Author Archives: BLOIGH GRÀMAIR

Latha Fhèill Aindreis, Latha Fhèill Anndra


’S ann às an t-Sean Ghreugais Ἀνδρέας (‘Andréas’) a tha an t-ainm fireannaich Gàidhlig Aindreas. Ged a b’ urrainn dha làimh a bhith aig Laideann Andreās(às an t‑Sean Ghreugais, mar an ceudna) sa chùis, b’ e G. Aindreas (air fhuaimneachadh *Ainndreas) an cruth a thionndaidh Greugais a’ Bhìobaill bho chiad fhoillseachadh Gàidhlig an Tiomnaidh Nuaidh (1767) agus a chleachdte gu faisg air deireadh na 20mh linne.
Ged a bhiodh dùnaidhean eadar-dhealaichte aig an fhacal Ghreugais sna tuisealan fa leth (Marcus 13:3 ainmeach Ἀνδρέας (-as), Mata 4:18 cuspaireach Ἀνδρέαν (-an), Eòin 1:44 ginideach Ἀνδρέου (-ou)), chaidh an rèiteachadh sa Ghàidhlig mar Aindreas sna tuisealan bunasach agus tabhartach, agus Aindreis− sgrìobhte Aindreais − san tuiseal ghinideach (agus ghairmeach). Air a bhonntachadh air Aindreas, chaidh an t-ainm Gàidhlig Gille Aindreis (Gill’Aindreis) a chruthachadh, agus chaidh sin fhèin air iasad dhan Bheurla mar Gillanders; chaidh an sloinneadh MacGill’Aindreis a stèidheachadh air an aon chruth.
’S e an cruth Aindrea no, nas cumanta, Anndra as trice a gheibhear an-diugh airson an ainme phearsanta agus ’s iongantach nach ann bho bhuaidh na Beurla Gallta Andra, Andrew a thàrmaich sin. (Ri taobh Aindrea caol ~ Anndraleathann, gheibhear Aindreas ~ Anndras cuideachd.) A thaobh cruth an Tiomnaidh Nuaidh, chaidh sin ùrachadh gu Anndras(m.e. 1992) agus gu Anndra (m.e. 1980, 2010).
B’ e Aindreas no Anndras a bh’ air an naomh den ainm sin, naomh anaclaidh (dìona) na h‑Albann, agus b’ e Fèill Aindreis (Anndrais) latha cuimhneachaidh no latha fèise an naoimh. Ann an seòrsa de dhùblachadh, chaidh Latha Fhèill Aindreis (Anndrais) air an fhèill, ’s dòcha an dèidh na Beurla (St Andrew’s) Day. ’S e Latha Fhèill Anndrais an cruth as cumanta a chithear an-diugh.
A rèir choltais, cha b’ e latha a ghlèidhte aig mòran a bh’ anns an deicheamh latha air fhichead den t-Samhain: ann an suirbhidh a rinneadh ann an 2001 leis a’ Famous Grouse, cha b’ aithne dha ach 22% de luchd na dùthcha dè an latha air an glèidhte Latha Fhèill Anndrais; an aghaidh sin, b’ aithne dha 64% cuin a ghlèidhte latha-breith Raibeirt Bhurns. Agus cha b’ ann gu 2007 a chaidh latha deireannach na Samhna a dhèanamh na fhèill-banca (saor-thoileach) an Albainn le Pàrlamaid na h-Albann.
Le dìth cleachdaidh no dìth eòlais, chithear corra oidhirp air an abairt Latha Fhèill Anndrais a chur an cèill an-diugh, agus Latha Fhèill Anndra, le cruth cumanta an ainme phearsanta san latha an-diugh, nam measg. ’S ann a chaidh abairtean mar Fèill Anndrais a chruthachadh mus deach sèimheachadh ann an ainmearan ginideach fhireannach na àbhaist, m.e. Fèill Mìcheil gun sèimheachadh, an àite *Fèill Mhìcheil an dèidh riaghailtean Gàidhlig an latha an-diugh, ged a bha Mìchealsan tuiseal ghinideach; nochdaidh an aon rud ann an abairtean eile, mar Latha Bealltainn, Latha Buidhe Bealltainn ‘a’ chiad latha den Chèitean’. Nuair a chaidh abairtean mar Fèill Mìcheil a dhùblachadh leis an fhacal latha, chaidh ciad litir nan abairtean, mar a thachras le ainmearan sònraichte fireann (agus neodrach) eile, a shèimheachadh, .i. Latha Fhèill Anndrais, Latha Fhèill Pàdraig(17 Màrt), Latha Fhèill Caluim Cille(9 Ògmhios), Latha Fhèill Mìcheil (29 Sultain). San abairt Latha Fhèill Brìghde (1 Gearran), ’s e ainm bana-naoimh a th’ againn ann am Brìghde (SG Brigit, gin. Brigte) agus cha bhite an dùil ri sèimheachadh ann an ainm boireannaich san tuiseal ghinideach sa chuid mhòir de dhualchainntean co-dhiù.

Continue reading

Posted in Aindrea, Aindreas, ainmeach, ainmear, Anndra, Anndras, Bealltainn, Beurla, Beurla Ghallta, bunasach, fèill, gairmeach, Gill'Aindreis, Gillanders, ginideach, Latha Fhèill Anndra, MacGill'Aindreis, naomh, sèimheachadh | Comments Off on Latha Fhèill Aindreis, Latha Fhèill Anndra

Air fear/tè/feadhainn …


Chan urrainnear sa Ghàidhlig an gnìomhair bia chleachdadh le cuspair dìreach ach le àireamhan, prìsean, meudan 7c (m.e. Tha e fichead bliadhna a dh’aois; Tha iad trì nota deug; Tha sin cus). A bharrachd air sin, feumar roimhear a chleachdadh gus an dàimh eadar cùisear agus cuspair a chur an cèill: Tha i na dotair (le an). Air neo, feumar structair leis a’ ghnìomhair is a chleachdadh: Is e dotair a th’ innte (nas sine: Is dotair i), ged a ghabhas dealachadh foirmeil dèanamh eadar Tha i na dotair (‘am measg rudan eile na beatha, tha i clàraichte na dotair’) agus Is e dotair a th’ innte (‘is ionann i agus dotair’), m.e. Tha i na dotair ach chan e dotair a th’ innte ‘ged a tha dreuchd dotair oirre, cha dèan i an gnothach san dreuchd’.
Gus ‘aonan à buidhinn’ a chur an cèill, cleachdar structairean le bi agus an roimhear air:
(1)
Cuiridh an structair bi cuideigin air fear/tè de rudeigin an cèill gur e fear/tè à àireimh nas motha a th’ ann: Bha an t-Ollamh Watson air fear de phrìomh eòlaichean dhualchainntean na Gàidhlig; Bha athair a seanmhar air fear dhiubh sin; Air fear de bhuill a’ choitheanail an oidhche ud, chì sibh an t-Urr. Iain Mac a’ Ghobhainn; Cha robh thu air fear de na balaich sna làithean sin, mur an do roghnaich thu seasamh gus coimhead ball-coise; Tha i air tè de cheud duine a chaidh a thaghadh; Mur seachainn thu an t-òl, is math a dh’fhaodte gum bi thusa air fear de na mheallar (‘den fheadhainn a mheallar’) leis an digh; Tha mise air fear de na ministearan aig a bheil an seann fhasan gach nì a tha sa Bhìoball a chreidsinn; Tha Somhairle MacGill-Eain air fear de na bàird Albannach aig a bheil seasamh nàiseanta agus eadar-nàiseanta.

Thèid an structair seo a chleachdadh gu tric le brìgh anardach a’ bhuadhair choimeasaich (aonan à mòran): Tha fir-tàileisg Leòdhais air feadhainnde na fianaisean eachdraidh as inntinniche; Bha i air tè dena boireannaich a bu bhrèagha air an do laigh sùil peacaich a-riamh; Bhiodh i air a bhith air tè de na croisean as leithne am Breatainn ’s an Èirinn; Nalatha bha an sgìre seo air tè de na sgìrean a bu lìonmhoire; Bha an dealbh-cluiche seo air fear de na pròiseactan a bu shoirbheachail a rinn Meanbh-chuileag a-riamh.

(2)
Gabhaidh air fear/tèfhèin cleachdadh le ceum co-ionannach a’ bhuadhair: Tha e air a bhith air fear-gnothaich cho soirbheachail ’s a th’ ann an ceann a tuath Shasainn; Tha Feachd-Smàlaidh agus Teasairginn ùr na h-Alba air tè cho mòr ’s a tha san Roinn Eòrpa.
(3)
A thuilleadh air seo, tha structair ann far an tèid air a leantainn le ainmear iolra (.i. le brìgh iolra) agus buadhair coimeasach na dhèidh: Tha còmhlain phìoba Albannach à Canada air an fheadhainn as fheàrr air an t-saoghal, .i. tha iad air cuid den fheadhainn as fheàrr air an t‑saoghal.
Is coltach gur e an roimhear air seo an roimhear air ‘air mullach, os cionn’ (à SG for, nach bitheadh a’ sèimheachadh), ged a bhios sèimheachadh gu tric a’ leantainn ar ann an structairean ceudna ann an Gàidhlig na h-Èireann: (1) Tá sin ar cheann de na rudaí a dúirt mé ‘tha sin air fear de na rudan a thuirt mi’; (2) Tá sé ar fhear chomh maith leat ‘tha e air fear cho math riut’; (3) Tá sé ar na daoine is mó sa rang ‘tha e air na daoine as motha sa chlas’. Chaidh SG for (gun sèimheachadh) agus SG ar(le sèimheachadh) am measg a chèile gu ìre ann an Gàidhlig na h-Èireann. Gu foirmeil, chaidh an cumail fa leth ann an Gàidhlig na h-Albann; faic http://bloighgramair.blogspot.co.uk/search/label/air.

Continue reading

Posted in air, ar (GE), ar (SG), bi, buadhair co-ionannach, buadhair coimeasach, buadhair coimeasach (le brìgh anardach), cho, de, fear, for (SG), is (gnìomhair), sèimheachadh, | Comments Off on Air fear/tè/feadhainn …

Air fear/tè/feadhainn …


Chan urrainnear sa Ghàidhlig an gnìomhair bia chleachdadh le cuspair dìreach ach le àireamhan, prìsean, meudan 7c (m.e. Tha e fichead bliadhna a dh’aois; Tha iad trì nota deug; Tha sin cus). A bharrachd air sin, feumar roimhear a chleachdadh gus an dàimh eadar cùisear agus cuspair a chur an cèill: Tha i na dotair (le an). Air neo, feumar structair leis a’ ghnìomhair is a chleachdadh: Is e dotair a th’ innte (nas sine: Is dotair i), ged a ghabhas dealachadh foirmeil dèanamh eadar Tha i na dotair (‘am measg rudan eile na beatha, tha i clàraichte na dotair’) agus Is e dotair a th’ innte (‘is ionann i agus dotair’), m.e. Tha i na dotair ach chan e dotair a th’ innte ‘ged a tha dreuchd dotair oirre, cha dèan i an gnothach san dreuchd’.
Gus ‘aonan à buidhinn’ a chur an cèill, cleachdar structairean le bi agus an roimhear air:
(1)
Cuiridh an structair bi cuideigin air fear/tè de rudeigin an cèill gur e fear/tè à àireimh nas motha a th’ ann: Bha an t-Ollamh Watson air fear de phrìomh eòlaichean dhualchainntean na Gàidhlig; Bha athair a seanmhar air fear dhiubh sin; Air fear de bhuill a’ choitheanail an oidhche ud, chì sibh an t-Urr. Iain Mac a’ Ghobhainn; Cha robh thu air fear de na balaich sna làithean sin, mur an do roghnaich thu seasamh gus coimhead ball-coise; Tha i air tè de cheud duine a chaidh a thaghadh; Mur seachainn thu an t-òl, is math a dh’fhaodte gum bi thusa air fear de na mheallar (‘den fheadhainn a mheallar’) leis an digh; Tha mise air fear de na ministearan aig a bheil an seann fhasan gach nì a tha sa Bhìoball a chreidsinn; Tha Somhairle MacGill-Eain air fear de na bàird Albannach aig a bheil seasamh nàiseanta agus eadar-nàiseanta.

Thèid an structair seo a chleachdadh gu tric le brìgh anardach a’ bhuadhair choimeasaich (aonan à mòran): Tha fir-tàileisg Leòdhais air feadhainnde na fianaisean eachdraidh as inntinniche; Bha i air tè dena boireannaich a bu bhrèagha air an do laigh sùil peacaich a-riamh; Bhiodh i air a bhith air tè de na croisean as leithne am Breatainn ’s an Èirinn; Nalatha bha an sgìre seo air tè de na sgìrean a bu lìonmhoire; Bha an dealbh-cluiche seo air fear de na pròiseactan a bu shoirbheachail a rinn Meanbh-chuileag a-riamh.

(2)
Gabhaidh air fear/tèfhèin cleachdadh le ceum co-ionannach a’ bhuadhair: Tha e air a bhith air fear-gnothaich cho soirbheachail ’s a th’ ann an ceann a tuath Shasainn; Tha Feachd-Smàlaidh agus Teasairginn ùr na h-Alba air tè cho mòr ’s a tha san Roinn Eòrpa.
(3)
A thuilleadh air seo, tha structair ann far an tèid air a leantainn le ainmear iolra (.i. le brìgh iolra) agus buadhair coimeasach na dhèidh: Tha còmhlain phìoba Albannach à Canada air an fheadhainn as fheàrr air an t-saoghal, .i. tha iad air cuid den fheadhainn as fheàrr air an t‑saoghal.
Is coltach gur e an roimhear air seo an roimhear air ‘air mullach, os cionn’ (à SG for, nach bitheadh a’ sèimheachadh), ged a bhios sèimheachadh gu tric a’ leantainn ar ann an structairean ceudna ann an Gàidhlig na h-Èireann: (1) Tá sin ar cheann de na rudaí a dúirt mé ‘tha sin air fear de na rudan a thuirt mi’; (2) Tá sé ar fhear chomh maith leat ‘tha e air fear cho math riut’; (3) Tá sé ar na daoine is mó sa rang ‘tha e air na daoine as motha san rang (seòrsa)’. Chaidh SG for (gun sèimheachadh) agus SG ar(le sèimheachadh) am measg a chèile gu ìre ann an Gàidhlig na h-Èireann. Gu foirmeil, chaidh an cumail fa leth ann an Gàidhlig na h-Albann; faic http://bloighgramair.blogspot.co.uk/search/label/air.

Continue reading

Posted in air, ar (GE), ar (SG), bi, buadhairco-ionannach, buadhaircoimeasach, buadhaircoimeasach(lebrìghanardach), cho, de, fear, for (SG), is (gnìomhair), sèimheachadh, | Comments Off on Air fear/tè/feadhainn …

A’ gabhail na combaiste

Posted in an ear, an iar, combaist, deas, gabhail, tuath | Comments Off on A’ gabhail na combaiste

saoil …


Gabhaidh an gnìomhair saoil‘creid, beachdaich, smaoinich’ cleachdadh mar a chleachdar gnìomhairean eile a bhuineas do na ciadfathan: Saoilidh mi gur e; An saoil thu sin? Cha s(h)aoil. Coim. Cluinnidh sinn fuaim; Am faic thu am bàta?; Chan fhairich mi càil; An aithnich thu i?; Chan fhuiling mi siud. Thèid an cruth ceisteach, (an) saoil, a chleachdadh cuideachd às aonais riochdair phearsanta: Saoil am faigh mi iasad air a’ chàr a-nochd?
Anns na h-eisimpleirean a tha shuas, tha an tràth teachdail ga chleachdadh ann am brìgh làthairich. ’S e as adhbhar dha seo gum b’ e tràth làthaireach, bho thùs, a bh’ anns an tràth a th’ againn mar thràth teachdail an-diugh.
B’ àbhaist do chruthan co-thàthaidh (m.e. chuirinn ‘*chuireadh mi’; chuireamaid ‘chuireadh sinn’ 7c) a bhith na bu chumanta sa chànan, agus chithear eisimpleir eile dheth seo sa chruth saoileam ‘saoilidh mi’, a chluinnear fhathast; ’s e sin an aon seòrsa crutha a gheibhear, mar eisimpleir, san òran ‘Oidhche Mhath Leibh’:  Guidheam slàinte ’ghnàth bhith mar ribh ‘tha mi a’ guidhe gum bi slàinte an-còmhnaidh còmhla ribh’.
Thachair dà rud dhan chruth saoileam, ge-tà: air an dàrna làimh, dh’fhairich cuid de dhaoine gur ann à *saoil leam a bha am facal, mar a th’ againn ann an (’s) math leam7c; air an làimh eile, chaidh cruth caithte (tro shèimheachadh) a chur air an fhacal agus, mar thoradh air seo, gheibhear saoileam/*saoil leam ‘saoilidh mi’ agus shaoileam/*shaoil leam ‘shaoil mi’.
Is math dh’fhaodte gur ann a chionn buaidh an fhacail saoil a chaidh am facal smuain (coim. SG smúainid ‘smuainichidh e’, agus SG smúained ‘smuaineachadh’) na smaoin(smaoinich, smaoineachadh) ann am mòran àiteannan.

Continue reading

Posted in aithnich, ceisteach, ciadfathan, cluinn, faic, fairich, fuiling, guidheam, in-mhuthadh, is math leam, saoil, saoileam, smaoin, smuain, smúainid (SG), tràth caithte, tràth làthaireach, tràth teachdail | Comments Off on saoil …

ciad, ceudna …


B’ àbhaist ciad ‘(am) prìomh (rud ann an sreath)’ a sgrìobhadh ceud. ’S ann às an t-Sean Ghàidhlig cét– (a bha na ro-leasachan) a tha e. Gus am facal a dhealachadh ri ceud ‘100’ (SG cét), thòisich daoine ga sgrìobhadh ciad, gu h-àraid san dàrna leth dhen 20mh linn – cleachdadh a chaidh a dhaingneachadh ann am molaidhean GhOC (1981, 2005, 2009). 
Mar bhuadhair, bhiodh cruth an uilt air thoiseach air ciad a rèir gnè agus àireamh an ainmeir às a dhèidh, m.e. an ciad fhear(fir.); a’ chiad bhean (boir.); na ciad làithean (iol.). An-diugh, airson na mòr-chuid, cleachdar a’ an dà chuid ro ainmearan fireann agus boireann san tuiseal bhunasach: a’ chiad fhear; a’ chiad bhean. (Is coltach gu bheil cruthan mar a’ chiad làithean (le alt singilte ro ainmear iolra) an àite na ciad làithean mar thoradh air rèiteachadh cuideachd.)
B’ e cétnae an àireamh òrdail àbhaisteach san t-Sean Ghàidhlig, agus tha sin fhathast againn sa chruth ceudna ‘aon’, m.e. an rud ceudna ‘an aon rud’. Bha am facal na ainmear cuideachd, agus tha an abairt Nua-Ghàidhlig mar an ceudna ‘air an aon dòigh, cuideachd’, mar eisimpleir, cumanta fhathast. Chaidh ceudna na ceunda ann an corra dhualchainnt.

Continue reading

Posted in ainmear, àireamh òrdail, buadhair, cét (SG), cétnae (SG), ceud, ceudna, ceunda, ciad, GOC, rèiteachadh, ro-leasachan | Comments Off on ciad, ceudna …

iomadh bliadhna …



Ann an cuid de dh’fhaclairean Gàidhlig, canar gur e buadhair a tha ann an iomadh (iomadh bliadhna ‘mòran bhliadhnaichean’), ach ’s e ainmear fireann a th’ ann (SG imbed, imbad a bha neodrach bho thùs agus an uair sin fireann). Mar a thathas a’ sùileachadh ann am mòran bhliadhnaichean, bhite an dùil gum biodh ainmear a thigeadh an dèidh ainmeir eile anns an tuiseal ghinideach; chan e sin e, ge-tà, a rèir choltais, dha iomadh bliadhna, agus leabhraichean gràmair ag ràdh gur e cruth singilte an ainmeir a leanas iomadh.
San t-Sean Ghàidhlig, bhiodh an cruth ginideach iolra aig cuid mhòr de dh’ainmearan co-ionann ris a’ chruth bhunasach shingilte aca, ach chithear an aon seòrsa rud gu h-àraid ann an ainmearan fireann coltach ri fear agus balach fhathast ann an Gàidhlig na h-Alba: am fear beag, (gin.) taighean nam fear beaga; am balach beag, (gin.) leabhraichean nam balach beaga. B’ e sin an cleachdadh bho thùs an dèidh, mar eisimpleirean, nan àireamhan fichead, ceud agus mìle: SG fiche fer ‘fichead fear’, cét fer ‘ceud fear’, míle fer ‘mìle fear’. Is e an cleachdadh sin, air a sgaoileadh chun a h-uile h-ainmear ann an Gàidhlig na h-Alba, a lean gus an latha an-diugh.
’S e nuadhachas a bh’ ann, ge-tà, nuair a thòisicheadh air ainmearan neo-dheimhinnte iolra san tuiseal ghinideach a shèimheachadh ann an Gàidhlig na h-Alba: a’ peantadh dhealbhan; an dèidh mhìosan; mòran bhliadhnaichean. Is dòcha gun do thàrmaich an nuadhachas seo uaireigin san 17mh linn; am bitheantas, cha lorgar e ann an Gàidhlig na h-Èireann no ann an Gàidhlig Mhanainn.
Ach cha do thachair an t-atharrachadh seo le na h-àireamhan fichead, ceud agus mìle a lean leis an t‑sean chleachdadh, .i. cruth ginideach iolra gun sèimheachadh, agus – mar as motha a chaidh ainmearan neo-dheimhinnte ginideach iolra a shèimheachadh – air an robh coltas singilte a-nis.
A rèir choltais, dh’fhuirich an cleachdadh an dèidh iomadh còmhla ris a’ chleachdadh an dèidh nan àireamhan fichead, ceud agus mìle – agus an dèidh nan àireamhan ‘ùra’ trìthead, ceathrad 7c a bhios gan cleachdadh uaireannan an-diugh.

An-dràsta is a-rithist, thigear tarsainn air eisimpleir de dh’ainm-àite far am faighear an sean chleachdadh seo, m.e. Cnoc Chala Muc(ann an Calanais, Leòdhas): nuair a chaidh a’ chiad ainm an seo (nach eil ri lorg na aonar tuilleadh) a chruthachadh, cha robhas a’ sèimheachadh ainmearan neo-dheimhinnte ginideach iolra: *Cala Muc ‘bàgh nam muc’. Continue reading

Posted in ainmear fillte, àireamhan, Calanais, ceathrad, ceud, Cnoc Chala Muc, fichead, ginideach, iolra, iomadh, mìle, mòran, sèimheachadh, trìthead | Comments Off on iomadh bliadhna …

Barrachd, tuilleadh agus còrr


Aig bun, tha brìgh nan ainmearan seo eadar-dhealaichte:
barrachd ‘meud nas motha’: tha barrachd bidhe air an truinnsear sin na tha air an fhear agamsa; tuilleadh ‘meud eile’: an dèidh dhut na tha agad an sin ithe, tha tuilleadh sa phoit, ma bhios tu ga iarraidh; còrr ‘na tha air fhàgail’: sìn thugam a’ phoit a-nis agusgabhaidh mi làn na spàine de na tha innte, ach chan ith mi an còrr.
(1) barrachd boir. (+ gin.) ‘àireamh no meud nas motha’: tha mi ag iarraidh barrachd; barrachd dhaoine; barrachd fiosrachaidh. (2) barrachd air abairt ainmeach (+ tabh.) ‘thairis air, nas motha na’: barrachd air uair a thìde; barrachd orrasan. (3) barrachd co-ghnìomhair ‘nas motha’: tha i a’ dol a-mach barrachd. (4) a bharrachd buadhair do-chlaonadh ‘eile’: latha a bharrachd. (5) a bharrachd airroimhear fillte (+ tabh.) ‘air mullach air, a bhàrr air’: a bharrachd air sin; a bharrachd oirnn fhìn.
(1) tuilleadh fir. (+ gin.) ‘àireamh eile, meud eile’: an gabh thu tuilleadh?; dè tuilleadh a tha ri ràdh?; tuilleadh fiosrachaidh; gu tric leis an alt agus ainmear ga leantainn san tuiseal ghin.: an dèidh an tuilleadh beachdachaidh. (2) tuilleadh agus abairt ainmeach ‘ro, cus’: bha tuilleadh is a chòir ann; abairt bhuadhaireach no co-ghnìomhair: tha e tuilleadh is furasta; dh’fhàs i tuilleadh is àrd. (3) tuilleadh co-ghnìomhair ‘a-rithist’: cha deach bruidhinn ris tuilleadh; chan fhaic mi tuilleadh e; ann an abairtean co-ghnìomhaireach: bha iad toilichte a-riamh tuilleadh; bidh i ann gu bràth tuilleadh/a-chaoidh tuilleadh; cha bhi e fada tuilleadh. (4) a thuilleadh air roimhear fillte (+ tabh.) ‘air mullach air, a bhàrr air’: a thuilleadh air sin.

(1) còrr fir. (leis an alt) ‘na tha air fhàgail, an rud eile, dad eile’: chan eil an còrr agam ri ràdh; dè an còrr as urrainn dhomh a ràdh?; le de: an còrr den ùine. (2) còrr agusabairt ainmeach ‘thairis air, nas motha na’: còrr is fichead bliadhna; còrr math is deich.

Air uairean, gheibhear barrachd agus an àite barrachd air; tuille an àite tuilleadh.

Continue reading

Posted in barrachd, còrr, tuilleadh | Comments Off on Barrachd, tuilleadh agus còrr

foghain, a’ fòghnadh

Nochdaidh an gnìomhair foghain ‘bidh gu leòr’ (air a sgrìobhadh foghainn no fòghainn air mhearachd ann an cuid de dh’fhaclairean) ann an abairtean mar fòghnaidh sin ‘is leòr sin’ agus fòghnaidh na dh’fhòghnas ‘nì e an gnothach’. Eisimpleirean … Continue reading

Posted in foghain, fòghnadh | Comments Off on foghain, a’ fòghnadh

dè fo ghrian …?

‘S e ainmear boireann à Rang 2 (.i. coltach ri bròg bròige, caileag caileige) a th’ ann an grian: bun. tha a’ ghrian a’ dol fodha; gin. aig dol fodha na grèine; tabh. na ròin gam blianadh sa ghrèin. Air a’ chiad sealladh, a-rèist, tha e na iongnadh gun canar, mar eisimpleir, dè fo ghrian a tha sin? ‘dè air thalamh a tha sin?’. An dèidh an roimheir fo, bhite an dùil ris an tuiseal tabhartach, mar a tha ann an chan eil teagamh fon ghrèin agam ‘chan eil teagamh sam bith agam’, ach tha e coltach gur h-e giorrachadh a th’ ann am fo ghrian an seo airson fo ghrian nan speur ‘fo ghrian nan nèamh’ agus gur h-e sin as coireach nach eil claonadh ri fhaicinn san ainmear an seo: dè fo ghrian nan speur a tha sin? Continue reading

Posted in ainmear, boireann, claonadh, fo ghrian, giorrachadh, Rang (ainmeir) | Comments Off on dè fo ghrian …?