainmearan neo-dheimhinnte iolra san tuiseal ghinideach a shèimheachadh ann an Gàidhlig na h-Alba: a’ peantadh dhealbhan; an dèidh mhìosan; mòran bhliadhnaichean. Is dòcha gun do thàrmaich an nuadhachas seo uaireigin san 17mh linn; am bitheantas, cha lorgar e ann an Gàidhlig na h-Èireann no ann an Gàidhlig Mhanainn.
Ach cha do thachair an t-atharrachadh seo le na h-àireamhan fichead, ceud agus mìle a lean leis an t‑sean chleachdadh, .i. cruth ginideach iolra gun sèimheachadh, agus – mar as motha a chaidh ainmearan neo-dheimhinnte ginideach iolra a shèimheachadh – air an robh coltas singilte a-nis.
A rèir choltais, dh’fhuirich an cleachdadh an dèidh iomadh còmhla ris a’ chleachdadh an dèidh nan àireamhan fichead, ceud agus mìle – agus an dèidh nan àireamhan ‘ùra’ trìthead, ceathrad 7c a bhios gan cleachdadh uaireannan an-diugh.

An-dràsta is a-rithist, thigear tarsainn air eisimpleir de dh’ainm-àite far am faighear an sean chleachdadh seo, m.e. Cnoc Chala Muc(ann an Calanais, Leòdhas): nuair a chaidh a’ chiad ainm an seo (nach eil ri lorg na aonar tuilleadh) a chruthachadh, cha robhas a’ sèimheachadh ainmearan neo-dheimhinnte ginideach iolra: *Cala Muc ‘bàgh nam muc’. Continue reading

Posted in ainmear fillte, àireamhan, Calanais, ceathrad, ceud, Cnoc Chala Muc, fichead, ginideach, iolra, iomadh, mìle, mòran, sèimheachadh, trìthead | Comments Off on iomadh bliadhna …

aon cheud, dà cheud, trì cheud …

A thuilleadh air aon cheud agus dà cheud, far am biodh dùil ri sèimheachadh co-dhiù an dèidh aon agus , gheibhear trì cheud, ceithir cheud agus fiù ‘s còig cheud ann an corra dhualchainnt, le sèimheachadh de ceud, far nach biodh dùil idir ris. ‘S e fuigheall fìor àrsaidh a tha seo. Nuair a bha trì gnèithean fhathast aig a’ Ghàidhlig (fireann, boireann agus neodrach), bha ceud na fhacal neodrach. An dèidh fhacal neodrach a ghabhadh claonadh san t-Sean Ghàidhlig, bhiodh dùil ri sèimheachadh anns na tuisealan ainmneach agus cuspaireach – le chèile an tuiseal bunasach againne – agus san tuiseal ghairmeach. Bha seo a’ toirt a-steach SG trí ‘trì’ agus cethair ‘ceithir’ sna suidhichean ud. Feumaidh e bhith, a-rèist, gur h-e cruthan gu math sean a th’ ann an trì cheud agus ceithir cheud is gum bi iad a’ leantainn riaghailtean àraidh na Sean Ghàidhlig.

Bha na h-àireamhan 5-10 eadar-dhealaichte. ‘S e srònachadh a bhiodh a’ leantainn nan àireamhan 6-10 san t-Sean Ghàidhlig, mùthadh nach aithnichear tuilleadh san t-suidheachadh sin an-diugh. Ach bhiodh sèimheachadh a’ leantainn SG cóic ‘còig’. Chan e a h-uile dualchainnt idir a chleachdas còig cheud ach, far an cleachd, ma-thà, is math dh’fhaodte gur h-ann mar thoradh air fìor sheann riaghailt a tha sin cuideachd.

Air uairean, tha an sèimheacheadh seo air a sgaoileadh gu facail eile le c– thoisich, gu
h-àraid le ainmean cumanta a leithid trì choin, còig chaoraich 7c, ach chan eil pàtran cunbhalach ann. Continue reading

Posted in ainmneach, bunasach, ceithir, ceud, còig, cuspaireach, gairmeach, neodrach, sèimheachadh, srònachadh, trì | Comments Off on aon cheud, dà cheud, trì cheud …