Author Archives: Steaphan

Dualchas suaicheanta Okinawa

Ghabh Steaphan cuairt do dh’eilean Okinawa fada gu deas air prìomh eileanan na h-Iapain ann am mìos an Iuchair. Fad 450 bliadhna, bha Okinawa agus eileanan eile sa cheàrn sin fo uachdranas Rìoghachd Ryukyu gus an do ghabhadh thairis iad le Ìompaireachd na h-Iapain an 1879. Mar sin, chan fhaighear mòran iomraidh orra ann an leabhraichean… Continue reading

Posted in Cànan & Cultar, cuairt, Iapan, Okinawa, Ryukyu, siubhal, tùras, Zamami | Comments Off on Dualchas suaicheanta Okinawa

Stiùiriche an taigh-tasgaidh nàiseanta, Gordon Rintoul, ri dìmeas air a’ Ghàidhlig

*“Is e seo taisbeanadh a tha a’ ruith air sgrìob anabarrach mòr de dh’eachdraidh na h-Eòrpa thairis air 200 bliadhna. Tha sinn ag innse sgeul farsaing mu na h-oidhirpean aig na Seumasaich gus teaghlach nan Stiùbhartach ath-aisig chun a’ rìgh-chathair. Chan e sgeul Albannach, no sgeul cumhang le dàimh Ghàidhealach a tha seo.” Dr Gordon… Continue reading

Posted in Cànain, Cànan & Cultar, cultar, Eachdraidh, Foghlam, Gordon Rintoul, na Seumasaich, na Stiùbhartaich, Naidheachdan & Poileataigs, NMS, Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba, taisbeanadh nan Seumasach | Comments Off on Stiùiriche an taigh-tasgaidh nàiseanta, Gordon Rintoul, ri dìmeas air a’ Ghàidhlig

Is e cridhe cultair a chànan

Sùil air a’ chruadalachd a dh’adhbhraich crìonadh na Gàidhlig, agus ceist ann mu bhuaidh Brfhàgail oirre san latha an-diugh. ————————————— more—————————————————- San 19mh agus san 20mh linn chaidh Gàidhlig a thrèigsinn mean air mhean le mòr-shluagh na Gàidhealtachd –  a dh’aindeoin orra , dh’fhaodadh tu ràdh – a chionn ´s gun robh a’ Ghàidhealtachd fo chìs Shasainn… Continue reading

Posted in An Cogadh Mor, Brfhàgail, Cànain, còraichean, croitearachd, cultar, Eachdraidh, fuadaichean, Gàidhlig, Naidheachdan & Poileataigs, strì an fhearainn | Comments Off on Is e cridhe cultair a chànan

Gairm do cheòladairean Albannach : tha forfhais mhath oirbh san Iapan

Bho chionn faisg air mìos, chaidh Joy Dunlop agus Rachel Hair air turas-ciùil don Iapan airson a’ chiad uair a-riamh. Chaidh leotha gu math, agus seo agaibh aithris mu dheidhinn. Bha nòisean aig Joy — seinneadair Gàidhlig is dannsair-ceum às an Òban— a-riamh turas a ghabhail don Iapan uair no uaireigin, agus cho luath ´s a… Continue reading

Posted in Cànan & Cultar, Ceòl, ceòladairean, clàrsair, cuirm-chiùil, cultar, dannsa, dannsa-ceum. clàrsach, Joy Dunlop, Rachel Hair, seinneadair | Comments Off on Gairm do cheòladairean Albannach : tha forfhais mhath oirbh san Iapan

Ceann-cinnidh nam maragan uile

Mùirneach, cridheil ’s a tha d’ aodann Ceann-cinnidh mòr nam maragan uile, Os an cionn, tha thu nad shuidhe, Maodal, sgamhan, mionach no caolan, ‘S tu tha airidh air an altachadh daonnan Cho fada rim làimh ’s rim ghàirdean. Tàth-chuid 1 mhaodal caora Mionach na caora (ʼs e sin: an t-adha, an cridhe, na sgamhanan)… Continue reading

Posted in bàrdachd, biadh, Burns, Cànan & Cultar, còcaireachd, litreachas, Raibeart Burns, reasabaidh, taigeis | Comments Off on Ceann-cinnidh nam maragan uile

Lèirmheas | Faclair-pòca Fraingis/Gàidhlig – Gàidhlig/Fraingis

Ag iarraidh cànan eile a thogail sa bhliadhn’ ùir? Dè a’ Ghàidhlig air je ne sais quoi? Steaphan a’ toirt sùil air Faclair Gàidhlig / Fraingis. Allons-y! Chaidh faclair Gàidhlig a chur thugam bho chionn dà sheachdain; faclair a bh’ air fhoillseachadh ann an 2015 ach nach do laigh mo shùil air thuige seo. Cha… Continue reading

Posted in Cànain, faclair Fraingis, faclair Gàidhlig, Foghlam, Fraingis, Gàidhlig | Comments Off on Lèirmheas | Faclair-pòca Fraingis/Gàidhlig – Gàidhlig/Fraingis

Rabhd na Bliadhn’ Ùir

An turas roimhe a bha mi fada a’ fuireach san Iapan, thill mi a dh’ Alba airson – mar a bha mi an dùil aig an àm – an uair mu dheireadh dhem bheatha. Bha mi a’ dol a-steach do dh’obair ùr daingeann sa Ghàidhealtachd, agus bha mi am beachd (ann am mòr-bheachd, a dh’innse… Continue reading

Posted in adhbhachas, fìor ghàidheal, gàidhealach, Rosg, Sgrìobhadh Cruthachail | Comments Off on Rabhd na Bliadhn’ Ùir

Aineolas a’ cur smal air ar sunnd?

Ma tha thu dèidheil air cànan is cultar na Gàidhlig, dè a’ chiad rud a bheir buil air d’ inntinn nuair a leughas tu aistean aineolach an aghaidh na Gàidhlig; mar as trice, le colbhaichean stèidhichte nam pàipearan Gallta is Sasannach? Tàire? Fearg?  Sprochd? Coma co-dhiù? Thar nam mìosan ʼs thar nam bliadhnachan, seachdain an dèidh seachdain.… Continue reading

Posted in Beachd, beachdan aineolach, Cànain, colbh, colbhan, cultar, Naidheachdan & Poileataigs, nàimhdean na Gàidhlig | Comments Off on Aineolas a’ cur smal air ar sunnd?

Speactram

Speactram Le Marcas Mac an Tùirneir Cùm do bhrataichean fuadain Air falbh bhuam a-nochd. Chan fhaic mi dathan an speactraim sin, Ach fuil air an ùrlar-dannsa.   Craiceann ga liathadh le làmh a’ bhàis, Na bilean binn a’ briosgadh, a’ sireadh A’ phòig mu dheireadh; Rud a spreag murt na splaoid.   Na h-aodainn sgàinte… Continue reading

Posted in bàrdachd, dathan, fasgadh, Marcas Mac An Tuirneir, Sgrìobhadh Cruthachail, speactram | Comments Off on Speactram

Beachdan cronail aig daoine aineolach

Le Eilidh NicDhonnchaidh Chunnaic mi rud an-diugh air Facebook a chur an dà chuid fearg agus gàire orm. Chan ann tric a thig an dà ghluasad-inntinn a tha sin aig an aon àm. Bha fear an siud a’ gearan air cho cunnartach ‘s a tha rathaidean air a’ Ghàidhealtachd san latha an-diugh. ‘S e puing… Continue reading

Posted in aineolas, amadain, beachdan aineolach, gearan, glaoic, Gun roinn-seòrsa, soidhnichean Gàidhlig | Comments Off on Beachdan cronail aig daoine aineolach