Author Archives: Coinneach Combe

About Coinneach Combe

Coinneach Combe

Ri Chèile 2012

O chionn ghoirid ghabh buidheann de dheugairean Albannach agus Èireannach pàirt anns an fharpais dheasbad eadar-nàiseanta Ghàidhlig ‘Ri Chèile’.A bharrachd air a bhith an-sàs anns an deasbad, bha cothrom aig na sgoilearan tadhail air Caisteil Dh… Continue reading

Comments Off on Ri Chèile 2012

Tachartas Coimhearsnachd Phartaig

Bha buidhnean An Lèanaig glè thoilichte a bhith an lùib tachartas coimhearsnachd a thachair an-dè ann an Talla Burgh Phartaig air a chur air dòigh le Obair Phartaig Earranta. Chì sibh anns an dealbh air Sràid Dhùn Breatainn Nip, cù Stòrlainn … Continue reading

Comments Off on Tachartas Coimhearsnachd Phartaig

Oidhche Shamhna aig Sradagan Ghlaschu

Abair gun robh oidhche eagallach aig Sradagan Ghlaschu bho chionn ghreis nuair a nochd na buill le aodach coimheach orra! Tha sinn a tuigsinn gun d’ fhuair na luchd-stiùiridh air falbh beò….Bidh Sradagan Ghlaschu a’ coinneachadh Oidhche Ardaoin… Continue reading

Comments Off on Oidhche Shamhna aig Sradagan Ghlaschu

Cuairt Iomairt Ghàidhlig Dhùn Èideann gu Glaschu

Bho chionn ghoirid, chaidh 6 de Ghàidheil Dhùn Èideann air chuairt gu Ionad Gàidhlig Ghlaschu air Sràid Achadh a’ Mhansa agus, an sin, choinnich iad ri còrr is 30 bho choimhearsnachd Ghàidhlig a’ bhaile. Bha seo air a chur air adhart tro Iom… Continue reading

Comments Off on Cuairt Iomairt Ghàidhlig Dhùn Èideann gu Glaschu

Sradagan Ghlaschu air Cuairt

Le deireadh an teirm a teannachadh chaidh buill Sradagan Ghlaschu air turas a-raoir far an robh iad a bòbhladh. Bha mu 50 aca ann le luchd-stiùiridh is pàrantan agus abair gun do chòrd a chùis riutha!Feumar taing a thoirt don comataidh agus luchd-… Continue reading

Comments Off on Sradagan Ghlaschu air Cuairt

Ionad Gàidhlig Ghlaschu

Tha Comunn na Gàidhlig glè thoilichte gu bheil an obair thogail an lùib An Lèanag – Ionad Gàidhlig Ghlaschu – cha mhòr deiseil. ‘S e goireas air leth a bhios ann do choimhearsnachd Ghàidhlig Ghlaschu agus gu dearbh do dh’Alba air fad. Bidh luchd… Continue reading

Comments Off on Ionad Gàidhlig Ghlaschu

Eadar theangachadh mar-aon

Bha Comunn na Gàidhlig air leth toilichte seirbheis eadar-theangachaidh mar-aon a thoirt seachad aig tachartas mu dheidhinn leabhair ùr Mhaoilis Caimbeul – TEAS – mar phàirt den sgeama ‘Gàidhlig @ Oilthigh Ghlaschu’. Air sgàth an eadar-thean… Continue reading

Comments Off on Eadar theangachadh mar-aon

Steigearan càr IGG

Tha Iomairt Ghàidhlig Ghlaschu air steigearan càr a dhèanamh gus an Iomairt a shanasachd. Ma bhios sib’ fhèin ag iarraidh fear leigibh fios tron làrach-lìn aca agus is cinnteach gum faic sinn na steigearan tric sa bhaile sna seachdainean a tha ro… Continue reading

Comments Off on Steigearan càr IGG

Geamannan Inbhir Chèitein

Bha Comunn na Gàidhlig toilichte taic a thoirt seachad do Chearcall Còmhraidh Fìobha aig na Geamannan Gàidhealach ann an Inbhir Chèitein Disathairne. Chaidh stuthan taisbeanaidh a thoirt seachad agus bha an t-oifigear aig Iomairt Ghàidhlig Dhùn … Continue reading

Comments Off on Geamannan Inbhir Chèitein

Deagh àireamhan aig farpais cheist Ghlaschu

Cha do chùm oidhche fhliuch, saor-làithean no àite ùr daoine air falbh a-raoir bhon fharpais cheist aig Iomairt Ghàidhlig Ghlaschu agus Meetup Ghàidhlig Ghlaschu. Bha ochd sgioban an sàs agus chì sibh san dealbh na fheadhainn a bhuannaich, ainm… Continue reading

Comments Off on Deagh àireamhan aig farpais cheist Ghlaschu