-
Archives
- December 2019
- November 2019
- October 2019
- September 2019
- August 2019
- July 2019
- June 2019
- May 2019
- April 2019
- March 2019
- February 2019
- January 2019
- December 2018
- November 2018
- October 2018
- September 2018
- August 2018
- July 2018
- June 2018
- May 2018
- April 2018
- March 2018
- February 2018
- January 2018
- December 2017
- November 2017
- October 2017
- September 2017
- August 2017
- July 2017
- June 2017
- May 2017
- April 2017
- March 2017
- February 2017
- January 2017
- December 2016
- November 2016
- October 2016
- September 2016
- August 2016
- July 2016
- June 2016
- May 2016
- April 2016
- March 2016
- February 2016
- January 2016
- December 2015
- November 2015
- October 2015
- September 2015
- August 2015
- July 2015
- June 2015
- May 2015
- April 2015
- March 2015
- February 2015
- January 2015
- December 2014
- November 2014
- October 2014
- September 2014
- August 2014
- July 2014
- June 2014
- May 2014
- April 2014
- March 2014
- February 2014
- January 2014
- December 2013
- November 2013
- October 2013
- September 2013
- August 2013
- July 2013
- June 2013
- May 2013
- April 2013
- March 2013
- February 2013
- January 2013
- December 2012
- November 2012
- October 2012
- September 2012
- August 2012
- July 2012
- June 2012
- May 2012
- April 2012
- March 2012
- February 2012
- January 2012
- December 2011
- November 2011
- October 2011
- September 2011
- August 2011
- July 2011
- June 2011
- May 2011
- April 2011
- March 2011
- February 2011
- January 2011
- December 2010
- November 2010
- October 2010
- September 2010
- August 2010
- July 2010
- June 2010
- May 2010
- April 2010
- March 2010
- February 2010
- January 2010
- December 2009
- November 2009
- October 2009
- September 2009
- August 2009
- July 2009
- June 2009
- May 2009
- April 2009
- March 2009
- February 2009
- January 2009
- December 2008
- November 2008
- October 2008
- September 2008
- August 2008
- July 2008
- June 2008
- May 2008
- April 2008
- March 2008
- February 2008
- January 2008
- December 2007
- November 2007
- October 2007
- September 2007
- August 2007
- July 2007
- June 2007
- May 2007
- April 2007
- March 2007
- February 2007
- January 2007
- December 2006
- November 2006
- October 2006
- September 2006
- August 2006
- July 2006
- June 2006
- May 2006
- April 2006
- March 2006
- February 2006
- January 2006
- December 2005
- November 2005
- October 2005
- September 2005
- August 2005
- July 2005
- June 2005
- May 2005
- April 2005
- March 2005
- February 2005
- November 2004
- October 2004
- January 1970
- December 1969
-
Meta
Author Archives: Mac an t-Srònaich
Ceòl ùr-nòsach Basgach an Alba
Bha mi a-riamh den bheachd gu bheil ceòl na Gàidhlig san là an-diugh fada ro fhad’ air ais. Mar eisimpleir, chunnacas bho chionn ghoirid farpais ‘Nòs Ùr’ ga shanasachadh. Bhiodh seo math ach tha e coltach gur ann fon sgèith ‘trad’ a bhios e. Mar sin dheth, ‘s dòcha gum faigh sinn fonn ùr no dhà ach sann san aon cheòl sean-nòsach sa bhios e.
Chan eil cnapan-starra mar sin fainear nam Basgach. Coltach gu bheil taic aca bhon riaghaltas airson ceòl de gach seòrsa a chruthachadh. Thèid seo a thaisbeanadh air prògraman ciùil air telebhisean Bhasgais. Tha prògraman ann de uair no dhà a dh’fhaid is iad làn de cheòl roc, punk, ska, reggae, pop, indie, rap is eile le gach òran sa Bhasgais. Cha tèid an seann chultar an diochuimhn ge-tà agus chìthear e a’ nochdadh air ùrlar ùr ann cuid de bhideothan aca, mar aig Itziarren Semeak an-seo.
Bidh Itziarren Semeak a’ tadhal air Alba airson a’ chiad turas agus cluichidh iad an Dùn Eideann air Didomhnaich 27 Màirt. Coltach gu bheil an cuirm saor san-asgaidh cuideachd. S math as fhiach e uair no dhà den oidhche agad.
Posted in Basgais, ceol ur, dùn èideann, Euskera, Itziarren Semeak, nòs ùr
Comments Off on Ceòl ùr-nòsach Basgach an Alba
Gàidhlig druim na muice. Mar gum biodh…
Nach sinn a rinn gàire. Agus carson nach dèanadh. Tha seo fada, fada nas fheàrr na Bannan agus nas salaiche na Outlander. Abair dibhearsain. Am faca tu Twitter?
Caitheamh ùine, tha fios’am.
Ach, mar a chanas an sean-fhacal, “S fheàrr tlachd bho rann air Twitter na bho cheann na muice”
S mathaid gun cuir cuspair mo dhàin oilbheum air cuid ach feumar cuimhneachadh gur e sinne an sliochd a thug ‘Moladh air Deagh Bhod’ dhan t-saoghail. Tha salachar a’ ruith san daoine againn, ge b’oil leis an eaglais. Ach bha uair nuair as e na sagairtean a rinn na dàin as treasa. S fhada bhon uairsin ged-tà. Cha chuala mi a leithid de shalchar bhon a chunnaic mi Cathal Ó Searcaigh a’ bruidhinn. Èibhinn dhà-riribh.
Ceart ma-tha. Tha mi falbh feuch de na faclan sughmhor a th’aig Mill a h-Uile Rud no Micheal Newton a chuidicheas mi tarsainn na lèig salaich seo. Continue reading
Posted in #piggate, Bannan, droch bheul, Tòraidhean
Comments Off on Gàidhlig druim na muice. Mar gum biodh…
Là Samhraidh ann an Glaschu
Agus mar bu dual is mar bu nòs bha an t-uisge ann ged a dh’fhalbh e rè ùine. Cuideachd bha rathaidean a’ bhaile cho toinnte – eadhon ann am Pàrtaig – ‘s gun robh e doirbh do cheann-uidhe a lorg ann an dòigh ciallach. Ach rinn sinn a’ chuis.
Agus dìreach nuair a tha thu air rathad dìreach sìmplidh a lorg, cò tha ann air thoiseach ort, is iad a’ caismeachd, ach an Luchd Buidhe (Orange Order ann an Anglo-Sasannais). An ann an-aghaidh Cailtigich a tha iad no dìreach luchd-cleachdaidh nan rathaidean? Agus, cò tha cur bacadh orra a dhol dhan eaglais? Co-dhiu, sgap iadsan a-steach dhan choille-choncrait as deidh greis.
Chan eil dia sam bith agam ach tha an saorsa aca dol a dh’adhradh dia no ban-dia sam bith ann an eaglais sam bith. Saoilidh mi gu bheil ‘clàr-gnothaich’ no agenda rudeigin mi-chàilear aca.
Searach a th’annam gu cul agus chan eil fios’am fhathast, as-dèidh mòran bhliadhnaichean, dè nì mi de Ghlaschu. Tha an corra thuras ann fìor mhath ach tha cuideachd rudeigin dubhach is tiamhaidh mu dheidhinn. Ged a bha cafaidhean Ceann an Iar lòma-làn hiopstairean – is tha iomadh sàr chafaidh ri lorg – tha bochdainn an àite fhathast am follais faisg ort. Uaireannan, tha blas iargalta no gràineil na chois – mar a chunnaic sinn leis an Luchd-Bhuidhe.
Co-dhiù, tha tòrr ann a tha taitneach dhan t-sùil agus brosnachail dhan inntinn. Taigh-tasgaidh Khelvingrove mar toiseach-toiseachaidh. S math is fhiach e sròn a chur a-steach ann, gu h-àraid ma tha clann nad chois. Aon ghearain, ge-tà, se ‘s nach eil Gàidhlig ri faicinn sna taisbeanaidhean aca. Shaoileam gum biodh. Tha Comhairle Ghlaschu gu math adhartach a thaobh na Gàidhlig ann an roinntean eile agus le iomadh taigh-seinnse Gaidhealach san nabaidheachd is Cnag shuas an rathad beagan tha e na ìongnadh nach robh facal dhith ri fhaicinn. Bha facal no trì a dhith orm is mi a’ feuchinn ri taisbeanadh nam beathaichean a mhineachadh dhan bhalach… ‘se pike a tha seo a lorg cuideigin an Loch Laomainn…’
Glaschu. Lorg mi facal dha – dubh-cheist. Tillidh mi a dh’aithghearr ge-tà.
Posted in glaschu, Luchd-Buidhe
Comments Off on Là Samhraidh ann an Glaschu
Torcuil: beul gun taobh?
Bho chionn fhad’ an t-saoghail… bho chionn linn crochadh nan con… bha sgrìobhadair, neach-naidheachd fiù à Leòdhas a bha aithnichte airson nam facal a chuir e an clò airson an Herald, an Sunday Herald agus am BBC. Bhruidhinn a ghuth le tomhas math de dh’ughdarras anns a’ Ghàidhlig agus ann am Beurla na Banrìghinn.
An uairsin, ghabh e ri duilleagan an Daily Record. Tha an DR gu mòr air taobh nan Laborach agus gun nàire sam bith na chois. Tha an DR air taobh nan Laborach as bith modh no poileasaidhean a’ phàrtaidh. PFI airson ar ospadalan? Bàs is lèir-sgrios ann an Irag? Rèic nam poileasaidhean aca do bhillionairean mar Bernie Ecclestone et al? Gearan mu dhaoine air sochairean-sòisealta – “something for nothing society?”….
Tha Torcuil a-nis a’ libhreagadh propaganda nan Laborach, gun nàir’ mar bu dual dhan bhoss aige. Tha cuid de na sgeulachdan amaideach. Glè amaideach. ‘Dh’ith Nicola Sturgeon an hamstair agam!”. Cha mhòr nach.
Seo ‘cuis an inneil-chofaidh’… Cha do sheas e fada ge-tà. Chaidh a thoirt sìos as dèidh beagan uairean. Fhuair Crichton e bhon a Daily Mail…
Seo an argamaid mu cò nì an ath riaghaltas…
Agus a-rithist, gun nàire sam bith air rèidio na Beurla a’ cur an-aghaidh Iain Macwhirter…
Co-dhìu, sin e bho bhun gu bàrr. Se Laborach a th’ann an Torcuil. A thoil fhèin.
Dà phuing ge-tà..
- Chan e neach-naidheachd a th’ann tuilleadh. Se propagandist a th’ann. Cuiridh e cuid den t-seuntas aige fhèin air na press-releases (no sgeulachdan a’ Daily Mail) a tha siud ach gu ìre-mhòir, tha a h-uile coltas ann gur e ‘copy n paster’ a th’ann an Torcuil.
- Mar sin dheth, carson a tha e na ‘neach-naidheachd’ air BBC Radio nan Gaidheal? Ma tha guth gu bhith againn aig a’ BhBC sa Ghàidhlig air cuisean poilitigeach, tha an dleastanas aige gun nochd iad gach taobh. Am faigh sinn sin bho Thorcuil, dhà-rìribh, beachd gun chlaonadh sam bith?
Saoilidh mi gum feum Radio nan Gaidheal neach-naidheachd ùr.
Posted in BBC Alba, neo-eisimeileachd, polataigs
Comments Off on Torcuil: beul gun taobh?