Author Archives: Màiri Anna Chaimbeul

TURAS DHAN T-SABHAL MHÒR

b2ap3_thumbnail_image4.JPG

Air an 20mh latha den t-Sultain chaidh buidheann nighean bhon treas bliadhna a-null dhan  t- Eilean Sgitheanaich airson faighinn a-mach dè bha ri dhèanamh aig Sabhal Mòr Ostaig. Air ruighean a-null bha iad den bheachd gur e àite gleansach agus ùr a bh’ ann. 

b2ap3_thumbnail_image5.JPG

Dh’èirich iad tràth madainn Diciadain, agus an dèidh bracaist, chaidh iad gu ruige “set” an t-siabainn Gàidhlig Bannan.  Chòrd sin gu mòr leotha ach a-mhàin am fuachd – bha e eagallach fuar!   Chuir iad beagan ùine seachad a’ coinneachadh le Tony Kearney (Torquil), Debbie NicAoidh, Cailean Collier, Laura NicIllinnean agus an còrr den sgioba agus chunnaic iad cuideachd filmeadh a’ dol air adhart – chunnaic iad pàirt dhan phrògram a thèid a chraoladh an ath bhliadhna.

b2ap3_thumbnail_image6.JPG

An uairsin chunnaic iad aodach nan cleasaichean air fad agus chunnaic iad oifisean luchd-obrach Bannan agus Sabhal Mòr Ostaig.  Rinn iad beagan dràma còmhla ri Coinneach, a chòrd riutha gu mòr, agus chuir iad crìoch air an turas le bhith a’ coinneachadh le Mòrag Stiùbhart a thug fiosrachadh dhaibh mu chùrsa na Meadhanan a tha i a’ teagasg anns a’ cholaiste.

b2ap3_thumbnail_image3.JPG

b2ap3_thumbnail_image1.JPG

Thill na h-‘ighnean dhachaigh oidhche Chiadain an-dèidh turas sgoinneil.  Bha an turas air a chuir air dòigh le Màiri Anna Chaimbeul, Iomairt Ghàidhlig Uibhist a-Deas Roinn na Gàidhlig ann an Sgoil Lionacleit.

b2ap3_thumbnail_image2.JPG

 

Continue reading

Posted in blòg | Comments Off on TURAS DHAN T-SABHAL MHÒR

Clubaichean Dèidh-sgoile Ghàidhlig

b2ap3_thumbnail_cnag.png 

 Bidh Clubaichean Dèidh-sgoile Ghàidhlig a’ tòiseachadh a-rithist an t-seachdain sa am Bun Sgoil Steòrnabhaigh, Bun Sgoil Lacasdail, Sgoil a’ Bhac agus Sgoil an Rubha, Leòdhas. Aig na Clubaichean bidh a’ chlann a’ faighinn taic le ‘n obair-dachaigh agus an sàs ann an roinn farsaing de chur-seachadan samhail ealain, ceòl agus diofar spòrsan.  Tha na Clubaichean, a tha a’ cosg £4.00 gach seisean air an cur air dòigh le Comunn na Gàidhlig agus gheibhear tuilleadh fiosrachaidh aig 01851 701802 neo calumiain@cnag.org

 

Gaelic After-school Clubs will be starting again this week in Stornoway Primary, Laxdale Primary, Sgoil a’ Bhac and Sgoil an Rubha, Lewis.  At the Clubs, children are given assistance with homework and participate in a wide range of activities such as arts & crafts, music and sports.  The Clubs, which cost £4.00 per session, are organised by Comunn na Gàidhlig and further information can be obtained on 01851 701802 or calumiain@cnag.org

Continue reading

Posted in blòg | Comments Off on Clubaichean Dèidh-sgoile Ghàidhlig

Samhradh 2016

b2ap3_thumbnail_iasgach-E.JPG

Bha samhradh spòrsail eile aig Iomairt Ghàidhlig Uibhist a Deas & Èirisgeigh agus òigridh bho air feadh Uibhist, Èirisgeigh agus feadhainn a bha a-staigh air làithean-saora a’ gabhail an cothrom pàirt a ghabhail ann an diofar chur-seachadan tro mheadhain na Gàidhlig.

Bha cothrom aig òigridh bho aois 3 suas a dhol gu na diofar thachartasan seo tron t-samhraidh; nam measg bha bùithtean-obrach dannsa-Gàidhealach le Gemma Steele, bùithtean-obrach rèidio & fiolmadh, seiseanan-cluich, turas a Bharraigh agus na làithean spòrsail ag iasgach aig muir còmhla ri Uist Sea Tours.

b2ap3_thumbnail_dannsa.JPG

 Bha na tachartasan air fad làn spòrs ged a bha aca ri obrachadh gu math cruaidh ann am feadhainn de na tachartasan is daoine gu math sgìth as dèidh an dannsa agus cuideachd na làithean fiolmadh agus iad a’ tighinn suas le fiolm goirid iad fhèin, le taic bho Paul Steele.

b2ap3_thumbnail_fiolmadhI.JPG

 Seo a’ chiad turas a tha an Iomairt air òigridh a thoirt a Bharraigh agus abair gun do chòrd an latha ris an 12 òigridh a chaidh ann. Bha Ishi NicIlleathain gar sealltainn mun cuairt agus fhuaireas cothrom tadhal air port-adhair Bharraigh far am facas am plèana a’ laighe air a tràigh bhon tùr sgoinneil aca agus cuideachd coimhead air na diofar ghoireasan aig a tha aig luchd-obrach na h-einnsean-smàlaidh aig a’ phort-adhair. Rinneadh cuairt cuideachd ann am Bagh a’ Chaisteal, cuairt an sgadain a dh’ innis mòran dhuinn mu eachdraidh iasgach an sgadain ann an Barraigh thairis air nam bliadhnaichean – bha deagh fhaid anns a chuairt agus bha sinn toilichte reòiteag blasta a cheannachbhon bhùth aig “The Deck” air a bha a’ chuairt ullamh!

b2ap3_thumbnail_Barraigh1.JPG

 Gach bliadhna tha an òigridh gu math measail air na turais againn gu muir airson iasgach mara còmhla ri Uist Sea tours agus bha sin fìor airson an 18 òigridh a ghabh an cothrom feuchainn a-mach am bliadhna. Bha iad uile air am cumail trang is an t-iasg gu math pailt air an dà thuras agus iad uile a’ tilleadh dhachaigh le an cuid dìnnear an oidhche sin. Cha robh cùisean cho buileach math dhuinn air fad air an dàrna turas is fheadhainn dhan òigridh a’ faireachdainn rud beag bochd, thàinig na faclan aig Dòmhnall Iain Mac a’ Mhaoilein a-staigh gu math feumail an fheasgar sin, “ ‘ S truagh nach do dh’ fhuirich mi tioram air tìr, ‘N fhìrinn a th’ agam nach maraiche mi…”

 Tha an Iomairt airson taing a thoirt dhan na h-inbhich air fad a thug taic airson na diofar thachartasan seo a chur air adhart agus a thug taic sam bith seachad, agus dhan na pàrantan agus a’ chlann air fad a thàinig a-mach chun na tachartasan tron t-samhraidh.  Bha gach tachartas air leth spòrsail agus bha e math a bhith a’ cluinntinn an òigridh a’ cleachdadh na Gàidhlig ann an còmhradh agus a’ seinn agus a’ toirt cothrom dhan luchd-ionnsachaidh faclan ùra ionnsachadh.

b2ap3_thumbnail_iochdair2.JPG

 

 

 

 

Continue reading

Posted in blòg | Comments Off on Samhradh 2016

Nigheanan Lionacleit ann an Glaschu

b2ap3_thumbnail_bbc-1.jpg

Ged nach robh sinn, “Nighnean Lionacleit” an Glaschu ach airson dà oidhche rinn sinn an gnothach air gu leòr rudan spòrsail a dhèanamh anns an ùine sin!

Madainn Dihaoine choinnich sinn le Uibhisteach eile ann an Glaschu, Iain Eòsaph MacIosaig a tha ag obair aig a BhBC ann an Glaschu. Thug Iain Eòsaph sinn mun cuairt air an togalach mhìorbhaileach seo agus dh’ionnsaich sinn mòran mu dheidhinn na bhios a’ tachairt an seo. Chunnaic sinn an sgioba aig Roinn na Gàidhlig is iad trang ag obair, fhuair sinn a-steach gu Edit agus cuideachd dhan stiùidio far am bi Reporting Scotland, an sìde air An Là agus Sportscene air a chlàradh. S e an highlight do mhòran den bhuidheann an cothrom fhaighinn suidhe ann an cathair presaentair Reporting Scotland airson dealbh agus cuideachd coinnicheachadh ri Sarah Cruickshank agus Judith Ralston.

b2ap3_thumbnail_sarah.jpg

 Chuir sinn seachad ùine an uairsin aig Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu an sàs sa bhuidheann “Cèic is Cabadaich”, buidheann sgoilearan a bhios a’ coinneachadh airson beagan craic gach seachdain bho stiùir Alison Ni Dhorchaidhe, Oifigear Òigridh ChnaG ann an Glaschu. Choinnich sinn ri sgoilearan laghach bhon sgoil agus thadhail mòran Uibhistich a bhios a’ teagasg a-staigh oirnn. Cha dhìochuimhnich sinn na cèicean blasta a bha ann airson ithe cuideachd. An seo bha sinn a’ dèanamh iomradh air na rudan a bhios a’ còrdadh rinne mu dheidhinn Uibhist, agus carson is e an àite is fhearr air lalamh – nar beachd sa co-dhiù!- rudan mar na tràighean breagha agus na daoine laghach.

b2ap3_thumbnail_SGG-1.jpg

 Oidhche ‘haoine chaidh sinn gu geama ball-coise Sgioba nam Ban aig Alba, bha sinn fortanach tiocaidean fhaighinn bho Jo Murphy a tha ag obair airson an SFA. Ged nach deach an geama cho math dhaibh bha oidhche air leth againn. Seo achiad geama ball-coise aig gu leòr againn agus chòrd e rinn, gu h-àraid air sàilleabh gun do choinnich sinn le cluicheadairean mar Jo Love agus Gemma Fay as dèidh a gheama. Bha bratach mòr againn le Uibhist sgrìobhte air agus bha sin air BBC Alba uair no dhà.

b2ap3_thumbnail_Jo-Love.jpg

 Bha ùine againn madainn Disathairne seisean trèanaidh fhaighinn còmhla ri Laura Williamson a bhios ag obair aig Greenock Morton. Bha seisean sgoinneil againn còmhla ri Laura agus dh’ ionnsaich I tòrr dhuinn. Dh’ ionnsaich sinn fhèin beagan Gàidhlig do Laura a bhiodh feumail dhi agus ‘s I a rinn math tweet a chuir thugainn a-rithist le beagan Gàidhlig na mheasg.

b2ap3_thumbnail_coaching.jpg

 Chrìochnaich ar turas is sinn a’ siubhail dhachaigh air aiseag Mhalaig far an robh beagan de chèilidh a ‘dol còmhla ri muinntir Cheòlas. Rinn sinn beagan dannsa agus seinn mus do ràinig sinn Loch Baghasdail.

 Tha sinn ùile a’ faireachdain gun rinn an turas feum dhuinn ann a bhith a’ leasachadh ar sgilean Gàidhlig agus tha sinn cuideachd cus nas misneachail a bhith ga bruidhinn nar measg fhein.  Tha sinn a’ faireachdan, mar dhaoine òga, gu bheil tachartasan mar seo air leth feumail agus buannachail nàr n-oidhirpean ìre fileantachd a ruighinn.   

 Bha turas sgoinneil againn agus tha sinn airson taing a thoirt dhan h-uile duine a thug taic dhuinn ann an dòigh sam bith, gu h-àraid Mrs Beaton agus an sgoil, Màiri Ann Chaimbeul bho ChnaG agus Ruth a bha a’ draibheadh am bus dhuinn.

 

 

 

 

Continue reading

Posted in blòg | Comments Off on Nigheanan Lionacleit ann an Glaschu

Seiseanan eadar-ghinealach

 

 

 

 

Dh’ionnsaich òigridh ann an Uibhist mòran mu dheidhinn seann chleachdaidhean co-cheangailte ris an sgìre aca fhèin thairis air a’ Gheamhradh seo.

Fhuair iad an cothrom èisteachd agus còmhradh ri daoine nas sìne bhon choimhearsnachd aca fhèin agus abair gun robh seiseanan èibhinn, fiosrachail agus gu math beothail ann.

b2ap3_thumbnail_iochdair.jpg

Chuala iad gu h-àraid mu dheidhinn na diofar chleachdaidhean a bha ann an Uibhist co-cheangailte ri Oidhche Shamhna, mar a bhiodh iad a’ dèanamh na h-aodannan aca mus tàinig aodannan-choimheach agus an fealla-dha a bhiodh aca a’ cluich chleasan air daoine.

Fhuair feadhainn dhan òigridh cothrom blas de fhuarag a rinn Ann Marie fheuchainn, rud a bha cumanta air Oidhche Shamhna.  Bhithear a’ cur diofar rudan dhan fhuarag, rudan a bh’ airson  comharrachadh tachartasan san àm ri teachd, m.e. fainne a’ samhlachadh pòsadh.

b2ap3_thumbnail_Dalabrog.jpg

Bha an fuarag math blasta, ged a bha e follaiseach bhon aodainn nach do chòrd e ris a h-uile duine aca!  Bha an òigridh math air ceistean fhaighneachd, an cuid sgeulachd fhèin innse agus a bhith ag èisteachd ris na h-aoighean a bha an làthair.

b2ap3_thumbnail_paible.jpg

Cuspair eile a dh’ionnsaich iad mu dheidhinn,  ‘s e Oidhche Challainn agus gu h-àraid, an duan, Duan na Callaig a bha a’ buntainn ris an sgìre aca fhèin. Dh’ èist iad ri clàraidhean de dhaoine ag aithris an duan agus an uairsin fhuair iad fhèin cothrom an Duan ionnsachadh. Bha iad ag aithris an Duan gu misneachail ann an ùine gu math goirid.

b2ap3_thumbnail_Duan.JPG

Chan eil ann ach beagan bhailtean ann an Uibhist & Èirisgeigh far a bheil an cleachdadh seo beò fhathast agus chòrd e ris an òigridh an cothrom fhaighinn seo ionnsachadh agus dh’fhaodadh gun tig ath-bheothachadh air an cleachdadh seo ann an diofar bhailtean a-nis.

Tha sinn airson taing a thoirt do mhuinntir na sgìre a thug an ùine seachad airson bruidhinn ris an òigridh agus an cuid eòlais agus fiosrachaidh innse dhaibh.

Chaidh na tachartasan seo a chuir air dòigh le Liam Crouse (Ceòlas) agus Màiri Anna Chaimbeul (CnaG).

 

 

 

 

 

b2ap3_thumbnail_iochdair.jpg

Continue reading

Posted in blòg | Comments Off on Seiseanan eadar-ghinealach

Dùbhlain dìomhaireachd

b2ap3_thumbnail_challenge.jpgb2ap3_thumbnail_gillean.jpg

b2ap3_thumbnail_filmg.jpgb2ap3_thumbnail_bord-grogarry.jpgb2ap3_thumbnail_dinnear.jpg

Ghabh feadhainn dhan òigridh bhon buidheann Òigridh Uibhist pàirt ann an tachartas air leth spòrsail, agus annasach, ann an Loidse Ghrogarraidh, Uibhist a Deas, anns an Dùbhlachd.

Ged a bha latha gaothail fuar ann a-muigh, bha loidse Ghrogarraidh blàth togarrach agus na ionad uabhasach freagarrach airson na bha air thoiseach air an òigridh.

Ghabh an òigridh pàirt ann an mòran dùbhlain agus geamaichean  a thug an cothrom dhaibh obrachadh còmhla tro mheadhain na Gàidhlig. Bha aca ri obrachadh a-mach cò a chuir urchair ri Ben Mòr, fiadh ionadail anns an geama Murder mystery “ Sleigh Bells ring” far an tug Bodach na Nollaig a bhean agus a charaidean air turas a dh’ Uibhist. Bha tuairmsean air an toirt seachad mu na thachair agus bha gach neach anns a bhuidheann a’ cluich caractaran bhon sgriobt agus bha loidhnichean aig an òigridh air fad ri leughadh airson beachd a thoirt dhaibh air cò a’ rinn an rud uabhasach a bha seo. Thog an geama seo misneachd an òigridh ann a bhith a’ bruidhinn agus a’ leughadh na Gàidhlig còmhla ri an co-aoisean agus na h-inbhich a bha an sàs. Bha fealla-dhà gu leòr an luib seo agus cha robh am freagairt furasta ri obrachadh a-mach.

Bha dùbhlain eile ann tron oidhche far an robh aca ri teachdairean falaichte a lorg air feadh na loidse agus a’ togail dhealbhan dhiubh,  cuideachd farpaisean-cheist is gu leòr geamaichean eile. Dh’ fhàg an òigridh air fad le duaisean  a bha iad air a bhuannachadh. Chrìochnaich an oidhche le film air an sgrìon mhòr , as dèidh dhaibh sùil a thoirt air sean film FilmG no dhà.

Bha oidhche air leth aig an òigridh air fad (agus aig na h-inbhich!) a’ fuireach ann an Grogarraidh agus bha iad air am milleadh le dinnear blasta agus bracaist an ath mhadainn bho Bella agus an luchd-obrach ann an Grogarraidh. ‘ S e àite sgoinneil a bha ann airson fuireach oidhche le buidheann òigridh agus chòrd an oidhche gu mòr riutha.

Chaidh an tachartas seo a chuir air dòigh le Catriona Mhoireasdan, Màiri Anna Chaimbeul agus Paul Steele.   

Continue reading

Posted in blòg | Comments Off on Dùbhlain dìomhaireachd

Samhradh trang an Uibhist

b2ap3_thumbnail_eirisgeidh.jpgb2ap3_thumbnail_ishi.jpgb2ap3_thumbnail_iasgach-E.jpgb2ap3_thumbnail_iasgach-lb.jpgb2ap3_thumbnail_baile-a-mhanaich.jpgb2ap3_thumbnail_dannsa.jpgA dh’aindeoin an t-sìde gruamach a bh’ ann a’ mhòr-chuid den t-samhraidh, ghabh mòran òigridh pàirt ann an diofar seiseanan,  ann an Uibhist, a-muigh agus a-staigh, air an cuir air dòigh le Iomart Ghàidhlig Uibhist a-Deas is Èirisgeigh.   

 

Bha dà thuras iasgach air leth ann, far an deach òigridh a-mach còmhla ri Uist Sea Tours airson cothrom beagan ionnsachadh mu dheidhinn iasgach agus iasg a ghlacadh cuideachd. Bha spòrs gu leòr againn a-muigh aig muir agus bha ceilidh beag ann cuideachd, le òrain bho Niall Donan  – taing do Niall airson na h-òrain. Chaidh iad uile dhachaigh le pocanan làn iasg airson dinneir na feasgair!  

 

Chaidh bùthan-obrach air na meadhanan a chumail far an deach taic a thoirt dhan òigridh tighinn an àirde le beachdan inntinneach airson filmichean goirid a dhèanamh.  Chaidh an uairsin an toirt a dh ‘Eirisgeidh agus dhan Iochdair airson beagan filmeadh a dhèanamh, le taic air a thoirt seachad le Paul, aig Island Youth Project. Thug seo bunait mhath air filmeadh dhan òigridh agus abair thus gu robh seallaidhean eireachdail ri fhaicinn anns an fhiolam ann an Èirisgeigh agus bòcan gu math eagalach anns an Iochdair!

 

Bha an òigridh cuideachd an sàs ann an seinn, geamaichean, ealain agus bèicearachd ann an seiseanan eadar Loch Baghasdail, Dalabrog agus Baile a’ Mhanaich. Bha guthan àlainn aca air fad agus bha iad uabhasach dìcheallach cuideachd anns gach rud a dh’ fheuch iad.  Am measg na chaidh a dhèanamh chaidh clasaichean dannsa a chumail aig Cill Donan far an do chum Gemma Steele am buidheann a bh’ aice  trang an dannsa agus feadhainn dhiubh a’ feuchainn dannsa-Gàidhealach airson a chiad uair, agus abair gun do rinn iad adhartas ann an ùine ghoirid.

 

Bhathas gu math fortanach latha tioram fhaighinn airson an latha ealain is deilbh air an tràigh còmhla ri Ishi NicIlleathain. Bha dealbhan sgoinneil air an togail an latha sin agus chleachd an òigridh an mac-meanmhainn airson pìosan ealain gu math cruthachail a chuir ri chèile a’ cleachdadh rudan a’ lorg iad air an tràigh. Am measg na rudan cruthachail a chaidh a dhèanamh, chaidh sealltainn dhaibh ciamar a thogadh iad bholcàno gainmhich agus chòrd sinn riutha glan fhèin!

 

Tha Mairi Anna Chaimbeul, Oifigear Iomairt Uibhist is Èirisgeigh airson taing mhòr a thoirt dhan a h-uile duine a thug taic seachad le bhith a’ ruith seiseanan agus dhan òigridh airson pàirt a ghabhail agus a bhith cho modhail agus spòrsail.  Tha an Iomairt air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig is Comhairle nan Eilean Siar agus air a ruith le Comunn na Gàidhlig.

Continue reading

Posted in blòg | Comments Off on Samhradh trang an Uibhist

Goilf

b2ap3_thumbnail_golf1.jpg

Seo dealbhan bhon seisean goilf aig Òigridh Uibhist còmhla le John Archie agus Domhnall aig Club Goilf Asgeirnis aig toiseach An t-Ògmhios.  Dh’ ionnsaich an òigridh tòrr mu dheidhinn goilf anns an ùine ghoirid a bha aca còmhla riutha agus chòrd an seisean ris an òigridh air fad.

b2ap3_thumbnail_golf2.jpg

Tha sinn an dòchas gun tig againn air seisean eile fhaighinn ann an Asgeirnis nas anmoiche air a bhliadhna airson cothrom fhaighinn air tuilleadh ionnsachadh mu dheidhinn goilf. Chaidh an seisean seo a chuir air dòigh le Màiri Anna Chaimbeul agus Catriona Mhoireasdan.  

b2ap3_thumbnail_golf3.jpg

Continue reading

Posted in blòg | Comments Off on Goilf

Thank You Awards

b2ap3_thumbnail_TYA-1.jpgTha buidheann òigridh ann an Sgoil Lionacleit air a bhith ag obair air fiolm goirid a dheasachadh airson na Thank You Awards, farpais airson taing a thoirt do chuideigin anns an sgìre aca.

Thagh an òigridh Miss Levack airson an obair ionmholta a tha I air a bhith a’ dèanamh le òigridh na sgìre a thaobh lùth-chleasachd. Tha an òigridh air taic fhaighinn bho Paul Steele agus Màiri Anna Chaimbeul airson an fiolm aca a chuir ri chèile. Bidh an fiolm deiseil airson a chuir air falbh dhan fharpais aig deireadh a’ Ghiblean.

b2ap3_thumbnail_TYA-2_20150504-102719_1.jpg

 

Continue reading

Posted in blòg | Comments Off on Thank You Awards

Bèiceireachd blasta

b2ap3_thumbnail_baking3.jpgb2ap3_thumbnail_baking1.jpg Bha feasgar thrang ach spòrsail aig  an òigridh ann am buidheann Òigridh Uibhist.

Fhuair iad an cothrom fuireach as dèidh na sgoile airson pàirt a ghabhail am an seisean bèiceireachd.

Rinn gach neach treidhe làn de mhìlsean blasta airson an toirt dhachaigh.

Bha feadhainn dhiubh plèana le coconut, feadhainn le teoclaid agus feadhainn eile le teoclaid gheal agus bha iad uile a’ coimhead gu math blasta.

Bha an tachartas seo air a chuir air dòigh le Catriona Mhoireasdan agus Màiri Anna Chaimbeul.

b2ap3_thumbnail_baking2.jpg

Continue reading

Posted in blòg | Comments Off on Bèiceireachd blasta