Author Archives: Graisg

About Graisg

Graisg

Nach math a rinn am balach seo Disathiairne aig Bucaidh

–>

–> Max Ewan le tual ann an ùine a bharrachd (91 mionaid) rinn sin a’ chuis air Buchaidh 2-3 gu Inbhir Narann agus am balach seo chan eil ach sia bliadhna deug a dh’aois. Dealbh le Dòmhnall MacMhathainn

Continue reading

Comments Off on Nach math a rinn am balach seo Disathiairne aig Bucaidh

Gàirnealair ann an Inbhir Narann

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh an seo: Gurn Gardening  Continue reading

Comments Off on Gàirnealair ann an Inbhir Narann

Sgrìob gu Dùn Eideann le Cromarty Rising agus an cuid càirdean

Comments Off on Sgrìob gu Dùn Eideann le Cromarty Rising agus an cuid càirdean

Teine san dorachadas An Dùbhlachd 2016

Agus teine fosgailte sa gharadh a-raoir, a’ cur an t-urram air Nollaig, la na Trì Suipearan agus am Bliadhna ùr cuideachd. Smaointinn son an fheadhainn nach eil còmhla ruinn a-nis, an fheadhainn a tha fhathast ann agus an fheadhainn a tha ri tighinn dhan t-saoghal bhrèagha, neònach, an-fhoiseil a tha seo. Mo bheannachd orra uile agus mise an dùil ‘s dòchas nach bi cuisean nas miosa buileach ann an 2017 son iadsan fo h-èiginn ge b’ e far a bheil iad. Feumaidh sinn uile a cumail a dol ge-tà agus slàinte mhòr a chàirdean. Chi mi ann an 2017 sibh.

Continue reading

Comments Off on Teine san dorachadas An Dùbhlachd 2016

Huntlaidh 4 Inbhir Narann 6 – Sgioba Siorrachd Narann a’ libhrigeadh toileachais ‘s fìor-bhrìgh ioma-fhillte na chois

Bho thaobh neach leantainn, nuair a bhuannaich Siorrachd Narann feasgar an-dè aig Huntlaidh, chuir sin làmh air an Holy Grail. Dh’fhalbh luchd-leantainn Siorrachd Narann gu slaodadh as dèidh a’ gheama as dèidh a thàinig an cluicheadairean don ionnsaidh gus a bhuail am basan air an son. Bha iad bruidhinn ri chèile aig deireadh a’ gheama – geama a chaidh na fhaoinsgeul fiu’s mus robh e seachad. Chan eil na faclan ann, bha e mar gum bidh nach robh sin buileach cinnteach gun robh e fìor, gun robh a h-uile càil a chunnaic sinn mu ar beulaibh air a thachairt ann an dha-rìreabh. “Do-chreidsinneach” sgrìobh Graeme MacLeòid air làrach a’ cluba.

An sgioba ùr air a thogail bhon luaithre nuair a dh’fhàg na sponsairean mòra aig toiseach an sèasan an aghaidh sgioba Huntlaidh le ceithir seann “reultan” Siorrachd Narann na bhroinn. Chunnaic sinn dealas agus sraon, an toil amh dìreach a bhith a’ cluich son an lèine. Thànaig am barr measgachadh nach gabh ceannaich le airgead a sreub Huntlaidh as chèile. Bha fìor-bhrìgh uabhasach ann – fìor-bhrìgh a bha ioma-fhillte cuideachd. Gach mìle air ar rathad dhachaigh bha sinn fhathast a’ toirt a-steach de cho cudromach ‘s bha e agus abair thusa gu bheil dheagh shunnd fhathast mu thimchioll oirnn sa mhadainn seo.

Continue reading

Comments Off on Huntlaidh 4 Inbhir Narann 6 – Sgioba Siorrachd Narann a’ libhrigeadh toileachais ‘s fìor-bhrìgh ioma-fhillte na chois

"Gum bi Oidhche Shamhna mhath agaibh uile! " Comhairle na Gàidhlig

Comments Off on "Gum bi Oidhche Shamhna mhath agaibh uile! " Comhairle na Gàidhlig

Deoch-slàinte  do Sheirbheis Nàiseanta na Slàinte

A’ cur fàilte air na h-oidhcheannan dorcha le lasraichean, tiops, brot agus lionn-ubhal. Lionn-ubhal “tioram” gus a bhith ceart. Agus beagan uisge ann ach na duilleagan uaine fhathast uile air na h-uinnsinn os ar cionn air an 15mh latha den Dàmhair a tha seo. An cruinn-cé a’ blàthachadh ‘s an oidhche cuideachd le na dathan a’ dannsadh, math a bhith beò, math a bhith fhathast ann. A’ gabhail deoch-slàinte do Sheirbheis Nàiseanta na Slàinte agus a’ bhocsa bheag ud nam bhroinn a’ cumail suil air mo chridhe.

Continue reading

Comments Off on Deoch-slàinte  do Sheirbheis Nàiseanta na Slàinte

Gàidhlig aig Baile – modh teagaisg a th’aca ann an Alba Nuadh

 Tuilleadh fiosrachaidh mu a dheidhinn air an duilleag air an duilleag a tha seo.  Continue reading

Comments Off on Gàidhlig aig Baile – modh teagaisg a th’aca ann an Alba Nuadh

Bretagne Réunie – Manifestation annuelle 2016 – Muinntir Naoned a’ gabhail na sràidean orra

Muinntir sgire Naoned a’ gabhail nan sràidean orra. Chan eil riaghaltas Paris gam faicinn mar phàirt den Bhreatainn Bhig. Saoil air Alba gun Dun Eideann no Glaschu na bhroinn agus sin cimar a tha cuisean thall an sin.

Continue reading

Comments Off on Bretagne Réunie – Manifestation annuelle 2016 – Muinntir Naoned a’ gabhail na sràidean orra

Seilcheag /?eleçag/ boir. gin. -eige, iol. -an 1 snail 2 slug

Dh’fhag mi aon de na courgettes againn aig an doras – abair thusa gur e mearachd nach bu bheag a bha siud. Co dhiù bha coltas toilichte riaraicte aca.

Continue reading

Comments Off on Seilcheag /?eleçag/ boir. gin. -eige, iol. -an 1 snail 2 slug