Author Archives: Críostóir Piondargás

BBC Alba: 10 Beachdan – Pàirt 4: Filmichean

Có cuireadh guthan Gàidhlig ri Cogadh nan Reultan?

Gum bi an neart leibh a chàirdean! Seo dhuibh mo bhlog as ùire air beachdan air prògraman ùra airson BBC Alba. Theagamh nach bi am beachd seo a’ còrdadh ris a h-uile duine ach chan e ach beachd a th’ ann agus tha mi a’ smaoineachainn gum beireadh e rudeigin eadar-dhealaichte dhuinn.

Dé mu dhéidhinn filmichean? Tha fhios againn gu bheil filmichean uarraidh daor ri chuir air dòigh. Ged a bhiodh filmichean Gàidhealach a’ còrdadh ruinn (chan fhacaidh sinn mòran dhiuch bhon uair a rinn iad Seachd), chan e sin an aon chothrom a tha romhainn.

Dé mu dhéidhinn filmichean bho thall thairis? Nach b’ urra dhuinn Gàidhlig a chuir orra? Tha againn ri fo-thiotalan a leughadh co-dhiù, am bitheadh seo nas miosa?!

Agus dé mu dhéidhinn filmichean na Beurla? Theagamh gum bitheadh e beagan neònach dhuinn aig an toiseach ach bhitheadh e inntinneach co-dhiù. Dé bhur beachdan? Am biodh e tarraingeach dhuibh-se? Dé filmichean am bu mhath leibh fhéin fhaicinn anns a’ Ghàidhlig?

‘S e rud cumanta a th’ ann ann an dùthaichean taobh a-muigh saoghal na Beurla. Chaidh Krieg der Sterne a chuir a-mach anns a’ Ghearmailt agus La Guerre des Etoilles anns an Fhraing. Am bitheadh ùidh agaibh ann an Cogadh nan Reultan? Có bhiodh ann? Tha mi a’ smaoineachadh gum biodh Aonghas Peadar Caimbeul uarraidh math mar Obi-Wan Kenobi!

Aig a’ cheann thall, bhitheadh e inntinneach. Bheirinn-sa sùil air.

Gum bi an neart leibh… daonnant. Continue reading

Posted in BBC Alba, Film, Gaelic, Gàidhlig, Scottish Gaelic, Star Wars | Comments Off on BBC Alba: 10 Beachdan – Pàirt 4: Filmichean

BBC Alba: 10 Beachdan – Pàirt 3: Dràma

Cleasaichean Bannan: Prògam math ach a bheil gu leòr de leithd ann?

Ged a thathar air Bannan a chuir a-mach, tha mi nam bheachd gu bheil barrachd dràma a dhìth oirnn. Feumaidh sinn meal an naidheachd air BBC Alba. ‘S e a’ chiad phrògram den leithid anns a’ Ghàidhlig bho cheann iomadh bliadhna. Tha fear eile den leithid, Machair, fhathast tarraingeach do luchd-coimhid. Chì sinn ma tha Bannan cho tarraingeach ceann 20 bliadhna.

Theagamh nach bi a h-uile duine a’ gabhail leam, ach theirinn gu bheil e air a bhith soirbheachail. Ach, seo far bheil mo ghearrain. Ged a tha Bannan reusanta math, am bu chòir dha a bhith an t-eisimpleir dràma as fheàrr againn? Theirinn-sa cha bu chòir.

Tha dràma air leth cudromach airson na Gàidhlig agus mion-chànanan eile den leithid. Chan eil ach 60,000 dhinn air feadh na h-Albann, agus anns an latha an-diugh, tha mòran dhinn a’ fuireachd anns a’ Ghalltachd, ann an àiteachdan far nach eil a’ Gàidhlig na cànan na coimhearsnachd. Le seo, tha e air leth cudromach gum meadhanan na Gàidhlig a’ tabhairt dhuinn eisimpleirean de Ghàidhlig nàdarra.

Dar a tha mise ag amharc air dràma, tha mi airson rudan fhaicinn a tha a’ tabhairt dhomh eisimpleir de chànan a tha beò, làidir, agus nàdarra; dualchainntean, gnàthasan-cainnte fiù ‘s droch-chainnt.

Chan fheum sinn cnap airgid a thilg air pròiseactan ùra. Tha FilmG air a bhith a’ sealltainn dhuinn gu bheil daoine comasach agus deònach gu leòr ann. Tha meall dhiuch ann.

Rudeigin a bhrist mo dhùil gu mór, ‘s e film goirid a chaidh a dhèanamh airson FilmG beagan bliadhnaichean air ais, Siubhlachan. Bhuannaich e co-fharpais FilmG, rinn iad a’ chiad phàirt den t-sreath agus cha do rinn iad dad an-dèidh làimh. ‘S e prògram gu tarraingeach a bh’ ann, gu math eadar-dhealaichte bhon a h-uile rud eile a bh’ againn aig an àm, agus a th’ againn an-diugh.

‘S mar sin, glé mhath. ‘S math a rinn sibh. Tha Bannan math. Ach… an e sin e? Feumaidh gu bheil barrachd bheagan ann. Cha bu chòir do Bhannan a bhith na phrògram as fheàrr a th’ againn. Bu chòir dha a bhith na phàirt mhath de shreath prògraman dràma eile.
Continue reading

Posted in Alba, bbc, BBC Alba, Gaelic, Gàidhlig, Scotland, TV | Comments Off on BBC Alba: 10 Beachdan – Pàirt 3: Dràma

BBC Alba: 10 Beachdan – Pàirt 2: Spòrs

“Woof!” Am b’ urra do BhBC Alba eisimpleir Eairdsidh a leanachd?

Dar a bha mise na b’ òige, bu mhath leam na prògraman ball-coise a bh’ againn oidhche h-Aoine. ‘S e Scotsports: Extra Time a bh’ aig STV agus Sportscene a bh’ aig BBC.

Bhitheadh iad a’ dèanadh ro-ràdh roimhe gheamannan na deireadh-sheachaine.

Chan eil Scotsport idir againn tuillidh, agus sguir BBC a’ cur Scotsport a-mach oidhche h-Aoine bho cheann blianaichean. Bu mhór nam beud.

‘S e rudeigin a bhios iad a’ dèanadh gu math aig Radio nan Gàidheal, bhithinn a’ moladh Spòrs na Seachdain gu mór, ach nach b’ urra dhuinn rudeigin den leithid a dhèanadh airson Tbh?

Bheir e cothrom dhuinn beagan de na geamaichean bhon t-seachdain ‘s a chaidh fhaicinn (Tha còraichean aig a’ BhBC cheana).

Tha fhios againn gu bheil spòrs tarraingeach do luchd na Beurla cuideachd, fiù spòrs anns a’ Ghàidhlig.

A’ bharrachd air ball-coise, bhiodh e cothrom ann gus geamannan eile a thaisbeanadh. Tha sinn a’ faicinn gu bheil camanachd-deighe a’ fàs nas motha, agus tha ceithir sgiobannan againn ann an Albainn.

Camanachd? B’ àbhaist dhaibh beagan dhìth a shealltainn air Sportscene air a’ BhBC, sna 80an (A-réir m’ athair!) Tha mi cinnteach gu bheil meall daoine eile de mo leithid, daoine aig a bheil ùidh ann an camanachd, ach cha bhi iad ag amharc oirre gu bitheanta.

Feumaidh BBC Alba a bhith a’ feuchainn beàrnan a lìonadh. Có aig a tha fios? Ma tha e soirbheachail, theagamh gum bi Jonathon Watson a’ tarraing à Ailig O’Henley agus Iain MacAonghais aig a’ bhliadhn’ ùir! Continue reading

Posted in Alba, bbc, BBC Alba, Gaelic, Gàidhlig, Scotland, TV | Comments Off on BBC Alba: 10 Beachdan – Pàirt 2: Spòrs

Sgeulachd Bheag mu Dhonnchadh Bàn

Cill Fhinn, Siorramachd Pheairt, far an robhar a’ cumail na féille.

Bha Donnchadh Bàn na stalcair ‘n Gleann Lochaidh, dar a chuir Iain Caimbeul á Achaladair a charaid MacEòghainn ‘na àit’. Ghabh Donnchadh oilbheum bhuaithe, agus rinn e òran; Cumha Coire a’ Ceathaich.

Ghabh Achaladair fhéi’ oilbheum bho òran Dhonnchaidh. Cha do chòrd cas-bhàrdachd shearbh a’ bhàird ris idir, agus bhitheadh an Caimbeulach a’ dèanadh dìoghaltas air Donnchadh.

Latha a bha siud, bha ‘n dithist ac’ aig Féille Chill Fhinn. Thachair Achaladair air Donnchadh Bàn, agus bhuail gu cruaidh e e le a bhata.

“Dèan òran air sin!” Ars’ Achaladair ris a’ bhàrd.

“Glé cheart, Achaladair.” Ars’ Donnchadh.

“Nì mi sin, dìreach ma tha sibh air iarraidh orm.”

B’ e fear beag a bh’ ann an Achaladair. Bha e na fhear caol, tanach, neo-éibhinn, lùbairneach agus car san t-sùil aige.

Sheas Donnchadh an àird agus sheinn e gu sònraichte math.

                                           Bha mi latha ‘siubhal sràid,
                                               ‘S fhuair mi tàmailt ro mhór;
                                               ‘S ann o fhear na h-amhaich caoile –
                                               ‘S e Iain claon an Achaidh-mhóir.


                                               Fear crot-shuileach – haothaill-hothainn
                                               Fear geoc-shuileach – hòthaill eò:
                                               Gur coltach thu – haothaill-hothainn
                                               Ri crochadair – hòthaill ò.
 

Chaidh an sgeulachd seo a chlàradh ann an Clàran Arra-Ghàidheil (d. 339) ‘m Baille Ghrannd, Ìle, 23mh den t-Samhain, 1883 le Catrìona NicPhàrlain á Cill Fhinn.

MacLeòid M.A., B.Sc., F.E.I.S., A, 1952. Òrain Dhonnchaidh Bhàin. Dùn Éideann: Oliver & Boyd airson SGTS.

Continue reading

Posted in argyll, bàrdachd, donnchadh bàn, Killin, Perthsire, Scotland, Scottish Gaelic | Comments Off on Sgeulachd Bheag mu Dhonnchadh Bàn

Clann ‘Ic an Fhleisteir á Gleann Urchaidh

Caisteal Achaladair, mar a tha e anns an latha an-diugh.

Dar a bhitheas sinn a’ smaoineachadh air sgìre Ghleann Urchaidh, ‘s e Clann Griogair no na Caimbeulaich a thig nar cuimhne gu bitheanta.

Tha e furasta dìochuimhneachadh gum b’ e Clann ‘Ic an Fleisteir a thogadh a’ chiad toit san sgìre.

Bha Clann ‘Ic an Fhleisteir suidhichte ‘n Achaladair dlùth ri Drochaid Urchaidh. Chaidh Caisteal Achaladair a thogail bho cheann 400 bliadhna ‘s corr, aig taobh tuath Loch Tulla.

Coltach ri móran rudan luachmhora san sgìre sin, agus sgìrean eile den leithid, tháin’ an caisteal fo smachd nan Caimbeulach.

Bha Donnchadh Caimbeul, 7mh Tighearna Gleann Urchaidh na cheann-sìthe Sheumais VI, Rìgh nan Albannach. Dh’òrdaich Rìgh Seumas an Caimbeulach, no Donnchadh Dubh mar bh’ ac’ air, smachd a chuir air Clann Arra-Ghaidheil ‘s Pheairt a bhitheadh a’ sabaid ri chéile gu bitheanta. Thathar ag ràdhainn gum b’ ann le Donnchadh Dubh fhéi’ a thòiseachadh an trioblaid gu bitheanta. Bhathar ag ràdhainn gun bitheadh armailt làn bhleigeardan neo-dhligheach ás a h-uile h-àite, a thòiseachadh sabaid le òrdugh Dhonnchaidh Dhuibh.

Latha a bha siud, sa bhliadhn’ 1587, b’ ann le Clann ‘Ic an Fleisteir a bha Caisteal Achaladair. Thug Donnchadh Caimbeul á Gleann Urchaidh òrdagh do a ghille. Dh’òrdaich e a ghille each a chuir ann an achadh arbhar ceannard Cloinn an Fhleisteir.

Sin an rud a rinn e agus thoisich each Dhonnchaidh ag ithe arbhar ‘Ic an Fhleisteir. Dar a chunnaic fir Chloinn an Fhleisteir na bha a’ tachairt, thathar ag ràdhainn gun táin’ am fearg orra. Thòisich iad ag éigheadh agus a’ glaodhadh air a’ ghille.

An gille a bha seo, ‘s e Sasannach a bh’ ann. Mar a bha Donnchadh Dubh a’ tuigsinn glan, cha robh facal Gàidhlig aige. Cha tug e facal no facal, dar a bha na fir ag éigheadh air. Dar a mhothaich iad nach robh an gille a’ falbh leis an each, chuir iad urchair ann. Thuit e, far an robh na sheasachd, marbh.

Tháini’ Donnchadh Dubh, a bha feitheachd anns na beanntanan dlùth ris a’ chaisteal, chunnaic e gun robh a ghille marbh agus dh’innse e do Cheannard an Fhleisteir gun robh a bheatha fo chunnard. Mar cheann-sìthe, bhiodh e mionnaichte ris an Rìgh. ‘S e muirt a bh’ ann, thubhairt e ris. Bhitheadh aige ri chunntas a thabhairt don Rìgh agus rachadh a chrochadh.

Thug Donnchadh comhairle dha, b’ fheudar dha falbh, thubhairt e. Leis gun robh an dithist ac’ càirdeil, bhiodh Donnchadh Dubh a’ leigeil leis falbh. Rinn e gealladh dha gum biodh a chaisteal agus oighreachd sàbhailte leis gus an tilleadh e, agus bhitheadh Donnchadh gan cumail, agus cha rachadh iad fo smachd a’ Chrùin. Bhiodh an Ceannard a’ tabhairt nan rann iomchair do Dhonnchadh agus rinn an Caimbeulach gealladh gum faigheadh e a-rithist iad dar a thilleadh e.

Shin mar a rinn an Ceannard, chaidh na ranntannan a chuir air dòigh ‘n Dùn Éideann. Chuir Comharile Dìomhair ann an Sruighlea prìs air Mac an Fhleisteir. ‘S e 200 marg a bh’ ann agus, dh’fhalbh e. Thubhairt feadhainn gun deachaidh e don Fhraing, theireadh feadhainn eile gum b’ ann ann an Raineach a bha e ga fhalachadh. Ceann beagan bhlianaichean, thill e. Ach, cha d’ fhuair e a chaisteal no oighreachd idir mar a ghealladh Donnchadh Dubh.

Cha bhitheadh Caisteal Achaladair fo smachd Cloinn an Fhleisteir gu bràth tuillidh.

Continue reading

Posted in Alba, Clan Campbell, Clan Fletcher, Gaelic, Gàidhlig, Gleann Urchaidh, Scotland | Comments Off on Clann ‘Ic an Fhleisteir á Gleann Urchaidh

BBC Alba: 10 Beachdan – Pàirt 1: Beòthalachd airson nan Inbich

Pàirc a Deas?

Cha mhòr nach eil BBC Alba a bhith còmhla ruinn fad 7 bliadhna. Tha iomadh de bheachdan ann air dè cho math agus dè cho soirbheachail ‘s a an seirbheis, ach bhiodh a’ mhòr-chuid de dhaoine toilichte gu bheil e againn,  theirinn-sa co-dhiù.

Seo dhuibh a’ chiad phàirt a-mach à 10 blogaichean san srèith seo. Tha mi dol a bhruidhinn mu dhèidhinn 10 seòrsa de phògraman air a bhithinn-sa toilichte fhaicinn.
Pàirt 1: Beòthalachd airson nan Inbich
Chan eil mi a’ bruidhinn mu dhèidhinn cartùnaichean, prògraman nan cloinne no ‘n leithid sin. (Ged a tha sin an aona sheòrs’ de phrògraman air nach eil fo-thiotalan lòisgte!)
Bhon 90an, tha sinn air a bhith a’ faicinn gu bheil prògraman den leithid The Simpsons, Beavis & Butthead, South Park air leth tarraingeach do dh’inbhich. Chaidh an eiseimpleir a leanachd le prògraman ùra den leithid Family Guy and American Dad san 21mh linn.
Chan abrainn gum bu chòir dhuinn a bhith a’ cur Gàidhlig air prògraman na Beurla, ach dé mu dhéidhinn prògraman bho dùthaichean eile?

Dar a bhios daoine a’ smaoineachadh air dubbing, mar ‘s gun abradh tu, thig beachdan de fìor droch eisimpleirean bhon 70an. Bidh rudan den leithid Monkey a’ tighinn nar cuimhne no plumairean Suaineach le staisean mhóra orra, anns na fiolmaichean a bh’ air C4 tron oidhche, bliadhnaichean air ais.

Nist, tha mi cinnteach gu bheil goireasan fada nas fheàrr na bha iad ‘s na làithean a bha siud, ‘s e beòthalachd an t-àite far bhios e ag oibreachadh gu math.

Tha sinn air na h-eisimpleirean fhaicinn cheana. Chòrd An Gruffalo rium gu mór. Chòrdadh Wallace & Gromit rium, ach ‘s beag orm iad ann an cànan sam bith. Bha The Secret of Kells uamharraidh math cuideachd.

Nach bu chòir don BhBC a bith a’ sireadh sreathan inntinneach? Tha na sgilean againn agus tha na prògraman ann.

Theirinn nach biodh a’ phrìs ro àrd. Chan fheumas sinn a h-uile a dhèanamh leinn fhéi’, ach chan fheumas sinn a bhith a’ leanachd eisimpleirean na Beurla. Nach b’ urra dhuinn rudeigin ùr shealltainn do luchd-amhairc aig nach againn anns’ a Bheurla cheana?

Theirinn gum b’ urra agus gum bu chòir.

Continue reading

Posted in Alba, bbc, BBC Alba, Gaelic, Gàidhlig, media, Scotland, TV | Comments Off on BBC Alba: 10 Beachdan – Pàirt 1: Beòthalachd airson nan Inbich

Aon Nàisean

Aon Nàisean. Có ás a tháinig an abairt ud? Chan eil fios na foraise agam, ach tha fhios agam glan g’ eil mi seach searbh sgìth a chluinntinn. Bho cheann beagan làithean, chual’ sinn a’ chiad bhuidsead nan Toraidhean bho fhichead bliadhn’ is corr. 

Dar a bha ar caraid uasal, Gideon, (mar a chuir a mhàthair fhèin air), a’ dèanadh an leòin, bha dùirn Iain Dhonnchaich ag éirigh gu nèamh. 
Gum bi Dia leinn. Agus gum bi an diadhachd no neart agaibh fhèin leinn. Tha mise coma mu dhéidhinn có ás a thig an taic, bhon ‘s e taic a dhìth oirnn.
Dar a chaidh dùirn an Albannach Bhig Mhaoil ud suas, cha do dh’éirich iad le àrd-mholladh Dhé no diadhachd eile mar ‘s aithne dhuinn. Cha robh iad a’ comharradh mòr-bhuaidh mhuinntir nàisein nas motha.
‘S i mór-bhuaidh a bha iad a’ comharradh ceart gu leòr, ach b’ ann le muinntir an nàisein a bh’ innte, co-dhiù, cha b’ ann leis a’ mhór chuid dhiuch. Chomharraich iad mòr-bhuaidh smaoineasachd. 
‘S i an smaoineasachd seo a bhios iad ag adhragh. ‘S i an smaoineasachd seo a bheir airgead bho na daoinnibh, a bheir a’ mhór chuid do charaidean, a bheir cuid bheag air ais do na daoinnibh, agus a bhios an dùil gum bi sibh taingeil. 

A-réir coltais, seo na tha Aon Nàisean a’ ciallachadh, Paras Phlùtocratach, TINA, There is No Alternative, TTIP.

Nas fheàrr cómhla? Ma ‘s e Aon Nàisean a tha seo, b’ fheàrr leam Nàisean Eile.

Continue reading

Posted in Alba, Gaelic, Gàidhlig, Scotland, Scottish Gaelic | Comments Off on Aon Nàisean

Jim Murphy & Poileataigeachd nan Sràide bhon 19mh Linn

An t-amadan agus an cleasaiche: An dithist aca ann an Glaschu.

Feumaidh mi ràdhainn, b’ àbhaist dhomh a bhith coma mu dhèidhinn Jim Murphy. Gu dearbh, bha mi sin mun do dh’éist mi ris.

Troimh Iomairt an Reifreinn, chruthaich Murphy dreuchd ùr ann am beatha phoblach na h-Albann air a shon fhéi. Airson nan Aonadair, bha na Fhear-saoraidh an Aonaidh. Airson nan Nàiseantach… co-dhiù, cha robh iad cho measail air.

Tháini’ e gu bàrr troimh an iomairt dar a ghabh e an rathad air cuairt de cheud bailtean ann san dùthaich. Cha robh connspaid ghann idir. Anns a’ chiad dol a-mach, bha a’ mhór-chuid toilichte ri leig e seachad. Cha robh móran ann ag éisteachd ris. Thòisich sluagh bheag a’ cruinneachadh gus gearrain a thogail, sluagh bheag a dh’fhàs nas motha beag air bheag.

Air an latha ainmeil a bha seo ann am Fìobha, thàin’ ugh sìos air Murphy agus chaidh Murphy suas mar a dh’éirich e gu ìre Fhear-saoraidh. Ghabh e an cothrom, agus dh’ùisnich e an tachartas gus a chuid ghearrainn a sgaoileadh don a’ mhór-shluagh. Bha daoine ‘g éisteachd ris a-nis.

Beagan làithean an-dèidh an reifreinn, sgrìobh Kevin McKenna sa Ghuardian nach e ach agallamh obrach fad trì mìosan a bh’ anns a’ chuairt. Bhiodh e beachdan eile duillich ri chuir a-mach. Beagan barrachd air mìos an-déidh latha an reifreinn, bha Murphy na Cheannard Pàrtaidh Làbarach na Albann.

Cha mhór sia mìosan an déidh sin, Latha na Bealltainne 2015, bha Murphy a-mach air ar sràidean a-rithist. Ath-shealladh de Chuirt 100 Sràidean ann an 100 Làithean, bha e air mullach bhogsa ann am Baile Ghlaschu còmhla ri Eddie Izzard.

Chan eil mise airson an tachartas a mhìneachadh. Cha robh mi ann. Cha do bhruidhinn mi ri duine sam bith a bha ann. Chan eil fhios agam a’ bharrachd air na leugh mi san naidheachdan. Ach seo na mhothaich mi.

Seo againn Jim Murphy, sgiobair long Làbarach na h-Albann, an long a bhitheas a’ dol fodha ceann beagan làithean. Fear aig a bheil cruaidh-fheum. Fear gun bheachd, gun mhodh, agus gun nàire. Cha do rinn e ach an aon rud a b’ urra dhomh. Thog e hù-bhitheil gus a bhitheas daoine ‘g éisteachd ris agus a’ bruidhinn mun a dhéidhinn. Bha Murphy toilichte a’ riochdachadh nan daoine a bha a’ togail gearrain aghaidh mar bhuill PhNA, ach tha e soilleir nach b’ e.

Bhon uair a chaidh a chuairt mun cuairt air 100 sràidean ann an 100 làithean, tha Murphy air ath-bheòthachadh poileataigeachd nan sràide bhon 19mh linn a thòiseachadh. Bhitheadh daoine a’ seasachd air mullach bhogaichean gus bhruidhinn ris an t-sluagh. Anns na làithean dar nach robh meadhanan den leithid a th’ againn an-diugh, b’ urra do dhaoine bruidhinn ris a’ mhór-shluagh.

Seo trioblaid a bh’ ann. B’ urra don mhór-shluagh glaodhadh agus éigheadh air ais don neach-labhairt.

Seo an trioblaid a th’ aig Seumas Prainnseas Ó Murchú. Tha e toilichte a bhith a’ glaodhadh agus ag éigheadh ris na daoine ach cha bu chòir dhaibh a bhith éisteachd.

Nam biodh e fhéi’, no am Pàrtaidh Làbarach, ‘g éisteachd ri na daoine, theagamh nach bitheadh droch latha nan Làbarach seo a’ tighinn gu bàrr madainn Dihaoine.

Continue reading

Comments Off on Jim Murphy & Poileataigeachd nan Sràide bhon 19mh Linn

Litir mu dhéidinn ME le Branwen Alaw Ifans




Dealbh a chaidh a thaghadh le Branwen fhéin.  

Seo dhuibh litir a chaidh a sgrìobhadh le mo charaid Branwen Alaw Ifans. Tha Branwen á Llanelli ann an Siorramachd Gaerfyrddin, anns a’ Chruimrigh agus tha a’ Chuimris aice bho thùs. Chaidh diagnos ME a dhèanadh air Branwen dar a bha i 18 bliadha a dh’aois, ged a tha e a’ strì leis an tinneis bhon a bha i mu 16.

Sgrìobh Branwen gu Ceannard Plaid Cymru, Leanne Wood (Ball Seanadh na Cuimrigh) agus bu mhath leatha mothachadh air ME a dhùisgeadh.
Ma tha ùidh agaibh anns a’ chuspair, no nam bu mhath leibh beachdan a thabhairt do Bhranwen, nach sgrìobh sibh beachdan aig bun na duilleige agus feuchaidh i bhur freagairt.
Seo agaibh na sgrìobh i:


  

         A Leanne chòir,

Tha mi dìreach air alt mu bhur déidhinn a leughadh air làraich-lìn Action for ME. Bha iongantas orm ri chluinntinn mu dhéidhinn bhur ceangal ri ME agus tha comh-dhoilgheas agam airson bhur beud. Mar chuideigin air a bheil fhéin an tinneas seo, bidh mi a’ tuigsinn glan nan duilgheadasan a tha ceangailte ris bho latha gu latha. 
Tha iomadh ainmeannan air an tinneas seo – CFS, ME, SEID agus eile. Ged a tha na h-ainmeannan eadar-dhealaichte, ‘s e na ceart chomharraidhean a th’ aige. Dhomhsa, mar móran de dhaoine eile den leithid – tha an tinneas seo gu math cruaidh. Chan eil agam ri mhìneachadh dhuibh mu dhéidhinn buaidhean an tinneis seo. 
Tha trioblaid mhór leis an tinneas seo, a tha ri fhaicinn ann an iomadh dòighean. Anns a’ chiad dol a-mach, feumaidh beachdan a’ mhór-shluaigh atharrachadh. Cha ghabhas mór-chuid de daoine air a bheil an tinneas seo gu da-rìribh – leis a’ mhór-shluaigh, no luchd-obrach léigheil. 
Tha iomairt mhothachadh nam mór-shluaigh am feum gus stad a chur air seo. Tha mi CFS/ME/SEID cho duilich ri trioblaid slàinte sam bith. ‘S i an fhìrinn, air sàilleibh ganntachd de roghainnean leigheasaidh airson nam fulangaichean – gun abrainn gu bheil e fada nas miosa bho bidh sinn fàgta ri léireadh.  
Tuillidh air seo, tha ìre in-ionmhas rannsachadh CFS/ME/SEID gu math ìosal, chan ann anns a’ Chuimrigh a-mhàin, ach aig ìre na cruinne. Bu chòir do dhùthaichean bheaga de leithid na Cuimrigh a bhith a’ gabhail a’ chothroim agus a bhith a’ stiùireadh rannsachaidh gus aithne a thabhairt air tùs an tinneis agus ìocshlaint, an àite roghainnean leigheasaidh neo-tharbhaich.  
Mu dheireadh thall, tha mi den bheachd gum bu chòir dhuinn taic Seirbheis Nàiseanta na Slàinte (NHS) a leasachadh. Mar a tha cùisean gu làthaireach, bidh e a’ togail ùine mhór mun gheibh daoine diagnosais. Cha deachaidh diagnos a dhèanamh orm fhéi’ leis an NHS, agus aig mo theaghlach ri phàigheadh airson seirbhis prìobhaideach na slàinte.  

Tha fhios agam gum bi an cuspair seo duilich dhuibh, ach tha mi cinnteach gu bheil an neart agus co-fhaireachdainn agaibh a bhith gar cuideachadh ri bhuadhachadh air an tinneas seo.

         Le dùrachdan
         Branwen Alaw Ifans
   


Continue reading

Posted in Alba, CFS, Gàidhlig, ME, SEID, slàinte | Comments Off on Litir mu dhéidinn ME le Branwen Alaw Ifans

Fo-thiotalan air BBC Alba



An litir a chaidh a foillseachadh anns a’ Phàipear Bheag (24/04/2015)

Thàinig an litir seo am follais anns a’ Phàipear Bheag Dihaoine 24mh den Ghiblean 2015. Bha an litir a’ gearrainn mu dhéidhinn an uiread den Bheurla a tha ri chluinntinn ann an prògraman BBC Alba. ‘S cinnteach nach eil a’ Ghàidhlig aig a’ mhórchuid de dhaoine ann an Albainn. Chan eil ach beagan barrachd air 1% de dhaoine a thuigeas prìomh-chànan an t-sianail. Le seo, tha e cinnteach gum b’ fheudar do dhòigh-obrach a bhith beagan eadar-dhealaichte, ach a bheil an dòigh-obrach cheart?

Bhon uair a thòisich BBC Alba ann an 2008, tha fo-thiotalan na Beurla air a bhith ann. Tha dòigh-smaoineachaidh ann gum fheudar do na prògraman bhith tarraingeach do dhaoine aig nach eil Gàidhlig. Gu dearbh, tha e follaiseach ri fhaicinn gum biodh seo pàirt mhór an anam-fàs. Tha sinn airson a’ Ghàidhlig a bhrosnachadh, agus a sealltainn don mhór-shluagh. Tha mi cinnteach gum biodh sinn uile ‘n dòchas gum bi BBC Alba a’ tabhairt misneachd do dhaoine gus Gàidhlig ionnsachadh, no co-dhiù, tuigsinn beagan mun a déidhinn.

Ma bheireas sinn sùil air sianalan eile den leithid TG4 (Gàidhlig na h-Éireann) no S4C (A’ Chuimris), chì sinn gu bheil dòigh-obrach chumanta a th’ ann a bhith ag ùisneachadh spòrs. Chan eil feum againn air a’ Ghàidhlig a bhith ag amharc air ball-coise no rugbaidh. Tha e tarraingeach do dhaoine agus bidh barrachd daoine ag amharc air an t-sianail. Ach, a bheil cuimhne aig sgioba-stiùiridh na sianail air prìomh amas na sianail? Bu chòir do shianail na Gàidhlig bhith againn, sianail a tha airson nan Gàidheal ‘s a’ chiad dol a-mach. Tha e coltach gu bheil iad air dhìochuimhneachadh air am prìomh-amas.

Bha mi toilichte dar a chunnaic mi an litir seo. Tha mi den bheach gu bheil e uamharraidh cudromach gum bi sinn a’ togail nan ceistean agus bhiodh beachdan bhon taobh eile gu math inntinneach ri chluinntinn cuideachd.

Gu sònraichte, ‘s aoibhinn leam gun deachaidh ceist a thogail mu dhéidhinn nam fo-thiotalan. ‘S e suidheachadh neònach a th’ ann far a bheil fo-thiotalan na Beurla glaiste air gach prògram. Tuigidh mi gu bheil feum againn air fo-thiotalan na Beurla, ach tha e neo-thaitneach air fad nach eil fo-thiotalan na Gàidhlig ann idir.

Mar gach Gàidheal cha mhór, tha Beurla agam cuideachd. Dar a bheil mi a’ feuchainn prògraman Gàidhlig amharc, tha fada ro fhurasta a bhith a’ leughadh agus a’ leanachd nam fo-thiotalan. Dar a tha a’ chainnt agad, cha bhi iad ach a’ tarraing d’ aire bhon Ghaidhlig. Nam biodh sinn a’ leanachd eisimpleir S4C, gheobhadh sinn fo-thiotalan ann am Beurla no ann an Gàidhlig leis a’ phutan dhearg. Carson nach eil seo againn cheana? Chan eil adhbhar fo ghréin ann.

Dar a tha cuideigin ag ionnsachadh na Gàidhlig, tha fo-thiotalan cuideachail. Faodaidh sibh na prògraman a leanachd, agus faodaidh sibh éisteachd ri fhuaimean na cainnte aig a’ cheart àm. An déidh beagan ùine, ruigidh sibh ìre far am biodh e fada nas fheàrr dhuinn fo-thiotalan na Gàidhlig a leanachd, ach gu làthaireil, chan eil an cothrom roghainn sinn ròmhan. Cha bhi fo-thiotalan Beurla ach a’ bacadh cuid mhòr de luchd-ionnsachaidh. A’ bharrachd air luchd-ionnsachaidh, tha duilich ri fhaicinn agus ri fhìreannachadh dé mar a bhiodh an suidheachadh seo freagarrach airson nan luchd-labhairt.

Le seo, mura bheil an suidheachadh freagarrach airson nan luchd-ionnsachaidh no nan Gàidheal fhéin, carson a tha seo an suidheachadh a tha ròmhan? An e sianail airson luchd na Beurla air nach eil ach coltas na Gàidhlig a tha iad ag iarraidh?

Bu chòir do BhBC Alba a bhith na àite airson na Gàidhlig, ‘s mar carson a tha feum againn a bhith a’ strì airson ar cainnte eachdraidheil air an t-sianail aice fhéi’? Dar a tha làmh an uachdar aig a’ Bheurla aig a’ mhórchuid de dh’ìrean san latha an-diugh. Cha bu chòir dhuinn a bhith toilichte le bun ìre de mhathas den leithid seo. Mura a bhios BBC Alba ag éisteachd ri gearrainn nan Gaidhlig, có ris a bhitheas iad ‘g éisteachd?

Chaidh mo bhrosnachadh dar a dh’ionnsaich mi gun robh an iomairt seo a’ dol air aghaidh. Ma tha spéis agaibh air a’ chùisean seo, cuiribh taic riubh aig www.gaidhlig.tv

Continue reading

Posted in BBC Alba, Gaelic, Gàidhlig, Scotland | Comments Off on Fo-thiotalan air BBC Alba