Author Archives: Thrissel

Ath-thathaich na sean dùthcha 4 – Co-là-breith Roib

Dhraibh Rob mi dhan Mhakro, far an do cheannaich mi ceithir pasganan mòra toitein, botal ruim airson caraid ann an Firhill Ct, botal Old Smuggler mar thìodhlac do Rob an àite an Glen Moray air a ghoid, agus thug mi dà bhocsa falamh airson pasganan…. Continue reading

Posted in caraidean | Comments Off on Ath-thathaich na sean dùthcha 4 – Co-là-breith Roib

Gineachan eanchainne

(A’ postadh seo san bhlog shean seo oir chuir mi comharra-lìn air an aiste BhBC san Dhàmhair mu thràth.)Mhothaich mi dhan aiste ghoirid seo a tha a’ coimhead mar dhìreach naidheachd shaidheans cumanta, ach chuir e iongnadh mòr orm. Mas e an fhìri… Continue reading

Posted in ionad-seallaidh | Comments Off on Gineachan eanchainne

Bheil mi a’ bruadar?

Coma leam a’ phrìs. Tha mi nam ghille fortanach, nam ghille toilichte.Fastaidhean, ticeadan, màl, biadh ? òl, toitein, … tha e coltach nach coisinn mi air feadh nan seachd seachdainean a bhios mi ag obair ann an Guireag barrachd air na chuir (‘s… Continue reading

Posted in am Bòid, obair | Comments Off on Bheil mi a’ bruadar?

Criomagan gèidh

Nuair a bha làrach-lìn agam, bha roinn Naidheachdan ann. Sgrìobhainn gearr-chunntas, bheirinn ceanglaichean ris na duilleagan far an robh mi air leughadh mu dheidhinn na cùise, agus chuirinn luaidh goirid mun bheachd agam oirre ris . Beagan coltac… Continue reading

Posted in geidh, poileataigs | Comments Off on Criomagan gèidh

Eadar Dà Sgeul

Leugh mi a’ chiad leabhar sa Ghàidhlig an-uiridh. ‘S e leabhar airson cloinne a bha annsan; as dèidh sin, chuir mi orm gum feuch mi fear airson dheugairean.Còmhdach: J StarmoreThagh mi cruinneachadh de sgeulachdan goirid agus cha robh mi duilich. Ch… Continue reading

Posted in gd, leabhraichean, lèirmheas | Comments Off on Eadar Dà Sgeul

A’ feitheamh gu socair

Tha Tom Petty a’ seinn gur waiting is the hardest part; thàinig orm aontachadh le sin gu tric. Ge-tà, bha e riamh co-cheangailte le mì-chinnt mhì-thlachdmhor de sheòrsa air choireigin. An tachair rud àraidh no nach tachair?Tha diofar ann aig an ?… Continue reading

Posted in am Bòid, obair | Comments Off on A’ feitheamh gu socair

Mean air mhean

As dèidh dhut crìoch a chur air leigheas an tinneas-dighe san rehab anns a bha mise o chionn grunnan bhliadhnaichean, tha dùil gun till thu airson co-dhiù aon sheachdain gach bliadhna. Thathar a’ smaoineachadh gun ath-neartaich sin a’ mhisneachd ag… Continue reading

Posted in àm gnàthach, obair | Comments Off on Mean air mhean

‘S dòcha gum faic mi iad a-rithist, no: Eadar dà thuiteamas

Mar an-uiridh ‘s a’ bhòn-uiridh, tha mòr-chuid mo bheatha “sòisealta” (taobh a-muigh an Eadar-lìn) a’ tachairt san fhoghair.B’ ann air an deireadh seachdain seo chaidh a thachair a’ chiad chuirm am bliadhna – ‘s e ath-chruinneachadh (an dèidh fich… Continue reading

Posted in caraidean | Comments Off on ‘S dòcha gum faic mi iad a-rithist, no: Eadar dà thuiteamas

Dealbh na Beinne Meanbha sa’ Vicipéid

A’ bheinn o Loch CeiteireinGe be dè an t-adhbhar air sin, thuit mi a-bhàn air a’ Bheinn Mheanbh nuair a bha mi an Alba an-uiridh, ged nach do sreap mi i. San Ghiblean am-bliadhna, mhothaich mi nach robh duilleag oirre san Uicipeid, agus thòisich mi … Continue reading

Posted in uicidh | Comments Off on Dealbh na Beinne Meanbha sa’ Vicipéid

Co-là-breith aig m’ athair

Bha m’ athair trì fichead bliadhna ‘s a deich a dh’aois san Lùnastal agus chaidh mi air tadhal air. Bha e beagan neònach oir bha e air dà aisean a bhriseadh dà latha roimhe sin. Cha robh e sunndach; cha do rinn sinn subhachas sam bith. Cha mhòr n… Continue reading

Posted in àm gnàthach | Comments Off on Co-là-breith aig m’ athair