Category Archives: Uncategorized

Cuir fàilte air Dàna, iris ùr làn guthan na Gàidhli

Thoir sùil air a’ chiad dreach an seo: http://danamag.org

Posted in Uncategorized | Leave a comment

Ma bhios tu a’ dèanamh às leis a’ phòsadh agaibh…

 Niste tha na Tòraidhean ‘son “cìs” a chur air sgaradh-pòsaidh…An-diugh, chaidh fhoillseachadh san Telegraph gu bheil planaichean aig na Tòraidhean gus “cìs” a chur air sgaradh-pòsaidh ma bhios clann aig na daoine. Tha iad gu math airson ‘… Continue reading

Posted in Uncategorized | Comments Off on Ma bhios tu a’ dèanamh às leis a’ phòsadh agaibh…

Staid na Gàidhlig?

An tuit àireamhan de luchd-làbhairt am-bliadhna?’S e siud a’ cheist a th’ air inntinnean nan eòlaichean air feadh an t-saoghal an-dràsta. Tha ar Cunntas-sluaigh gu bhith air a lìonadh anns a’ Mhàirt agus a rèir eòlaiche chànain thathar an dùi… Continue reading

Posted in Uncategorized | Comments Off on Staid na Gàidhlig?

Cuimhneachain à Pàirce Thanachais

An cluicheadair-aghaidh Albannach a b’ fheàrr riamh – <span style=”font-weight:bold;”>Ralph Milne</span>

<object width=”480″ height=”385″><param name=”movie” value=”http://www.youtube.com/v/KvUWoEPqJCY&amp;hl=en_US&amp;fs=1″></param><param name=”allowFullScreen” value=”true”></param><param name=”allowscriptaccess” value=”always”></param><embed src=”http://www.youtube.com/v/KvUWoEPqJCY&amp;hl=en_US&amp;fs=1″ type=”a… Continue reading

Posted in Uncategorized | Comments Off on Cuimhneachain à Pàirce Thanachais

Sgleog a-nis dùinte

A’ Chàirdean,

Tha an làrach-lìn Sgleog a-nis dùinte. Tapadh leibh don a h-uile duine a sgrìobh agus a chleachd Sgleog.

Ma tha sibh airson barrachd fiosrachadh fhaighinn air na meadhanan Ghàidhlig, nach beir sibh sùil air an làrach aig MG ALBA. http://www.mgalba.com/

Leis gach deagh dhùrachd,
Sgioba Sgleog

Continue reading

Posted in Uncategorized | Comments Off on Sgleog a-nis dùinte

Às-earrann 2 na Seachdaine, à òraid le Fionn do na Gàidheil ann an 1908

“Cuimhnich orra-san a thig nad dhèidh is dèan buil cheart de na fhuair thu, oir ma leigeas tu a dholaidh an oighreachd luachmhor seo, èiridh ginealach as do dhèidh a mhallaicheas tu airson mar a chuir thu a dhìth oighreachd ‘Chlann nan Gàidheal’.” Continue reading

Posted in Uncategorized | Comments Off on Às-earrann 2 na Seachdaine, à òraid le Fionn do na Gàidheil ann an 1908

Às-earrann na Seachdaine

Seo earrann à làrach-lìn UNESCO. Tha e a’ freagairt ceist air an làrach sin a tha a’ faighneachd “Carson a ghabhas mise dragh?” mu dheidhinn bàs cànanan an t-Saoghail. ‘S mi fhìn a chuir a’ Ghàidhlig oirre.

Tha gach cànain a’ nochdadh sealladh sònraichte air an t-saoghal a rèir nan nithean air an cuirear luach, a feallsanachd agus feartan àraidh a dùthchais fhèin. Adhbhraichidh bàs cànain call nach gabh leasachadh den eòlas shònraichte a bha toinnte na lùib fad linntean – an t-eòlas eachdraiContinue reading

Posted in Uncategorized | Comments Off on Às-earrann na Seachdaine

Ràdh na Seachdaine

Tha mi an dùil abairt shònraichte Ghàidhlig fhoillseachadh an seo gach seachdain.

Bheir mi dhuibh eisimpleirean de chleachdadh cuideachd.

Mar sin dheth, a’ chiad tè.

Chan ionann gealladh is coileanadh.

MÃŒNEACHADH/EXPLANATION

Tha seo ag ràdh gu sìmplidh nach eil gealladh is coileanadh san aon rud idir. Mar sin, ged a gheallas neach nitheigin, chan eil e a’ ciallachadh mòran gus am bi an gealladh air a thoirt gu buil. *gus an dèan an neach an rud a chaidh a ghealladh.

Chan ionann X agus Y =… Continue reading

Posted in Uncategorized | Comments Off on Ràdh na Seachdaine

Artaigil sa Highland News – Innealan airgid sia cànanach ann an Inbhir Nis Marks & Sparks ach gun Ghàidhlig

Tuilleadh ri leuaghad an seo a chàirdean

http://www.highland-news.co.uk/news/fullstory.php/aid/6876/Gaelic_unrest_at_M_S_talking_tills!.html

Chì thu gu bheil beachdan gu math taiceil air tighinn a-steach air an dulleag sin (agus dithis amadan gu ruige seo). Ma tha greiseag agad cuir do bheachd fhèin a-steach. Tha mòran ann an Inbhir Nis a’ toirt tadhail air an làrach ud agus faodaidh sin… Continue reading

Posted in Uncategorized | Comments Off on Artaigil sa Highland News – Innealan airgid sia cànanach ann an Inbhir Nis Marks & Sparks ach gun Ghàidhlig

Gaimeachan Spors Gaidhlig

Tha mo mhac ag ionnsachadh “Flash” an drasda.
Chaidh aige air an ciad game a creuchnachadh – (Teich a Bun Sgoil Gaidhlig Inbhir Nis!)
Gabhaibh cothrom ann an seo

Teich a BSGI.swf

Tha mi dochas gun cordidh e riabh. Continue reading

Posted in Uncategorized | Comments Off on Gaimeachan Spors Gaidhlig