Author Archives: Críostóir de Piondargás

Mac Bheatha an lighiche & MacIlleEathain

Àras, Muile far an deachaidh am Peutanach a chéilidh air MacIlleEathainn

Tha Clann Mhic Bheatha, lighiche do Rìghrean Innse Gall agus Rìghrean nan Albannach ainmeil airson sàr-obair léighe thar nam bliadhnaichean. Tha e fìor gu bheil ainmean Mhic Bheatha ri leughadh air clàr nan oileanaich aig feadhainn de na h-oilthighean as motha ann an Roinn Eòrpa anns na Meadhan Aoisean, Salerno, Bologna, Monte Casino agus Montpellier nam measg.

Aig aon àm, ri linn sàr-obair Chlann Mhic Bheatha, bha a’ Ghàidhlig, aon de na trì cànanan eile, Laideann, Greugais agus Arabais a bhiodhte ga h-ùisneachadh airson sgrìobhainnean léighe.

Bhiodh Clann Mhic Bheatha a’ measgachadh sàr ionnsachadh léigh nam Meadhan Aoisean agus seann eòlas Gàidhealach nan luibhean. Ach a-réir coltais, cha chuireadh dòighean-obrach neo-ghnàthach dragh air feadhainn den Chlann, cho fhad ‘s a thoireadh iad toraidhean.

Latha a bha seo, latha a bha siud, bha bodach MacIlleEathain na leabhaidh fo bhuaidh tinneis. Thigheadh càirdean, companaich agus coimhearsnaichean a chéilidh air. 

Roimhe cheann fhada, dh’fhàs e seach searbh sgìth den tinneas agus an uiread de dhaoine a bhitheadh a’ tighinn a-staigh. “Cà’ bheil am Peutanach? Cuir fios air Mac Bheatha agus innis dha gu bheil mi nam leabaidh fo bhuaidh tinneas na galla seo!” Ars’ MacIlleEathain.

Sin na rinn iad. B’ ann á Àras ann am Muile a bha m bodach a bha seo agus le sin, b’ e Seumas Mac Bheatha, an leighiche a tháinig fhaicinn. Dar a chaidh an lighiche don leabaidh thubhairt MacIlleEathain “O Mhic Bheatha, Mhic Bheatha an léighe! Tha pian mhór nam bhrù. Nach leighis sibh mi ma tha sibh comasach ri dhèanadh?”

Ceann tacain, dh’innse Mac Bheatha do MhacIlleEathainn gun robh fhios aige na bha ceàrr air. Bha othras na bhrù. Thubhairt Mac Bheatha gum biodh e comasach a leighis, ach bhitheadh aige ri falbh agus tilleadh ceann beagan làithean.

“O Mhic Bheatha, Mhic Bheatha, leis a’ phian mhór seo nam bhrù agus sluagh aig cois mo leapa, chan faigh mi cadal samhach. Feumaidh gu bheil thu comasach rudeigin a dhèanamh?” Arsa MacIlleEathain.

“Nist.” Arsa Mac Bheatha. “Tha aona rud ann, ach bhitheadh agam ri tilleadh ceann beagan làithean fhathast.” “Ceart” Arsa MacIlleEathain. “Dèanaibh na dh’fheumas sibh” Agus sin na rinn Mac Bheatha.

Sheas Mac Bheatha air beulaibh an teine agus chuir a chùl ris a’ ghealbhan mhór agus rinn e cac. Theas Mac Bheatha an cac anns an teine gus nach robh ann ach pùdar dubh. Chruinnich an lighiche am pùdar agus chuir e ann am measair dubh e agus chroch e e air leabaidh MhicIlleEathain.

“Ceart” Ars’ am Peutanach. “Tillidh mi ceann beagan làithean agus fhad ‘s a chrochas am measair seo air bhur leabaidh, théid bhur leighis, agus fàsaidh sibh nas làidir.” Agus dh’fhàg an lighiche.

An ath latha, mar as àbhaist, tháin’ an sluagh, tháin’ na càirdean, caraidean agus coimhearsnaichean a chéilidh air a’ bhodach bhochd. Dh’iarr fear dhiuch air a’ bhodach “Dé am pùdar dubh anns a’ mheasair dhubh seo a tha a’ crochadh air bhur leabhaidh MhicIlleEathain?”

“O” Arsa MacIlleEathain “Chan e ach leighis a th’ ann. Thug Seumas Mac Bheatha, an lighiche, e dhomh agus thubhairt e gun téid mo leighis agus gum fàs mi nas làidir.” Dh’aithnich am fear an t-ainm Seumas Mac Bheatha, leis cho ainmeil ‘s a bha comas an teaghlaich. Bha annas aige den ‘léigh’ a bha seo cho làidir, ghabh e blasad dheth. 

Mhothaich am bodach na rinn e agus rinn e fìor ghaire mhór ris an duine. Bha e a’ ghàire cho làidir, bhrist am bodach othras na bronn agus dh’fhalbh a’ phian mhór. 

Roimhe cheann tacain, mar a gheall e dha, thill Mac Bheatha. Dar dh’innse am bodach dha na thachair cha tubhairt an lighiche ach “Nach b’ i an fhìrinn a dh’innis mi dhuibh?” agus dh’fhalbh e.


Continue reading

Posted in Alba, argyll, Beaton, Gaelic, Gàidhlig, Highlands, Medicine, Mull, Scotland | Comments Off on Mac Bheatha an lighiche & MacIlleEathain

Celtic FC: ‘S Ann Orra a Tháinig an Dà Latha

Brendan Rodgers agus Sgiobair Scott Brown le Cupa Lìg na h-Albann.

Chan eil ach beagan a’ bharrachd air 6 mìosan bhon uair a chur barrachd air deich mìle luchd-leantainn Celtic fàilte air Bredan Rodgers. 
Ged nach eil an latha blàth ud anns an Òg-mhios cho fada ás ar cuimhne, tha cùisean a’ chomann air atharrachadh gu mór. 

Bhon uair a chaidh an naidheachd gu bàrr gum bitheadh Brendan Rodgers na mhanaidsear Celtic, tha am brosnachadh air a bhith gabhaltach. Cha tug stiùireadh Rodgers mealladh-dòchais do na luchd-leantainn idir.

  
Bheir an Cupa Lìg na h-Albann deagh eisimpleirean dhuinn de na h-atharrachaidhean aig Celtic, far an bhuannaich Celtic a’ chiad gheall-dùbhlain na bliadhna, agus a’ chiad fhearr de chùrsa-dreuchdRodgers.
A bharrachd air a’ chuairt dheireannach, far an do chìosnaich iad an dara sgioba as fheàrr anns an dùthaich, cha do leig Celtic fiù ‘s aon tadhal thairis troimhe ‘n cho-fharpais. Bhitheadh seo do-chreidsinneach an-uiridh agus ’s ann air Celtic a tháinig an dà latha.
Tha e fìor gun do rinn feadhainn de na cluicheadairean ùra diubhair mhór, Moussa Dembélé agus Scott Sinclair nar measg, ach ’s e leasachadh nan cluicheadairean a tha iongantach.
Nam fàgadh Scott Brown, Seumas Forrest no Stiùbhairt Armstrong an comann cha bhiodh móran dubh an aghaidh. Bha meall ag aontachadh gun robh làithean as fheàrr Brown seachad, agus nach robh an dithist eile comasach ri cluich aig an ìre as àirde gu cunbhalach.
Tha Brown fhéin air a bhith soilleir dar a thubhairt e gur e Rodgers a rinn a diubhar am bliadhna, agus esan ràdh gu bheil cùisean gu tùr eadar-dhealaichte bhon uiridh. An-déidh sia mìosan le Rodgers aig an stiùir agus tha Brown air a bhith fear de na cluicheadairean as fheàrr aig ìre UEFA Champions League. Tha Forrest a’ cumail a-mach cluicheadair £12m air a’ bheing agus tha Armstrong, a bha a’ strì gu mór an-uiridh, air a bhith cho chofhurtail ‘s a ghabhas ann am meadhan na pàirce.

Dar a fhuair e dreuchd Celtic, gheall Ronny Deila do luchd-leantainn Celtic gum faiceadhiadnòs cluiche luatha, a bhitheadh stéidhichte air fàsadh gu h-àrd. Cha táinig aisling Deila gu buil, ach fo stiùireadh Rodgers, tha iad a’ faicinn dòigh cluiche den leithid a bha a dhìth.

Bha seo follaiseach aig Pàirc Hampden DiDòmhnaich. Dh’fheuch Obar Dheithean ri shuidhe gu domhain. Ged a tha e coltach gun robh am manaidsear MacAonghais ‘n dòchas gum faigheadh iad cothrom no dhà nan dèanadh Celtic mearachd, cha tabhair sin idir.

Thug Obar Dheithean spàs gu leòr do Celtic agus ’s ann anns an t-suidheachadh seo a chìthear toraidhean obair Rodgers. B’ urra do Celtic am ball a ghluasachd gu furasta, a’ brùthadh Obar Dheithean fàd an fheasgair.

An-uiridh, chaidh Celtica chàineadh agus bhathar ag ràdhainn gun robh iad an urrachd ri tadhail Leigh Griffiths gu ìre mór. Am bliadhna, tha Celtic air a bhith a’ sealltainn gun tig tadhail bho chluicheadairean eile, agus bho àiteachan eile air a’ phàirc.

Chan iongantach gun táinig a’ chiad agus an dara thadhal bho taobh a-muigh a’ bhogsa agus Obar Dheidhinn a’ suidhe cho domhain. Sheall Celtic gun robh iad ceart cho cunnartach bho nas fhaide na ochd slatan deug.

Chan ann air a’ phàirc a-mhàin a chìthear leasachaidhean ach troimhe ‘n chomann air fàd. Tha am frithealadh aig geamaichean nas dlùithe ri àireamhan nach fhacaidh sinn bho linntean Gòrdan Strachan agus Màrtainn Ó Niall. A-réir coltais, tha an comann air dlùth ri ticeadan-seusain a chreic.

Gu dearbh tháinig guthan eu-dòchasach nam meadhanan gu barr. A-réir seann chluicheadair Celtic, Andy Walker, cha chuir Brendan Rodgers ach bliadhna na dhà seachad aig Ceann na Pàirce mus till do Prìomh-lìg Shasannaich.
Theagamh gu bheil Walker ceart, aig a’ cheann thall, cha do chuir José Mourinho fhéi’ barrachd air trì bliadhna seachad aig aon chomann. Theagamh, gu bheil seo mar a tha cùisean le manaidsear anns na làithean seo.

A dh’aindheoin seo, ma tha Walker agus a leithid airson ball-coise na h-Albann a bhrosnachadh, bhiodhte a’ smaoineachainn gum biodh e toilichte gu bheil manaidsear den leithid Rodgers ann an Albainn gun a bhith a’ smaoineachainn mu dheidhinn an uair a dh’fhalbhas e.

Dar a chuir Brendan Rodgers fàilte air an t-sluagh a chruinnich aig Ceann na Pàirce DiDòmhnaich, bha e soilleir gu bheil dlùth-cheangal aige ris a’ chomann agus a’ choimhearsnachd anns a bheil e stéidhichte.

Có aige a tha fios cho fad ‘s a bhitheas Brendan Rodgers ag obair ann an Albainn ach feumaidh luchd-leantainn Celtic luach a chur air cho fad ‘s a tha e ann. Tha e fìor nach bi manaidsearan a’ fuireach aig comainn fad ùine mhór gu h-àbhaist. Air an làimh eile, tha e ceart cho fìor nach e manaidsear àbhaisteach a th’ ann an Rodgers agus nach e comann àbhaisteach a th’ ann an Celtic.

Tha mi ‘n dòchas gun còrd a dhreuchd aig Celtic ri Brendan Rodgers. Còrdaidh i riumsa gun teagamh sam bith. Continue reading

Posted in Alba, Celtic, Celtic FC, football, Gàidhlig, Scotland, Scottish Gaelic, Sport | Comments Off on Celtic FC: ‘S Ann Orra a Tháinig an Dà Latha