Author Archives: tearlach61

About tearlach61

tearlach61

Strì nam Poblachdach


Tha co-labhairt nam Poblachadh ann an Nevada dìreach air tighinn gu crìoch ‘s tha coltas ann gur e Trump a bhuanaich a’ chuid as motha. Ged a tha iad fhathst a’cunntadh ann an Nevada, tha coltas ann gun do bhuannaich an 42% cuid de na bhotaidhean ‘s gum faigh e 14 riochdairean de na 30 a bha ri fhaighinn ann an Nevada.

Gu ruige seo, tha Trump air 80 riochdairean bhuanachadh. Aig a’cheart àm tha an càch air 52 riochdairean bhuanachadh. Tha Trump fad air thoiseach gu h-àraidh air sgàth gun do bhuannaich e a’ cuid gu lèir de na 50 riochdairean as a’Charolina a Deas.

Ged a tha a h-uile coltas ann gur ann le Trump a tha làmh an uachdair, ‘s e cuid glè bheag de riochdairean a chaidh a thaghadh gu ruige seo. ‘S e còrr ‘s 2,000 riochdairean a tha ri chunntadh ann fhathast. An t-seachdainn sa tighinn tha suas ri 500 riochdairean ri thaghadh am meag 13 stàitean ‘s stàit agam fhìn nam measg (Alaska).

Airson bhuanachadh gu bhith na thagraiche nam Poblachdach, chan e a’chuid as motha a dh’fheumas Trump ri bhuanachadh ach a’ mhòr chuid. An rud a tha ri fhaicinn an t-seachdain neo dhà a tha ri tighinn ‘s e an e an duine a-mhàin a tha fhathast na sheasamh an aghaidh Trump neo triùir neo dithis? Gu ruige meadhain a’mhàirt, thèid a mhòr chuid de riochdairean a roinn a rèir chuid de bhotaidhean a bhuanaicheas gach duine. As dèidh sin, an duine a bhuanaicheas a’chuid as motha ann an stait, fiùs mur a bheil e ach 30% gheibh e a’chuid gu lèir de riochdairean anns an stàit a tha seo. Mar sin, ma s’ann gu bheil thu ag iarraidh duine sam bith eile seach Trump, an rud a tha thu ag iarraidh fhaicinn ‘s e aon duine a mhain a tha fhathast na sheasamh an aghaidh Trump. Mas ann gun bheil can triùir ann fhathast, tha e gu math coltach gur e Trump a tha gu bhuannachadh mar thagraiche nam Poblachdach.

Taobhadh agamsa: Ted Cruz.

– Posted using BlogPress from my iPad
Continue reading

Comments Off on Strì nam Poblachdach

Stad leis a’ Phoileas ‘s Gunna Agam

Chuir am Poileas stad orm a-raoir.  Bha solas thoiseach a’chàir agam briste.   Rud eile: bha gunna-làimhe agam fo chleith.  Ann an Alasga, chan ann an aghaidh an lagh a tha seo.  Ach nuair a th’ agad ri còmhradh a dhèanamh leis a’ phoileas, feumaidh tu innse dha sa bhad gu bheil gunna-làimhe agad.  Mura innse, bhiodh tu ann an trioblaid.

Mar sin, nuair  thòisich e ri bruidhinn rium chuir mise stad airsan ‘s thuirt mi gun b’ fheudar dhomh innse dha gu robh mi airmaichte.  Saoilidh mi gun do ghabh e iongnadh rud beag.  “Taing mhòr airson sin innse dhomh” thuirt e.  Thòisich sinn an uair sin ri còmhradh a dheanamh mun an t-solas a bha briste.  Dh’innse mi dha gu robh mi mothachail gu robh an solas briste ‘s bha mi a’ feuchainn ri àm stèidheachadh leis a’gharaidse airson a chàrachadh.

‘S ann an uair sin thuirt e: “Theab mi diochuimhneachadh an ID agad iarraidh ort.”  Thòisich mi greimeachadh airson na màideid agam ‘s an uair sin stad mi.  B’ann ri taobh na màileid agam a bha an gunna agam.  Thuig esan dè a chuir stad orm.  “Tha sin ceart gu leòr, cait a bheil an gunna agad?” “Air mo seachd làmh an uaireadair, ‘s ciotach mi. ”  Mar sin thug mi an cead-dràibhidh agam dha.

Beagan as-dèidh thill e ‘s dh’ fhaighnich e dhomh: “Carson a tha cead giùlainn agad?”

An rud a th’ann ‘s e cha leag leas cead a bhith agad airson giùlainn ann an Alasga.  Tha rudeign mu leth dhusan stàitean ann, Alasga nam measg, far a bheil còir aig an t-sluagh ri ghùlainn as aonais cead.  Mar sin, carson a tha cead agam?  Ueill, gus am bith còir agam ri ghiùlainn anns na stàitean (tha suas ri ceathrad dhiubh ann) a bhios a’toirt aithne dhan chead againne.  ‘S sin a thuirt mi ris.

Leis a sin, thug e cead dhomh leantainn orm air mo shlighe agus b’ e seo deireadh a’ chòmhraidh againn.

Rud a tha inntinneach mun a’choinneachadh a bha seo ‘s e mar a bhiodh e air tachairt ann an grùnn aitichean eile far nach e ceadaichte ri giùlainn.  Bha fios aig a’ phoileas an seo gu bheil cuid dhen t-sluagh armaichte ‘s gu bheil còir againn air a sin.  Tha iad air an trèineadh ciamar dèileachadh ri daoine a tha a’giùlainn a-rèir an lagh ‘s cha tèid iad as an rian nuair a choinnicheas iad ri daoine a tha armaichte.  Aig a’ cheart àm tha mi fhìn mothachail gu bheil aig na poileas dèileachadh ris a h-uile seorsa dhaoine ‘s chan eil fios aca idir cò mi.  Ach nuair a dh’innseas mi dha gu bheil mi armaichte, a-reir an lagh, chan e seo rud a chìthear gu tric a na h-eucearaidh

Continue reading

Comments Off on Stad leis a’ Phoileas ‘s Gunna Agam

Chiad Bhideo de sreath ùr air cuspair gunnaichean

http://youtu.be/m_66QKX7FF0Tha mi a’cur sreath ùr de bhideothan air loidhne. ‘S ann air cuspair gunnaichean a tha iad. Chan ann airson a bhith connspaideach a tha mi a’deanamh sin ach air sgàth gur e cuspair anns a bheil ùidh mhòr agamsa ‘s ma tha … Continue reading

Comments Off on Chiad Bhideo de sreath ùr air cuspair gunnaichean

Latha Breagha Sgì

Rinn mi bhideo dhen turais a rinn mi dhan aonad sgì Eaglecrest ann an Juneau Alaska. ‘S e latha uabhasach breagha a bh’ann. Seo am bhideo:http://youtu.be/_sMHbSwk504 Continue reading

Comments Off on Latha Breagha Sgì

Gunnaichean: m’eachdraidh phearsanta ‘s Gunnaichean.

Bha mi mothachail co-dhiù gu robh beàrn mòr ann eadar sinne sna Stàitean Aonaichte ‘s an fheadhainn a tha a’fuireachd sa Roinn Eòrpa ri thaobh gunnaichean. Ach thàinig seo a-steach orm gu soilleir ‘s gu pearsanta bho chionn ghoirid nuair a dh’fh… Continue reading

Comments Off on Gunnaichean: m’eachdraidh phearsanta ‘s Gunnaichean.

Adhbharan chall Romney

Aon rud as cinnteach, ‘s e taghadh a b’fheudar do Obama a chall. Bha an eaconomaidh chi duilich ‘s bha am mòr-shluagh chi mi-thoilichte le Obama shaoileadh tu nach robh dòigh sam bith gun chàilleadh na Republicans an taghadh seo. Ach chàill agus … Continue reading

Comments Off on Adhbharan chall Romney

An gabh Romney buannachadh as aonais Ohio?

An t-seachdain sa chaidh, sgrìobh mi mu mar a tha làmh an uachdar aig Mitt Romney ged a tha na cunntais-bheachd a’cantainn gu bheil Romney agus Obama gu math faisg air a’chèile. Ach chan eil sin ach pàirt dhen sgeul. Chan ann a-rèir bhotaidhean … Continue reading

Comments Off on An gabh Romney buannachadh as aonais Ohio?

Ceist mu ghunnaichean

Corra mìosan air ais, sgriobh mi mu mar cho furasta sa tha e a bhith siubhail air itealan le gunna. Chan eil mi a’ciallachadh le gunna nad làmhan ach le gunna nad cheasaichean gus am bith e agad an àite far a bheil thu a’dol. Sgrìobh dithis ceistea… Continue reading

Comments Off on Ceist mu ghunnaichean

Stait na Rèis sna Stàitean Aonaichte

Tha latha an taghaidh sna S.A. nas liugha na dhà sheachdainn air falbh ‘s tha an rèis gu math dlùth a-nis. Tha làrach-linn ann, Realclearpolitics (RCP), a bhios a’deanamh meadhan de na cunntais-bheachd mu dheireadh air agus tha iadsan ag ràdh a-n… Continue reading

Comments Off on Stait na Rèis sna Stàitean Aonaichte

A’toirt Gunna air bòrd Itealan

S iongnantach mar cho furasda sa tha e gunna a thoirt air bòrd itealan sna Stàitean Aonaichte, gu laghail tha mi a’ciallachadh!Tha mi a’siubhail cuide ris an teaghlach agam an-diugh. Tha sinn a’dol a Kodiak far am bi bainis ann. As dèidh sin, bit… Continue reading

Comments Off on A’toirt Gunna air bòrd Itealan