Sa mhadainn air an 24 Faoilleach an dèidh sneachda mòr, tha na rathaid air lathadh agus thachair 2048 sgiorraidh nan càraichen agus san sgìre Kanto. Thuit mòran daoine agus fhuair 464 daoine dochann.
Bha cnapan sneachda mòra air a bhith a' tuiteam bho Tokyo Sky Tree (634 meatair), an tùr ann an Tòcèo agus bha na luchd-coimhid ag iarraidh air luchd-coiseachd a bhith a' toirt an aire.
Air an 25, tha Shungo Yamaguchi, poileasman (Poileas Siorramachd Chiba) air a chur ann an greim. Bha e a' fuireach ann an fhlat a' pholeais. Thàinig e a-steach dhan ath doras aig poileasman eile. Ach thàinig am poileasman a dhachaidh. Bhris e an uinneag a' chidsin agus fheuch e ri faighinn às. Ach bha poileasman eile air a' cheum agus bha e air ga bheilsinn.
Tha tòrr buidhnean Gàidhlig gu bhith a’ cleachdadh seirbheisean Gàidhlig na Pàrlamaid anns na beagan seachdainean is mìosan a tha romhainn. Bidh sgioba foghlam a-muigh na Pàrlamaid a’ dèanamh seiseanan Gàidhlig ann am Bun-sgoil Ullapuil agus Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis. … Continue reading →
Tha Ryo Uchida, co-àrd-ollamh de Oilthigh Nagoya air cunntas a thort air sgiorraidh de Judo, ealain mhàirsealach traidiseanta Iapanach sna sgoilean.
Judo
A rèir an cunntais aige, bhàsaich 114 sgoilearan (39: àrd-sgoil na òigridh agus 75: àrd-sgoil) le sgiorraidh de Judo sna sgoilean eadar 1983 agus 2010 agus chan e ach 14 sgoilearan dhiubh a bhàsich am feadh clas.
Agus thachair 275 sgiorraidh troma eile de Judo sna sgoilean eadar 1983 agus 2009 agus fhulaing na sgoilearan an dà chuid de dhochann agus dèidh-bhuaidhe . Agus chan e ach...
Thug am Prìomh Mhinistear Ailig Salmond BPA Aithris Mhinistreil (ministerial statement) seachad an-dè air reifreann air neo-eisimeileachd do dh’Alba. Faodar an aithris aige a leughadh anns an Aithisg Oifigeil. Ach dè th’ ann an Aithris Mhinistreil? Tha aithrisean ministreil air … Continue reading →
Tha IMF (Maoin-Airgid-Eadar-Nàiseanta) air cunntas a thoirt agus air sgrùdadh a thoirt mar "Chan eil 10% de VAT(Cìs Luach-Leasaichte) gu lèor airson call na buidsead (Iapanach) a thoirt a-nuas." Dh'innis Carlo Cottarelli, Stiùiriche Roin-Chùisean-Fioscalach de IMF dha na meadhanan "Feumar VAT a thogadh gu 15%" ann an Iapan.
Carlo Cottarelli, Stiùiriche Roin-Chùisean-Fioscalach de IMF
Tha e air cudthrom a chur air a bheachd mar "Feumaidh Riaghaltas Iapan a bhith fada nas ionnsaidheaiche." Cha bhi an riadh an Iasaid Nàiseanta Iapanach a' dol suas a dh'aithghearr ach "Chan fhaod a...
Diciadain 25 Faoilleach 2012 Seo na prìomh rudan air a’ chlàr ghnothaich an t-seachdain seo: 1.30 f Àm Cnuasachaidh – An Dr Urr Stiùbhart Gillan, Ministear, Eaglais Naoimh Mhicheil, Gleann Iucha. air a leantainn le Aithris Mhinistreil: Co-chomhairle … Continue reading →
Chan eil mòran air fhàgail de lìonra-rèile na h-Alba air nach do shiubhail mi fhathast. Chan eil ach aon loidhne mhòr (Obar Dheadhain – Inbhir Nis) agus rud no dhà ann an Srath Chluaidh air fhàgail.
Air Didòmhnaich 23 Faoilleach, bha an t-sìde ro mhosach fuar airson turais don Ghàidhealtachd agus cha robh airgead gu leòr agam às dèidh na Nollaig co-dhiù.
Mar sin, thagh mi Glaschu-Guireag.
Fhuair mi an 11.20 à stèisean a’ Mheadhain.
Ceòl air m’ i-pod: The Philip Lynott Album (4/10), Thin Lizzy Fighting (9/10), agus Thin Lizzy Nightlife (8/10).
Leabhar: In a Big Country: biography of Stuart Adamson (9/10).
Mu seachd uairean àrd an fheasgar air an 13 Dihaoine Faoilleach, bha fear ga nochdadh san bòrd-malairt-oidhche na oifis de Roinn Minatokita, Yokohama. Thug e 10 bagaichen-sgoile ùra agus bha e an dòchas gum bi na clann gan cleachdadh.
Bha oifigear airson an àinmh aige. Fhuairt e "Chan eil adhbhar a bhith a' fagail m' àinm ach.... 'S mise Jason" agus chaidh e air falbh.
Tha an oifis den roinn a' toirt tàing dha. Thèid a thoirt nan bagaichean dhan chlann san taigh-altraim-cloinne.
Bha e air an 13 Dihaoine agus is coltach gun robh e a' cantainn Jason den fhilm ris fhèin..