Author Archives: Rhona

Lèirmheas | Lus na Tùise le Marcas Mac an Tuairneir

Chaidh an dàrna leabhar bàrdachd le Marcas Mac an Tuairneir, Lus na Tùise, fhoillseachadh san t-Samhain. Tha Rhona air a bhith ga leughadh. Do chuideigin coltach rium fhìn – cuideigin a tha air a bhith a’ leughadh gach leabhar Beurla air an d’ fhuair mi greim bhon a bha mi nam nighean bheag ach aig… Continue reading

Posted in bàrdachd, Cànan & Cultar, litreachas, Marcas Mac an Tuairneir, Rhona NicDhùghaill | Comments Off on Lèirmheas | Lus na Tùise le Marcas Mac an Tuairneir

Bàrdachd | cathair na cuibeige, 2009

          cathair na cuibeige, 2009 thig a’ cheist sin thugam fhathast nuair a smaoinicheas mi air, agus air an t-samhradh ro ghoirid far nach robh sinn còmhla, agus far an robh an dithis againne a-muigh fo uisge an fheasgair ud, fhaclan ann an cànan nach do bhuin dha, agus, às an… Continue reading

Posted in bàrdachd, Cànan & Cultar, Gun roinn-seòrsa, litreachas, Nathaniel Harrington | Comments Off on Bàrdachd | cathair na cuibeige, 2009

10 Òran | An Dàmhair

Tha Rhona air ais le taghadh de na h-òrain as fheàrr leatha am mìos seo. You and I – Margaret Glaspy Nan robh thu ag èisteachd ris an rèidio sna beagan mhìosan a chaidh seachad, bidh thu air òrain Glaspy a chluinntinn,You and I, air no Emotions and Math no Somebody to Anybody, uile bhon chiad chlàr… Continue reading

Posted in Cànan & Cultar, Ceòl, Rhona NicDhùghaill | Comments Off on 10 Òran | An Dàmhair

Misneachd ri Faicinn ann an Èirinn

Tha Màrtainn Mac A’ Bhàillidh bhon bhuidheann ùr, Misneachd, air tillleadh bho chruinneachadh ann an Èirinn. Seo na dh’ionnsaich na h-Albannaich bho ar caraidean air air taobh eile Struth na Mhaoile. Uill a charaidean, tha sinn air tilleadh dhachaigh às dèidh turas iongantach ann an Èirinn, a’ tadhal air muinntir bhlàth, chàirdeil, is làn mhisneachd sa chultar… Continue reading

Posted in Èirinn, Cànain, Cànan & Cultar, cànan, còraichean, misneachd | Comments Off on Misneachd ri Faicinn ann an Èirinn

Lèirmheas | Fragility aig Iomall Fèis Dhùn Èideann

Ma bhios tu ann an Dùn Èideann am mìos seo cha b’ e gainnead thachartasan a bhios na thrioblaid dhut ach ùine gu leòr gus a h-uile rud anns a bheil ùidh agad fhaicinn. Seo moladh dhuibh o Rhona. Tha an t-uabhas de dhleabhan-chluich gan cur air dòigh sa bhaile san Lùnastal agus mar sin… Continue reading

Posted in Cànan & Cultar, drama, Fèis Dhùn Èideann, Rhona NicDhùghaill | Comments Off on Lèirmheas | Fragility aig Iomall Fèis Dhùn Èideann

Bròn is Brexit

Tha e fhathast ro naoi uairean sa mhadainn ’s mi a’ sgrìobhadh seo, ach mar-tha, tha Dàibhidh Camshron, a ghuth ga bhriseadh, air a dhreuchd mar phrìomhaire a leigeil dheth. Cuideachd, tha Nigel Farage, an dèidh dha òraid buaidhe a thoirt seachad, air ràdh gur e “mearachd” a bh’ ann nuair a thuirt an iomairt… Continue reading

Posted in Brexit, Eòrpa, Naidheachdan & Poileataigs, poileataigs, RE | Comments Off on Bròn is Brexit

Dùbhlan Shanjeev | BBC Alba

Feumaidh mi ràdh an toiseach gu bheil mi measail air Sanjeev Kholi. Cuideachd, mar neach a dh’ionnsaich a’ Ghàidhlig mar inbheach agus a bhios ga teagasg do luchd-ionnsachaidh eile, tha ionnsachadh na Gàidhlig air fear de na cuspairean as fheàrr leam. Mar sin, ‘s e briseadh-dùil a bh’ ann dhomh gun robh am prògram seo… Continue reading

Posted in Cànain, Cànan & Cultar, cànan, ionnsachadh, Rhona NicDhùghaill, TBh, TV | Comments Off on Dùbhlan Shanjeev | BBC Alba

Achd na Gàidhlig | 10 bliadhna de dh’aois

Nì mi gealladh an toiseach. Chan eil mi a’ ciallachadh gun tèid seo na sgeulachd coltach ri Forrest Gump far a bheil amadan a’ nochdadh aig amannan cudromach ann an eachdraidh na dùthcha, mar sin ma bhios an coltas sin air, gabhaibh mo leisgeul. O chionn deich bliadhna an t-seachdain seo, chaidh Achd na Gàidhlig… Continue reading

Posted in Achd na Gàidhlig, Cànain, Cànan & Cultar, cànan, eòghan stiùbhart, poileataigs | Comments Off on Achd na Gàidhlig | 10 bliadhna de dh’aois

Sùil air na h-Oscaran

Ma chaill sibh na h-Oscaran a-raoir, na gabh dragh – sa phìos seo, tha sinn a’ toirt sùil air na thachair aig precursor nan Duaisean FilmG. Bha an t-uisge a’ dòrtadh air Los Angeles a-raoir – “a bit squishy on the carpet”, mar a thuirt Benedict Cumberbatch, a’ buannachadh na duaise airson an duine as… Continue reading

Posted in Cànan & Cultar, FilmG, Fiolm, na h-Oscaran | Comments Off on Sùil air na h-Oscaran

Mì-chothrom na Cumhachd aig Ìre Ionadail

B’ e droch sheachdain a bh’ ann do dheamocrasaidh ann an Earra-Ghàidheal an t-seachdain sa chaidh. An dèidh do chompanaidh coimhearsnachd ann an Comhghall, SCCDC, na ceudan de dh’uairean a chosg air an iomairt Còir Coimhearsnachd Air Ceannachd aca airson Caisteal an Toll Àird, fhuair iad a’ bhròg bho Chomhairle Earra-Ghàidheal ‘s Bhòid mu dheireadh… Continue reading

Posted in comhairlean, deamocrasaidh ionadail, Earra-Ghàidheal 's Bòd, Naidheachdan & Poileataigs, poileataigs | Comments Off on Mì-chothrom na Cumhachd aig Ìre Ionadail