Author Archives: Niall O’Gallagher

Ceist na Gàidhlig

  Pàipear-bhòtaidh Èireannach air Cunnradh Lisbon “Am bu chòir do dh’Alba a bhith na dùthaich neo-eisimeilich?” Bidh cuid agaibh a chreideas gum bu chòir, cuid eile, nach bu chòir. Tha fios againn gu bheil tòrr nach tàinig gu co-dhùnadh fhathast…. Continue reading

Posted in bun-reachd, Gàidhlig, neo-eisimeileachd | Comments Off on Ceist na Gàidhlig

Ceist ga freagairt

“Am bu chòir do dh’Alba a bhith na dùthaich neo-eisimeilich?” Sin a’ cheist a bhios air a’ phàipear-bhaileit anns an referendum air neo-eisimeileachd ann an 2014. Chan e “a bheil thu ag aontachadh gum bu chòir” ach dìreach “am… Continue reading

Posted in bun-reachd, neo-eisimeileachd | Comments Off on Ceist ga freagairt

Deireadh na connspaid?

Bha dùil againn gun deigheadh connspaid na comhairle laghail a thogail aig a’ chiad sheisean de Cheistean a’ Phrìomh Mhinisteir an-diugh. Ach cha deach. Sin a dh’aindeoin a’ chàinidh a bha anns an aithisg a nochd an-diugh – ged a… Continue reading

Posted in ceistean-a-phriomh-mhinisteir | Comments Off on Deireadh na connspaid?

Sabaid nan Sochairean

Tha dùil gum bi sochairean sòisealta nan adhbhar sabaid mòire ann an 2013. Bhòt buill-pàrlamaid – Tòraidhean agus cha mhòr na Lib Deamaich uile – gus crìoch a chur air tòrr dhiubh agus air cuid de chreidisean cìse cuideachd. Às dèidh… Continue reading

Comments Off on Sabaid nan Sochairean

Cosgais a’ bhile

Bidh bhòt shaor air pòsadh gèidh nuair a thig e don phàrlamaid anns a’ bhliadhna ùir. Ach chuir Riaghaltas na h-Alba romhpa mar-thà gun tèid iad air adhart ris na planaichean seo agus tha làn dùil gum faigh iad taic nam… Continue reading

Comments Off on Cosgais a’ bhile

Iarraidh na fìrinne

Dè an fhìrinn mun chàirdeas eadar Alba neo-eisimeileach agus an t-Aonadh Eòrpach? Tha beachdan eadar-dhealaichte air a bhith gan toirt seachad anns na seachdainnean a dh’fhalbh. Air aon taobh tha an fheadhainn – Riaghaltas na h-Alba nam measg – a chreideas… Continue reading

Posted in bun-reachd, neo-eisimeileachd | Comments Off on Iarraidh na fìrinne

Bho Chatalòinia gu Caledonia

Tha dùil againn a-nis gun tèid aonta a comharrachadh eadar Dàibhidh Camshron agus Ailig Salmond ann an Dùn Èideann Diluain gus cead laghal a thoirt do Holyrood referendum a chumail air neo-eisimeileachd. Thuirt am prìomh mhinistear an-dè gun robh rud no… Continue reading

Posted in bun-reachd, neo-eisimeileachd | Comments Off on Bho Chatalòinia gu Caledonia

Onarach…no amaideach?

Dè tha Johann Lamont ris? Tha nàiseantaich aig Holyrood air an dòigh an-diugh às dèidh mar a dh’iarr ceannard Albannach nan Làbarach “deasbad onarach” air cosgais cuid de pholasaidhean an riaghaltais. Gu sònraichte, thog i cuingidhean-leigheis saor an asgaidh, foghlam oilthigh gun… Continue reading

Posted in eaconamaidh, Foghlam, slàinte | Comments Off on Onarach…no amaideach?

Ceum eile adhart

Ceum eile adhart ann an còmhradh an referendum an-diugh. Seo na thuirt an dà riaghaltas as dèidh coinneimh eadar MÌcheal Moore agus Nicola Sturgeon: Rinneadh adhartas sùsbainteach a dhèanamh an-diugh, agus aig coinneamhan roimhe, air an obair airson aonta agus air… Continue reading

Posted in bun-reachd, neo-eisimeileachd | Comments Off on Ceum eile adhart

Aonta air fàire

Saoil a bheil an dà riaghaltas nas fhaisge air aonta air an referendum? Tha mi a’ smaointinn gu bheil. Chan ann air sgàth ‘s gun tàinig naidheachd mhòr bho choinneamhan an là an-diugh – cha tàinig. Cha ann air sgàth ‘s… Continue reading

Posted in bun-reachd, neo-eisimeileachd | Comments Off on Aonta air fàire